[68]

Sgeulachdan nan Taighean-Céilidh

Ged a shéideadh faoilteach oirnn
Is faobhar nan gaoth tuath,
Ged bhiodh an sneachdataosgadh
Sna stac ri taobh nam bruach,
Ged reothadh i mar stàilinn
Gu mullach àrd nan cruach,
Cha chumadh siud bhon chéilidh sinn
Farn cluinnte sgeul is duan.

Ged shileadh i gu dìorrasach
Le frasan fiadhaich fuar
S clach-mheallain tighinn bhon iarmailt
Ga siabadh oirnn mun cuairt,
Cha chumadh tuil no dìle sinn
S cha bhiodh oirnn sgìths no gruaim
S na h-eachdraidhean gan innse dhuinn
Le seanchaidh sìtheil suairc.

Bhiodh sloinneadh air ar sinnsearachd
Ga mhìneachadhs ga luaidh,
Bhiodh deasbad air an iasgach ann,
S gach deacair bhana ruaig;
Bhiodh tubaistean is bàthadh,
Is gàbhaidhean achuain,
S bhiodh ionndrainn air na càirdean ann
Thug tuinn an t-sàile bhuainn.

Bhiodh Cogadh Mór aCheusair
Le chuid chreuchdan is -stàth,
A dhfhàg na ceudan mìle
Ann an ìobradh fuar abhàis;
Na sheanchas dhfhàgadh leòinte sinn,
S bu tric thug deòirnar pàirt
Acuimhneachadh achòmhlain sin
A thréig an deò sna blàir.

[69]
[70]

Chluinnte sgeul bhiodh sònraichte
Aig seòladair achuain,
A-muigh air bhàrr nam bòc-thonnan
Ri aimsir reòdhtas fhuar,
Adìreadh do na h-àrd-chroinn
S ateàrnadh asta nuas
S an iùbhrach dol gu dùbhlan
Ann an dùrantachd nan stuadh.

Bhiodh birlinnean MhicDhòmhnaill
Len cuid sheòl adol gu sàil,
Afàgail bun Loch Aoineart
Le soillsna madainn thràth,
Aseòladh tro Chaol Ìle
Ri aimsir iargaltgràic
Gu fasgadh Carraig Fhearghais,
Mar chaidh ainmeachas san dàn.

A-muigh air bhàrr Cuan Éirinn
S muir ag éirigh do na neòil,
Bhiodh Mac Nìll cur bhréid rith
Gu reubadh nan tonn mòr’;
Cha chumadh aimsir Ruairidh
An àm ceangal cruaidh nan ròp
Bu Tartar anns achruadal e
An àm cur suas nan seòl.

Bhiodh bòcain agus sìthich
Atuineadh cinnteach feadh nam bruach
Bha iomadh sgeul ri innsorra
San tìm a chaidh air ruaig;
Bhiodh iad tric ri fàth-feith
Snan aincheist don an t-sluagh,
Acur geas air pàistean
S acur mhàthraichean fo ghruaim.

Chluinnte sgeul mun àirigh
Is mun mhànran is an ceòl
A bha cho tric atàrmachadh
Am measg nan àlach òg’;

[71]
[72]

Bhiodh tàin ann air am buachailleachd
A-muigh feadh chluaintean feòir
Bha saorsas sìth neo-bhuaireasach
Acuartachadh nan crò.

Dhfhalbh na taighean càirdeil ud,
Snan àittha gnàthachùr
S tha mhuinntir bha gam pàirteachadh
An-diugh acnàmh san ùir;
Tha dòighean eilair tàrmachadh
S than abhcaideachd air chùl,
S tha fàrdaichean an t-sòlais ud
S an còmhlaicheans iad dùint’.


[73]
titleSgeulachdan nan Taighean-céilidh
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page