[72]

Taigh Tasgaidh Chill Donnain

Mìle fàiltair an aitribhs air gach neach a chuir suas i,
Bidh i againn mar dhìleab bhios prìseil is luachmhor:
Chì sinn dealbhan ar càirdean a tha cnàmh anns na h-uaighean,
Chì sinn saothair an làmhan dearbhadh ànraidh is cruaidh-chàis.

Chì sinn innean na ceàrdaich farn drinneadh tàthadhs faobhar,
Chì sinn geamhlag achlachairs òrd bàrraidh an t-saoir ann;
Chì sinn làmh-cheàird aghreusaich’ ( ’s gur brèaghachuid shaothrach)
Agus meuran an tàilleir acur na snàthaid troimhn aodach.

Tha iomadh cuimhneachan àraid san àitseo for còmhair
Atoirt eachdraidh ar sinnsear anns na tìmean air fògairt:
Than crann treabhaidhs achliath ann, an criathars an t-sùiste,
S tha acfhainn nan steud ann, bann-bràghad agus cruipean.

Thachuidheall-shnìomhas an càrd ann, agus brà-bhleith an eòrna,
Than spaids an gràpann, ’s tha ràcan an fheòir ann;
Tha casan an fhéidh ann rinn ioma ceum feadh na mòintich
S gunna dùbailtan t-sealgair bu tric shealbhaich a bheòshlaint’.


[73]
titleTaigh Tasgaidh Chill Donnain
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page