[74]

Seann Taigh-Solais Chalbhaigh

Mìle beannachd dhut, a charaid,
Tighinn gu carraig air nach eòl thu,
S ma tha amaideasnad ghiùlain
Cuiridh ùine sin air fògair;
Ma thu seasamh ann ceud bliadhna
thu liathadh mar as còir dhut,
Is nochdaidh tonnan aChuain Sgìth dhut
Nach ann gun strì gheibh thu do bheòshlaint.

Ged a tha thu òg is làidir
S mòran chàirdean air do chùlaibh,
S iomadh oidhches thig éiginn
Nuair bhios séideadh air na dùilean,
Nuair a chopas tuinn na mara
Tighinnnan steallan geala tùillich
Cuimhnichidh tu orm an uair sin
S air gach cruas a bhanam dhùnach.

S iomadh oidhche ghruamach geamhraidh
Thug mi gealltainn agus dòchas
Do mharaiche nan tonnan uaine
Bhiodh air bhàrr achuain aseòladh;
An uair a shéideadh i bhon iar-dheas
Le frasan dìorrais air bheag tròcair,
S tric a rinn mo sholas iùil dhaibh
S e toirt an cùrsaireachd gu òrdagh.

Na dìochuimhnich aghruagach
Air a bheil an cuailean òrbhuidh’:
S tric a smaointean is a bruadar
Air na tonnan uaine cròiceach;
S tric bhios iomchoir’ ’na gluasad
Nuair thig séideadh cruaidh bho Aeòlas
Se dhfhàgna h-aonar anns an uair i
Gun tug i luaidh do dhfhear an t-seòlaidh.

[75]
[76]

Beòlach mi air luchd an iasgaich,
Bha iad riamh an-seonam nàbachd:
Beòlach mi air Raghnall mac Iagain
S am bàta brèaghaige, Naomh Pàdraig;
Nuair nochdadh i far Rubhna h-Òrdaig
Si bha bòidheach air an t-sàile
Chan fhaca mi re mo shaoghail
Dol tro chaolas cho àlainn.

Bha mi eòlach air na daoinud,
Bhiodh iad daonnan tighinnnam chàirdeas:
S duilich leam a bhith smaointinn
Nach fhaic a h-aon aca mi fàgail;
Rinn am feasgar aca ciaradh,
Chaidh an grian-san sìos air fàire
Tha iad ann an suain nan sìorraidh
Is tuinn aChuain an-Iar gan tàladh.

Chunnaic mi tric afalbh iad,
Gillean calma, smiorail, làidir,
Maighdeannan is mnathan òg
Adol air fògradh thar an t-sàile;
S mi bhiodh muladach gan ionndrainn
Agus tùrsach gun do dhfhàg iad
S bha mi ann a-seo nuair thill iad
Ged, mo chreach, nach dthill ach pàirt dhiubh.

Nam biodh meachdraidh air a h-innse
Ann am mìneachadh clò-bhualaidh,
Bhiodh luchd aithris agus sgrìobhaidh
Ann an iomartais a buannachd:
Tha mi ùine mhór san t-saoghal
S chan ann aotrom bhios mo chnuasachd
Tha mo chomasan cho àraid,
Dhionnsaich farpaisean achuain mi.

Chunnaic mi ri ruith nam bliadhna
Iomadh iorghaill agus còmhrag,
Dhfhiosraich mi Chogan t-Saoghail
S anns gach aon dhiubh ghabh mi -phàirt;

[77]
[78]

Chaidh mo dhleasnais a dhearbhadh,
Cha robh cearbaichenam dhòighean
Chan eil ailisean rim fàgail
No rin càrnadh aig mo chòmhlaidh.

Mìle beannachd le gach caraid
Bha cho daingeann air mo chùlaibh,
Gu h-àraid Lachlainn Mór MacCoinnich,
Fear cho sgoinneils tha san dùthaich:
Bha e math dhomhn réis nam bliadhna
Ann an tèarainteachd is cùram
Guma fada fallain slàn e
Tighinn don àite seo gad ionnsaigh.

Ach a-nis bhon thàinig caochladh
mi saod air a bhith gluasad,
Fhuair mi airgead na h-aoise
S tha mo shaorsair a buannachd;
Théid mi cuairt am measg nan còmhlan
S fàiltichidh mi le deòin is suairciad
S cha lorg iad aineolasnam chòmhradh
Ged a ruiginn bòrd nan uaislean!


[79]
titleSeann Taigh-Solais Chalbhaigh
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page