[80]

A’ Ghàidhlig

Cànain thaitneach inntinneach a dh’ionnsaich mi ’nam òig’
’S a-chaoidh gu bràch nach dìobair mi gu’n sìnear mi fon fhòd:
Ged tha mo Bheurla -neartach, ’s gun mhòran brìgh no treòir,
Cha dèan a gainne dìteadh dhomh ’nam chuairt an tìr nam beò.

Tha Ghàidhlig neartmhor ùmailteach is math an cùirt an t-sluaigh,
Tha i fonnmhor meadrachais gu mùigeachd chur air ruaig;
Tha puing a ciùil cho brìoghmhors cho sìtheil tighinn gu dchluais
Gun tàlaidh i an trom-inntinneach gu sàmhchair tìr na suain.

An uair a thig an deacaireachds an riasladh mar as dual
Thig furtachd gu ar crìochan le seanchas diadhaidh suairc;
Tha còmhradh ciùin sa Ghàidhlig don ànrach sa chàs-chruaidh
Mar sholas iùil don t-seòladair air bòc-thonnan achuain.

Bha am fiosaiche ag ràdha gun robh Ghàidhlig aig na h-eòin,
Gun robhn lon-dubh ri bàrdachds afilleadh dhàn an clò,
Snar beachdaireachd gheurchuiseach ri còisir eun sna neòil
Gun cluinn sinn fuinn na Gàidhlignan cuid àbhachdais is ceòl!

Chan iongnadh leam aGhàidhlig a bhith tàrmachadhnam smuain
A liuthad oidhche a dhéist mi ris na sgeulachdans na duain
Aig bodaich chalma liath-cheannachs gur crìon tha iad san uaigh
Fois is sìth na sìorraidh dhaibh, is sàmhchair ciatbith-bhuan.

titleA’ Ghàidhlig
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page