[8]

An t-Eun Fuadain

Chan i seo an dùthaich dhan dùthchas dhut bhith tàmh:
Chuir stoirm is gailleann faoiltich thu air faondradh thar an t-sàil;
Dhfhàg thu cridhe brùitagainn thu dhol a-null cho tràth
A dhainneoin ar cuid cungaisich, cha dchum sinn thu bhon bhàs.

Tha itean bòidheach ciatach ort cho dubh ri fiamh na teàrr
Is broilleach mar an sneachda bhiosna stac air feadh nan càrn;
Tha spògan beaga rìomhach ort cho mìn ri canach blàir
Is dhearbh iad dha mo shùilean gum bu dùthchas dhut bhith snàmh.

Rinn mi uaigh bhòidheach dhut bho fhòirneart air do dhìon
Is rinn mi ùrnaigh shoisgealach, oir toil leam ceòl nan ian;
Nuair thig an latha sònraichte chaidh òrdachadh le Dia,
Bidh thusa snàmh gu sòlasach air bòc-thuinn aChuain Siar.


[9]
titleAn t-Eun Fuadain
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page