A’ Ghaoth an-Iar tha Séideadh thar na Mara
A’ ghaoth an-iar tha séideadh thar na mara
A-nall bho dhùthaich bheairteach Tìr nan Craobh,
An inn’s thu sgeul dhuinn mun mhuinntir a chaidh thairis
’S a thriall air astar fada troimh na caoil?
An do dh’ionndrainn iad an càirdean is an dachaigh,
Na glinn agus na machraichean ’s na raoin,
Na cluaintean san do ghluais iad òg le caithream
Gun smaointean ac’ air earras no air maoin?
Na cnuic agus na gnobain uaine chorrach
Far ’m bòidheach dh’fhàsas raineach air gach taobh,
Far ’m faic sinn cluaran-deilgneach air a’ mhonadh
’S far an tàmh le sonas a’ chearc-fhraoich?
Far ’n cluinn sinn ceòl na cuthaig anns a’ chéitean
Nuair thilleas i gu Éiseabhal nan stùc:
Gheibh i mìle fàilt’ bho shean is òg ann
’S i beòthachadh ar dòchas dhuinn as ùr.
Bu tric a dh’éist an cluas ri gàir na mara
Nuair bhristeadh tonnan geala feadh na tiùrr —
Na tuinn sin rinn an giùlain fad’ bho’n eòlas
Nuair sheòl iad orr’ ’nam fògarraich a-null.
Bha dìsle ann an tathaich an taigh-chéilidh
Far an cluinneadh iad na sgeulachdan ’s na duain,
Far na dh’fhiosraich iad an coibhneas anns a’ chòmhradh
Mu chagailtean an t-sòlais mar bu dual.
Far ’n cluinneadh iad na h-eachdraidhean gan innse,
Gach facal air a mhìneachadh dha’n cluais —
Shloinneadh iad an càirdeas is an sinnsear,
A’ meòmhrachadh air tìmean fad’ air ruaig.
Sheòl iad fada bhuainn air tuinn an t-sàile
’S dh’fhàg iad tìr a’ chrà-gheòidh as an déidh
Far ’n éisteadh iad ri ceòlraidh ghrinn na Gàidhlig
Ri taobh a’ ghealbhain bhlàith ’nan dachaigh fhéin.
Far ’n cluinneadh iad an smeòrach anns a’ mhadainn
’S an uiseag aotrom ealanta toirt sunnd,
Guileag eala bhàin a’ snàmh air locha
Is earrach eil’ air teachd gu tìr an fhraoich.
title | A’ Ghaoth an-Iar |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |