An Sgurra Beag
Air cliathach Éiseabhail chorraich far bheil fraoch agus borran ri fàsachd,
Far ’m bi chuach anns a’ Chéitean le fonn na féin-thoil cur fàilt’ oirnn,
Tha Sgurra Beag nan creag chiar-chas air stéidh iarnaidh nach fàilnich
’S ged a shéideadh na sìontan cha toir iad iargain no tàir dhut.
Tha thu ann troimh na linntean ’s chum thu ’n t-sìth ’s an t-sàmhchair —
Cha chluinn mi iomradh san tìr air thu bhith strì ri do nàbaidh;
Ged rachadh coigreach neo-dhligheachais thar do chrìche le dànachd,
Sann le deagh ghean is dìlse a théid da-rìreadh an fhàilt’ air.
Ged tha thu carraigeach duaichnidh ’s coltas gruamach air t’ aodann,
Tha thu seasmhach gun truailleachd agus stuama gun aomadh;
Chan eil lag-bheirt ri luaidh ort ré do chuairt anns an t-saoghal,
’S ma tha dubhach ’nad ghruaidhean tha gaol is uaisle ’nad smaointean.
Tha fraoch badanach bòidheach mu do chòsagan àrsaidh
Tha ’na shuaicheantas sònraicht’ aig Clann Dòmhnaill nam blàth-chridh’:
Freumh dìleas is fosgarrach sliochd oirbheirt na dànadais —
’S bidh an ainm ann am beòthalachd fhads bhios cròic air na gàir-thonnan.
Anns a’ mhadainn bidh ’n eunlaith le fuinn bhriagha cur fàilt’ ort,
A’ toirt moladh dhan Trianaid a thug dìon fo do sgàil dhaibh,
A chum iad sàbhailt’ bhon dìorras is aimsir fhiadhaich no ascaoin
’S a rinn an aiseag le mìorbhail troimh dhoineann ìargaill no gàbhadh.
Gheibh iad fasgadh is aoigheachd am measg fraoidhnidh na bòidhche
’S nì iad cadal gu saor a dh’ainneoin gaoirich na dòbhaidh:
Iad ’nan suain anns an tèarainteachd am measg do chiar-chreagan ròcach —
Roghainn dachaigh an sgiathair a théid fo dhìon anns a’ ghlomhais.
Chì mi seallaidh tha ciatach ’s a nì leudachd dha m’ eòlas,
Chì mi tabh nan tonn iargaill far ’n dèan an t-iasgair a bheòshlaint;
Chì mi Chuiltheann tha ianach ’s bùird mhìorbhail MhicLeòid bhuat
S chì mi loingeas chrann àrda air muir ghàbhaidh a’ seòladh.
Ged as coimheach bhios t’ aogas an àm faoilteach a’ bhuairidh
Thig an samhradh le chaoine a’ cur aoibh air do ghruaidhean;
Bidh do chòmhdach cho rìomhach ri còta sìod’ na ban-dubhairiche
’S ann an deasbad na dìreachais cha bhi mi ’n nòs ri luaidh ort.
title | An Sgurra Beag |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |