Cluaintean Éiseabhail
Gur bòidheach cluaintean Éiseabhail nuair thig an céitean òirnn,
Nuair thig a’ chuthag dhubh-ghorm le loinn is sunnd is ceòl;
Air dìochuimhn’ théid an dùbhlachd is aimsir dhuibhre reòdht’,
’S bidh grian nan speur gar fàilteachadh le neart is càil is treòir.
Ged nach fàs na craobhan ort tha pailteas fraoich mu d’ bhruaich,
Chì sinn lusan maothalach gach taobh a théid sinn cuairt:
Bidh ’n t-sòbhrag òrbhuidh rìomhach ’na mìltean feadh nan cluan
’S bidh canach geal nan sléibhtean ’nan éideadh dhut gun uaill.
Air feasgair chiùin san t-samhradh bidh fann-ghuth tighinn gu m’ chluais
Aig monmhair cheòlmhor aibhnichean a’ triall ’nan deann gu cuan;
Bidh seillean ruadh is srann aige a’ deoghal phlannt nam bruach,
A’ càrnadh stòr a’ gheamhraidh nuair thig teannach’ na gaoith tuath.
Bidh iomadh seòrsa flùran bho d’ bhonn gu d’ chrùn a’ fàs,
Bidh neòineinean is dìtheanan a’ cinntinn mu do bhlàir;
Bidh frìth-raineach is luachair a’ cuartachadh do shàil
’S bidh cluaran uaine frìth-bhacach ’na dhìleab dhut gu bràch.
Tha cluaintean fasgach feurach ort ’s thu fialaidh ann mu’m pàirt,
Tha sgòrran seasgair tèarainte aig eunlaith air son tàmh;
Gheibh iad cadal aoibhneach troimhn oidhche fo a sgàil,
Toirt taingealais nuair dhùisgeas iad le cur an ciùil an àird.
Is iomadh eun nì tàmhadh le càirdeas feadh do bhruaich —
Bidh smeòrach ghlas san òg-mhadainn a’ seinn a ceòl ’s a duan,
Bidh ’n uiseag anns na speuran cho réidh ag éirigh suas,
Cur mìle fàilt’ air Éiseabhal nan glaic ’s nan réidhlean uain’.
title | Cluaintean Éiseabhail |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |