An t-Seann Chaora
Sann am Muile nam fuar-bheann
A dh’àraicheadh suas thu ’nad òig’ —
Eilean àlainn nan cluaintean
’S nan cas-bheanntan uaine fo cheò
Far bheil creachadh an fhuadaich
Ann an eachdraidh bhios buan ann an clò
Fhads bhios gairge nan stuadhan
A’ bristeadh le nuallan mu ’chòrs.
Bhon bha gluasad ’nad nàdar
Dh’fhàg thu gorm-eilean t’ àraich air chùl
’S ghabh thu d’ aiseag gu sàbhailt’,
Tro Chaol Mhuile ann am bàta na smùid;
Sann air Uibhist nan crà-ghèadh
A rinn thu gu dàna do chùrs’,
’S cha do dh’iarr thu gus fhàgail
Gu’n deach do thiodhlacadh sàmhach ’na ùir.
Fhuair thu bliadhnaichean saoghail
Nach eil tric air a shaoradh dha d’ sheòrs’:
Dh’fhàg siud eòlas aig daoin’ ort
A dh’fhiosraich ’nad aois thu ’s ’nad òig’;
Bha chlann bheag ort cho déidheil,
Se bhith ’nad chuideachd a b’ aoibhneas dha’n dòigh —
Bha togail inntinn cho dlùth dhaibh,
’S bha d’ asgaillean lùthmhor dha d’ fheòil.
Dh’fhàg thu cuimhneachain éibhinn
A bhios am pàirteachas déine mo smuain,
Thug thu deas-ghnàth dha m’ inntinn
A chuir gnùis-bhrat na mùigeachd air ruaig;
Tha gach nàbaidh gad ionndrainn,
Cha robh naimhdeas no diombadh ’nad chuairt,
’S gum bu lìonmhor na flùran
Bhios ’nan àilleachd a’ brùchdadh mu d’ uaigh.
title | An t-Seann Chaora |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |