Angela
Tha rìbhinn bhòidheach air tighinn as ùr oirnn:
Thug i sunnd agus sùgradh dhòmhsa
Mar ghathan gréine air uchd nan speuran
A’ fuadach éislein air sgéith an fhògairt.
Ged s àghmhor dìtheinean Beinn Parnassus
Bidh ainm an àilleachd gu bràch ri còmhradh:
A-cheart cho rìomhach tha blàth do shnuaidh-sa —
Tha h-uile buaidh ort as dual do dh’òg-bhean.
Chan eil flùr a nì fàs san t-samhradh
A nì samhladh dhut ann am bòidhchead
Mar shòbhrag mhìn-bhuidh’ ri taobh an alltain
’S grian na Bealltainn le geall ga h-òradh.
Mar dhreach an lon duibh am measg nan cléiteag
Tha d’ fhalt cho réidh ann an cumadh òrdail;
Tha blàths an t-samhraidh a’ snàmh ’nad ghruaidhean
’S tha mhil ga suaineadh an snuadh do bhòidhche.
Mar reul a’ deàrrsadh air bhàrr na h-iarmailt
Nuair nì a’ ghrian a dhol sìos fo sgòthan;
Mar dhealt a’ boillsgeadh cho ciatach rùnach
Sa mhadainn ùir am measg fhlùr is ròsan.
Do dheud cho geal ri sneachd san dùbhlachd
An glaic is stùc ann am meadhan mòintich,
Mar fhaoilinn bhàn bhios air bhàrr an t-srùthlaidh
Am mealadh sùgraidh air crùn nam bòc-thonn.
Guma slàn a bhitheas tu san dùthaich
Gu cridheil sunndach an Gleann na Ceòlraidh —
Do chadal suaineach air cluasaig chaoin-ghil
’S do dhùsgadh saodmhor le gaol is sòlas.
title | Angela |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |