Chì Mi Bhuam
Chì mi bhuam, chì mi bhuam,
Chì mi bhuam ann na seallaidh —
Chì mi monaidhean fo fhraoch,
Chì mi aonaich is bealaich.
’Na mo shuidh’ air mullach stùc
Anns an ùr-mhadainn earraich
Chì mi seallaidh ann mun cuairt
A bheir suairceas gu m’ aire.
Chì mi Hiort a-muigh san iar,
Dachaigh eunlaith na mara,
Cath ri tonnan glas’ a’ chuain
Nuair thig luasgan sa ghaillinn.
Chì mi Éirisgeigh nam flùr,
Chì mi null Eilean Bharraigh;
Chì mi Chuiltheann ’s Bùird MhicLeòid —
S tric na sgòthan gam falach.
Chì mi beanntan creagach Rùm,
’S air a chùl Eilean Chanaigh;
Chì mi Tiriodh ghorm nan cluan —
Tìr bu dual do luchd-ealain.
Chì mi mainnireach chruidh-laoigh
Air gach taobh anns a’ mhonadh,
Cuimhneachain na tìm a bhà —
Measgadh càs agus sonais.
Chì mi aibhnichean ’nan still
Triall troimh ghlinn chun a’ chladaich,
Chì mi eunlaith air an sgéith
Cur air ghleus an cuid caithreim.
Chì mi guilbnich agus naoisg,
Cearcan fraoich agus lachainn,
’S air gach bealach chì mi chuach
Tighinn thar chuantan gu’r n-amharc.
Chì mi churracag bhreac le sunnd
Cur na smùid dhith san adhar,
Teachdaire nan roghainn sgeul
G’eil ’nar déidh fuachd is gailleann.
Chì mi long a’ dol troimh chaoil
Cath ri gaoir-gheal na mara,
Gillean sunndach innt’ air bòrd
Dol thar bhòids’ air an aineol.
Chì mi rìbhinn an fhuilt òir —
S tric a bòidhchead air m’ aire
’S i cho snuadhmhor ris an ròs
Bhios fo òg-dhriùchd na madainn.
title | Chì Mi Bhuam |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |