[89]

Chan eil Sinn gun Sùgradh

Chan eil sinn gun sùgradh sa cheàrn seo dhen dùthaich,
Bidh minntinn-sa dlùthadh gu sunndach gu ceòl
S gun innis mi san duan dhuibh mu bhòidhche nan cluaintean
S nan cas-ghleanntan uainan do ghluais minam òig’.

Tha Éiseabhal stùcach le fraoch air a crùnadh
Toirt seallaidh dha mshùil a bheir rùinteannam chòir;
Le aibhnichean luathais atriall chun nan cuantan
S nan garbh-thonnan uainbhios asluaisreadh mun chòrs’.

Tha eunlaith nan speuran aseinn air an sgéith ann
Le aiteas gun bheud ann an réidheachds an ceòl,
Ag itealaich sgèimheil cho bòidheach san iarmailt
S acaithream gum miann am measg riolainn is neòil.

Tha lochannan fìoruisgaig bonn nam beann sìon-bhuailt’,
Gur pailt lachainn riabhach ag iadhadh mun òb;
Tha am breac ann ri iasgach, gum faigh thu gu dmhiann e
S gur taitneach am biadh es e riaraichtair bòrd.

Nuair thig àm h-Éill Pàdraig is aimsir na h-àilleachd
Bidh dìtheanan àghmhor afàs feadh an fheòir;
Bidhn t-sòbhrags an cluaran ag òradh nan cluaintean
S bidh ceileir na cuaichmar as dual san t-seann nòs.

Ged a tha mi fàs aostas mo bheachdan air caochladh
Cha leig mi le baobhachd bhithg aomadhnam chòir,
Bidh subhachas daonnan ag iadhadh mo smaointean
S bidh réimis gun daorscumail faondradh air bròn.

An uair ghlacas am bàs mi aig deireadh mo làithean
Le carthannachd chàich théid mo chàramh fon fhòd
Ann an ìochdar Chnoc Hàllainn am fianais na tràigh-ghil
Far an caidil min sàmhchair am measg nàbaidhean mòig’.

titleChan eil Sinn gun Sùgradh
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page