[8]

Cha Mhór tha ri Àireamh

Cha mhór tha ri àireamh dhe mluchd eòlais san àite,
Tha iad shìos ann an t-Hàllann acnàmh fo na fòid;
Cha chluinn iad aghàirich aig tuinn Lag an t-Sàile
S chan fhaic iad na crà-gheòidh asnàmh anns an òb.

Sa mhadainn cha dùisg iad le aiteas no sùgradh
Fo ghlasan nach mùth ann an duirche nam bòrd;
Cha treabh iad abhuaile, chan àitichs cha bhuain iad
Thàinig deireadh an cuairt ann an cluaintean nam beò.

Cha téid iad gu sàile ri lìonadh no tràghadh,
Cha chuir iad gu bràch crann bàtann am bròig,
Cha cheangails chan fhuasgail iad ròpa na cruaidh-shnaidhm,
Chan iomair chun an fhuaraidhs cha chruadhaich a seòl.

Bu chridheil am mànran nuair bhiodh iad mun cheàrdaich
Adeasbad mu chàirdeass mu ghnàthachd an òig’,
Bhiodh Niall Mhurchaidh afàsgadh na builg gu làidir
S iomadh coltairs crann-arain chaidh a thàthadh le mheòir.

[9]
[10]

Sa gheamhradh gum béibhinn bhith triall don taigh-chéilidh
Far an cluinneamaid sgeul ris an éisteadh gach seòrs’ —
Bhiodh snìomh agus càrdadh, bhiodh lìn ann rin càradh
S bhiodh ìm agus càisair a chàrnadh air bòrd.

Se bodaich bhiodh sunndach afroiseadhs asùisteadh,
Cha bhiodh gruaim air an gnùis, bha iad sùrdalach, beò;
Cha leigeadh iad mùigeachd bhith riaghladh an cùrsa
S bhiodh balgam sa chùil acde shùgh blastan eòrn’.

Bu tric agluasad a-mach feadh nan cruaidh-chnoc
Far am biodh iad aruamhar gu buannachd an lòin
Abristeadh, ’s ataomadh, is feamainn ga sgaoileadh,
Cha robh cobhair ri fhaotainn ach saothair nan dòrn.

Dhfhalbh iads cha till iad gu bràch do na glinn seo,
Ann an suaimhneas na sìth tha iad sìnte fon fhòd;
Ged nach dmheal iad cus saorsanan cuairt anns an t-saoghal
Cha bhi cìsean cho daor dol troimh chaolais na Glòir.


[11]
titleCha Mhór tha ri Àireamh
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page