Creag nan Sealbhag

Na suidhe balbh neo-léirsinneach fo Éiseabhal nan stùc
Tha charraig ghruamach gheur-bhacach fo éideadh allaidh cùmt’,
S ge be bhaistnad leanabas thu gun ddhearbh e géire sùl
Nuair thug e Creag nan Sealbhag ortan t-ainm a dhearbh do chliù.

An uair thig bòidhchead samhraidh ort gun tilg thughreann ud bhuat,
Is nochdaidh tu gun dphlanntaich thu air ais gu Bealltainn nuadh:
Beathaichidh an ùr-mhadainn gach flùr tha ort mun cuairt
Is sgeadaichidh an t-sealbhag thu le trusgan dealbhach uain’.

Cha spìocair thunad sheòmraichean, tha cùirteas pailtnad phàirt,
Bidh cuirmean dhe gach seòrsa aig na h-eòin tha ort atàmh;
Bidh uiseagan is smeòraichean ri ceòl sa mhadainn thràth
Snam measg bidh guth na cuaiche tighinn air chuairt oirnn thar an t-sàil.


[92]

Tha fraoidhneas àlainn dhìtheinean air bàrr do chinn mar shròl,
Fàsaidh fail-chuach rìomhach ort is raineach rìoghail òg;
Bidh dris asreap ri dchliathaichean gu smeur-phreasach le stòr
S gur tric le inntinn shuaimhneach rinn mim buain an làithean mòig’.

Ged shéideadh gaoth na h-iarmailt gu dìorrasach on tuath
Cha ghiùlain thu còt’ -ìochdair air son do dhìon on fhuachd;
Dhfhàg cumhachd nàdair tèaraintthu o shìontanan gun truas
S ma dhfhàg siud ann am fiachan thu gun phàigh thu riadh mar dhuais.

Tha ionaltradh aig caoraichs crodh-laoigh a thig fo dsgàth,
Do choibhneas cha tig caochladh air cho fads bhios fraoch mu dbhàrr;
S cho fads bhios ceò na h-iarmailt ag iadhadh ort mochthràth
Bidh salmadair nan sgiathan mu dsgoran ciaratàmh.

Ged a thriall na nàbaidhean bha tàmhachd ort mun cuairt
(Thug deireadh réis gu sàmhchair iad fo ùspairn sàradh cruaidh),
Bu tric a rinn iad sùgradh gu sùrdalach mu dbhruaich
S tha thusan-siud mar dhfhàg iad thu fo sgàil nan toman uain’.

titleCreag nan Sealbhag
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page