Fuaim an t-Sàile

Chan eil ceòl a thig gu mchluasan
As binne leam na fuaim an t-sàile,
Crònan iorghailleach an t-srùthlaidh
S e ri diùbhrais air an tràigh ann.

Guth nan eilthireach ri chluinntinn
Anns na tuinn tighinn chun na tràghad,
Dùrachdan gan cur le dìlse
Chun na tìra rinn iad fhàgail.

Anns na briathran gheibh sinn mùrcais,
Gheibh sinn tùirse anns an fhàilte;
Gheibh sinn mulad anns an dùrachd
Ionndrainn a tha dlùth do nàdar.


[93]

Ionndrainn air na cnuics na cluaintean
A tha dualach do gach nàistinn
Farm bi freumhaichean ar dùthchais
Sann as dlùithe bhios ar càirdeas.

Far bheil freumhaichean an sinnsear
Far an deach sa chill an càramh,
Farn do chuireadh achiad ùir orr
S far an dùisg iad air àraid.

Farm bu tric iad air an glùintean
Dèanamh ùrnaigh uile-ghràsmhor,
Farn do dhionnsaich iad gach ùmhlachd
Thug troimh iomadh cùis iad sàbhailt’.

Far an cualiad iomadh sgeula
San taigh-chéilidh ann an nàbachd
Comhairlean an t-seann duinshìobhalt
Air am mìneachadh gu bàidheil.

Bhon se annrath agus cruaidh-chàs
Chuir gu gluasad iad thar sàile,
S tric air ais atighinn an smuaintean
Far bheil sìth nam buadh is àiteas.

titleFuaim an t-Saaile
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page