Maighdeann Ghrinn Loch Cheàrsanais

Si maighdeann ghrinn Loch Cheàrsanais a dhùisg an-dràstmo cheòl
S gun sgrìobh mi anns aGhàidhlig mu h-àilleachd is a bòidhch’:
Gu sunndach loinneil rìomhach is i sìobhalta gun phròis
Mar ghathan blàthgréine madainn chéitein atighinn òirnn.

Tha cridhealas an t-samhraidhnad ìomhaigh choibhneil chòir,
Mar dhealt air bhàrr nam flùran tha bilean rùin do cheòil;
Mar rionnag anns an iarmailt air oidhche bhriagha reòdht
Tha deàrrsadh do shùilean atoirt ar sùgradh beò.


[94]

Gur binne leam do chòmhradh na crònan uillt nam beann,
Cho fonnmhor ri smeòrach tha cur ceòlraidh feadh nan gleann;
Do dheud mar shneachd san fhaoilteachs mar fhaoileag air bhàrr thonn
S mar chanach ùr air mòintich nuair than t-Ògmhios atighinn teann.

Mar bhogha-frois san Lùnastail tighinn dlùth ri àm na buan
Tha do chuailean rìomhachs na cìrean dolna dhuail;
Tha aoibh is dreach tha sònraichte acòmhdachadh do shnuaidh
Gun dealbhaich minad bhòidhchead thu ri ròsan anns na cluain.

titleMaighdeann Ghrinn Loch Cheàrsanais
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page