Loch Cheàrsanais

Gur lòghmhor ort dearcadh fo leargainn nam fuar-bheann
S an ceò tighinn a-nuas ort bho ghuaillean na h-àird’;
Be roghainn fear sùl-bheachd bhith dlùth dha do bhruaichean
Be tiompanachd luachmhor dha chluasan bhithd phàirt.

Nuair a dhéireas aghrian anns achiat’ -mhadainn bhòidhich,
Cur sgàile na glòir ann an òr-bheirt a cuairt,
Cha cheil i do roinn ort, tha thun oighreachd a còirean
Mar a dhearbhas achoirill aig na h-eòin mu do bhruaich.

Tha coimhcheangal cho làidir aig nàdar ri dghuaimeas
Fo fhàsgadh nam fuar-bheann is uaigneas nan gleann;
Gheibh eunlaith caomh-chàirdeas am fraoch-sgriachain do bhruachan:
Bho chunnart an turgain gheibh iad suaimhneas nach gann.

Bheir an lacha gu ìre le dìcheall a h-àlach,
Bidh an fhaoileag asnàmh ort ri blàths agus fuachd;
Bidh chearc-uisgtighinn far faicill gu trabhaich doirthire
S gur tric corra-ghritheach le slìob-cheum mu dbhruaich.

N àm don ghealaich bhithg éirigh air réiteachd a cuairtean
S i deàrrsadh a-nuas ort le buaidhean an àigh,
Bidh sàmhchair is sìochaint mu chrìochan Glaic Ruairidh
Farn do dhfhiosraich mo chluasan-sa fuaim achiùil àird.


[95]

Bidh cuimhneachain taitnis ann an taisgeadh mo smuaintean
Mu dòban tha cuartaichte le fuar-bheanntan àrd’ —
Farn do ghrunnaich mi casruisgtair beag airsteal no gruaman
Bfhada guilm na truaighanns an uair bho mo dhàil.

titleLoch Cheàrsanais
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page