Mairead Chaimbeul

Nach fortanach fear chì le shùil
An tlachd than gnùis na h-ainnir
Tha tàmh an Uibhist ghorm nan stùc
Tìr àghmhor ùire meala.

An t-eilean bòidheach muigh san iar
Farm miann leinn a bhith fantainn,
Farn cluinn sinn crònan aChuain Shiair
Tighinn iargaltach gu cladach.

Tha a cuailean dualach, dùthchas bòidhch’,
Cur roinn na glòir’ ’na pearsa;
Tha sìth tha deilbheadh bunait gràis
Asnàmhna shùil thlachdmhoir.

Bidh SlighChloinn Uisnair oidhche reòdht
Adòrtadh dòchais pailt dhomh
S adealbhadh ìomhaigh na mnà òig
Troimh dhuibhre neòil an airsneil.

Tha thu mar shoillseadh coinneil òir
Cur loinn air bòrd achaisteil,
Alìonadh aitreabh mhór nan seud
Le form air ghleusadh aiteis.

Se còmhradh ciùin o dghrinn ròs-bheul
A stiùireadh creuchdan fad bhuam
Mar shéist achiùil tha siùbhlach réidh
S tu iùl Deò-Ghréin’ ’na taisbean.


[96]

Tha sunndnad shaltairt air abhlàr
S bidh fonn air sràidnad chascheum;
Tha furan taisgte riut o dthùs
Mar ghàrradh fhlùr ùr-dhathte.

titleMairead Chaimbeul
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page