Cuairt a dhEilean na h-Òige

Ged a ghlac an aois mi
S gach gaoid a thana treòir,
Nam measg gun tàinig caochlaidhean
Thug faochadh dha mo sheòrs’:
Chan fheumainn ràimh no taoman
No gaoth a bhithnam sheòl
Gus maiseag thar achaolais
Gu eilean grinn na h-òig’.

Thug carbad chun na Lùdaig sinn
S le sunnd chaidh sinn air bòrd
An eathair làidir lùthmhoir
Tha fo stiùireadh aghillòig’;
Nuair thug e chun an fhuaraidh i
S a ghluais i mach bhon chòrs
Bhan ataireachd fo gualainn
Dha mo chluasan-sa mar cheòl.

Ràinig sinne Éirisgeigh
Air feasgar réidh gun sgòth
S gu h-aithghearr chaidh ar gàirdeachadh
Air càirdean sean is òg;
Ged bha mòran chuireadh fonn orm
Nan cadal trom fon fhòd,
Le bàidh gun deach an cuimhneachadh
Nuair fhuair sinn cruinn mun bhòrd.

Tha seanfhacal ag innse dhuinn
Is fìrinneach an sgeòil
Na cnuic cha dèan iad gluasad,
Ach coinnichidh sluagh sinn beò.”


[97]

S tric bhios ena bhuannachd dhuinn
Ar dualchas bhith mar as còir,
Is suim thoirt dha na subhailcean
Tha fuaightrinn bho ar n-òig’.

Chaith sinn oidhche chiatach ann
Is bha gach sìon air dòigh:
Bha pailteas deoch is biadh againn
Is sgeulachdan gu leòr;
Bha dannsaireachd is pìobaireachd
Is rìbhinnean bu bhòidhch’ —
S nach sona thu, Dhòmhnaill Ruairidh,
Bhon a bhuannaich thu bhean òg!

titleCuairt a dh’Eilean na h-Òige
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page