Màiri
Gun sgrìobh mi a’ Ghàidhlig bhios bàidheil is fallain
Mu bhòidhche na cailin as mais’ ann an snuadh —
Chan fhiosrach leam aon té san t-saoghal air thalamh
A dhùisgeadh fear ealain cho ealamh gu duan.
Taobh a’ Chaolais rinn d’ àrach gu tràth ’na do leanabh,
Thug oiteag na mara dhut fallaineachd bhuan;
Chuireadh gàirich nan tonn thu gu trom ’na do chadal
’S do dhùsgadh sa mhadainn cho fallain gun ghruaim.
Tha eachdraidh mun chaolas a dh’fhaodainn dhuibh aithris
Mun t-saoghal chaidh seachad is gàbhaidhean cuain
Nuair bhiodh Ruairidh mac Nìll a’ cur still á cuan Bharraigh
’S a bhirlinn a’ gearradh chìrean geala nan stuadh.
Ach tillidh mi ’n-dràst’ a chur fàilt’ air a’ chailin,
Na gorm shùilean meallaidh ’s na mala gun ghruaim,
Na bilean as blàitheadh a tharraing a-steach anail
Bhon tig còmhradh is caithream a tha taitneach do m’ chluais.
Troigh chòmhnard air ùrlar gu sunndach le faram,
Do chalpannan geala chuireadh sradag ’nam bhuaidh;
Nas àille na flùr tha ùr-dhreach na h-ainnir,
’S tha caomh-ròs na madainn a’ lasadh ’na gruaidh.
Tha h-ìomhaigh cho caoin-gheal ri faoileag na mara
A th’ air faondrachd gach latha fo chathadh nan stuadh,
Mar ghrian dol don iar ’s i triall ás ar sealladh
Sa chuan siar dol ga falach air ais air a cuairt.
Mo bheannachd gad ionnsaigh ’s falbh thugad dùbailt’
Gu dùthaich nan dùbhghall a-null thar a’ chuain
Bho dhùthaich na Gàidhlig far an òg fhuair thu d’ àrach —
Far ’m bu tric ’na cheòl tàlaidh dhut gàirich a’ chuain.
title | Màiri |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |