Na Solais Ùra
Ged tha geamhradh gruamach aognaidh
Eadar dùbhlachd agus faoilteach,
Tillidh earrach grinn le aoigheachd
’S cha bhi cuimhn’ air gaoir na gaillinn.
Ged nach eil an gleann cho beòthail
’S a bha e ann an làithean m’ òige,
Tha sradag ùr air tighinn ’nar dòchas
Gum bi ceòlraidh againn fhathast.
Thàinig Solais ùr’ ’nam fhianais
Le’n cuid boillsgidh a tha briagha:
Chì mi bhuam iad anns a’ chiaradh
’S chì mi ciatach iad sa mhadainn.
Chì mi soillseach iad a’ deàrrsadh
Mar reul-dhruidh a’ tairgsinn fàilte,
Mar am fuaran anns an fhàsach
Don fhear phàiteach fad’ bho chala.
Chan fhiosrach leam nì cho sunndach
No cho taitneach dha ar sùilean
Na bhith faicinn toit a’ smùideadh
Is solais ùra tighinn don bhaile.
Bidh Ceit Màiri agus Flòraidh
Cur nan cùirteanan an òrdagh:
Iad am-bliadhna dol air fògradh —
Dol a chòmhnaidh dhan pholl chreadhaidh.
Thàinig Angela le ar dùrachd
’S thàinig Moira ann bho dhùthchas:
Thug iad soilleireachd as ùr dhuinn —
Thug iad sunnd dhuinn agus aighear.
title | Na Solais Ùra |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |