Mo Dhùrachd Thu Thilleadh

Mo dhùrachd thu thilleadh,
Mo dhùrachd thu thilleadh,
Mo dhùrachd thu thilleadh
A-nall thar an t-sàil
Gu Uibhist nam fuaran
S nan àrd-bheanntan gruamach
An t-eilean beag uaine
Tha cuartaichtle sàl.

An t-eilean beag bòidheach
A dhàraichnad òigthu
Far an cluinneadh tu còisir
Is crònan an làin
Is ceilearadh ceòlmhor
Na h-uiseigs na smeòraich
Acumail gach bròn bhuat
S cur sòlasnad phàirt.

Gu bheil sinn gad ionndrainn
On dhfhàg thu an dùthaich
S a sheòl thu, a rùin, bhuainn
A-null thar an t-sàil:
Gach beannachd gad ionnsaigh
S tu thilleadh gu sunndach
Gu Uibhist nan stùcan
Òg dhùthaich do ghràidh.

Be samhladh don ròs thu
Á gàrradh nan neòinean,
Ben driùchd far an fheòir thu
San òg-mhadainn Mhàigh;


[101]

Bem fuaran ri òl thu
Measg chluaintean na mòintich,
S tun rìbhinn as bòidhche
Chuir bròg air a sàil.

Bhon fhuair mi ort eòlas
Nad mhàldaig bhig bhòidhich
Bha sìth agus sòlas
Nad òg-shùilean blàth;
Se deàrrsadh na gréine
San ùr-mhadainn chéitein
An dealbh mi fhéin dhiot,
Òr-sheud nam bas bhàn.

titleMo Dhùrachd Thu Thilleadh
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page