Taobh Deas Loch Baghasdail
Taobh Deas Loch Baghasdail nan stùc
’S nan glaicean flùrach bòidheach,
Am fasgadh Éiseabhal nan gleann,
’S nan easan cam ’s nam frògan,
Far an cluinn thu gaoir nan allt
A’ ruith ’nan deann tron mhòintich
’S far an cluinn thu gaoir nan eun
Mun éirich grian na glòir ann.
Far an cluinn thu gàir a’ chuain
A’ slapraich cruaidh san òban
’S onfhadh gaoithe feadh nan cluan
Is seillean ruadh a’ crònan;
Far am faic thu lach a’ snàmh,
I fhéin ’s a h-àl ga steòrnadh,
Far ’m faic thu canach feadh nan stùc
Cur brat geal ùr air mòintich.
Chì thu bàtaichean air cuan
’S fir thapaidh chruaidh gan seòladh,
Nach gabh geilt o stoirm on tuath
Le gailleann chruaidh gun tròcair;
Ged a dh’atadh muir ’na glinn
Is marcachd-sìn’ mar chòp-eas’,
Gu ruig iad leatha cala slàn
Á stàirneil a’ chuain chròicich.
’N àm éirigh grian sa mhadainn thràth
Bidh dealt air bhàrr nan neòinean:
Gach nì cho nàdarra mun cuairt
Le lusan snuadhmhor orbhuidh;
An ceò a’ còmhdach bàrr nam beann
Is ùrlar gleann na mòintich
Is ceilearadh aig eòin nan speur,
A’ cur air ghleus an ceòlraidh.
Gur inntinneach bhith ann a’ tàmh
Fo bhonn is sgàil nan ceò-bheann:
Ged shéideadh i le stoirm on iar
Tha fasgadh ’s dìon gu leòr ann;
Chan eil éis air neach a th’ ann,
Tha annlan de gach seòrs’ ann,
Tha sìth is sonas feadh nam bruach —
’S gur mór an luach seach òr e.
title | Taobh Deas Loch Baghasdail |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |