Orasaigh

Air iomall fiadhaich de cheann an iardheas
A dhUibhist ghrianach mun iadh an sàile
Than t-eilean ianach nan creagan ciar-chas
An nàbachd crìoch ri Cuan Siar nan gàir-thonn.

Ged bhios Neiptiun amaoimeadh daonnan,
Cha dchuir e gaoidna do chaol-dhruim làidir
Sheas thu suas ri gach fairge bhaoghail
A bhrist ri daodann le faochainn thàireil.


[104]

Nam biodh na daoine a threabh gach taobh dhiot
S a dhfhiosraich gaoid ann an saothair beòshlaint
Fad oidhche geamhraidh mun chagailt céilidh
Gur a dhéisteadh ri sgeul an còmhraidh.

Tha lorg an t-sealgair gu pailt ri cunntadh
Measg chreagan ùdlaidh aig tiùrr do chòrsa
Is iomadh diùnlaoch le ghunna dùbailt
A choisich sunndach a-null an dòirlinn.

Nan dfhuair thu tàlann gu bruidhinn Gàidhlig
Bhiodh eachdraidh chàirdeil le bàidhnad chòmhradh;
Gur pailt an t-Hàllann tha ùir is cnàmhan
Nam fuireann làidir bha snàmh mu dòban.

Tha tràigh de ghainmhich air dhath an airgid
Is bàigh tha ainmeil le dealbhachbòidhche;
Do mhullach cruthail air chumadh dùn-lios
Fo chuibhrig fhlùrans an driùchd gan òradh.

An àm an t-samhraidh bidh crònan tìoma
Aig toiseach lìonaidh atighinn gu dchòrsa,
S an àm agheamhraidh aig toiseach tràghaidh
Bidh nuallain làstail aig gairge bhòc-thonn.

Ri stoirm an fhaoiltich bidhn fhairg’ ’na taom-bhoil
Agleacadh faobhair ri daodann gròbach;
A dholc na dhéiginn cha drinn thu géilleadh,
S cha dghluais do stéidh ri séideadh Aeòlus.

Tha ealtainn sgèimheach mu dsgorran iom-sgoilt’,
Thu dhaibhnad dhìon-àitbho shìontan fògairt;
Bidh ròn gu h-uallach air bhàrr nan stuadh-ghlas
Than tìrs an cuan ann an dual a bheò-bhith.

Bheir àm h-Éill Pàdraig dhut trusgan àraidh,
Bidh brat de bhlàthannan àill gad chòmhdach
Bidh ceòl na cuaiche ga mheasg ri suaimhneachd,
Is thig luchd cuairt thar achuain gad fheòrachd.

titleOrasaigh
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page