Sgòrr an Fhéidh
Ri aodainn bhuirbe nan sìontan agus fiadhaichead a’ chuain,
Ri séideadh greannach iorgailleach bhon ear ’s bhon iar is tuath
Tha stéidh do bhuinn ’na eilich mar chàrnaich iarainn chruaidh —
’S cha dèan an stoirm le dhìorras do dhìocail san droch uair.
Chan eil thu ann ad’ ònrachdan ’s cha laigh ort bròn no gruaim,
Bidh fairge Rubh’ na h-Òrdaig a’ còmhradh riut gach uair;
’S ged s tric a bhios i còmhstri riut ’s a’ gròbadh air do ghruaidh,
Tha companais bho’r n-òig’ agaibh le deòin a chum sibh suas.
Tha naidheachdan gu leòr agad nam b’ deòin leat bhith gan inns’:
Is iomadh neach chuir eòlas ort tha ’n-diugh fon fhòd sa chill
A dhìreadh suas ri d’ chliathaichean ’s nach cromadh sìos le sgìths —
Se tapachd thug bhon iargain iad ’s gum b’ dèanadach teachd an tìr.
Ged as gruamach aognaidh thu san fhaoilteach ghreannach fhuar,
Bheir an samhradh caochladh ort is aoigheachd air do shnuadh —
Fàsaidh cluaran frioghach ort is frith-raineach nam bruach
’S bidh mac-tall’ air madainn chéitein freagairt sgèimheil ceòl na cuaich’.
Ged as fad’ bhon dh’fhalbh an òige bhuat cha d’ laigh ort bròn no smùr,
Chum thu inntinn bheothachail ’s cha tig na deòir bho d’ shùil;
Chum thu beachd is mheòmhraich thu gu sònraicht’ air gach iùil —
’S cha mhiannaich thu bhith stòrasach no càrnadh òir air chùl.
Nuair thig dorchadas na h-oidhche ort chan oilltich thu tro fhuath,
Chan fheum thu solas coinnle gu bhith boillsgeadh ort mun cuairt;
Cha chuireadh gaisreadh shaighdearan bho d’ oighreachd thu air ruaig —
Gur daingeann air do stéidhean thu de dh’eilich chàrnaich chruaidh.
Tha seallaidhean tha sònraichte ri aimsir shoininn chiùin
Ri am faicinn bho do ghròbain tha sòlasach don t-sùil:
Chithear long a’ seòladh le fear eòlach aig an stiùir —
Am maraidheachd nan cròic-thonnan ’na òige chuir e ùidh.
Is iomadh fleasgach umhail is maighdeann chiùin nam beus
Dh’fhàg cladaichean an dùthchais dol a-null gu tìrean céin’
A chrath an làmh le dùrachd ’s iad ag amharc dlùth ’nan déidh —
’S na deòir ’nan sruth le’n sùilean a’ cur cùl ri Sgòrr an Fhéidh.
title | Sgòrr an Fhéidh |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |