Glaic Ruairidh

O fàilt’, a ghlaic as dreachmhor snuadh
Farn dghluais min làithean mòig’,
Farn robh mi leum air feadh nam bruach
Gun ghruaman no gun bhròn;
Am measg an fhraoich air aodann bheann
Is ghleann mun iath an ceò,
Farn cluinnear monmhair bhinn nan allt
Cur steall air feadh nam fròg.

O, siud na làithean a bha saor
S a bhiosnam smaoin ri mbheò
An uair bha minntinn réidh gun daors
Mar naosg air feadh an fheòir;


[108]

Mus do dhfhiosraich mi gach gaoid
Bhios daonnan atighinn òirnn
S mus tàinig coimhicheas an t-saoghail
Le thuiltean gaoirnam chòir.

Gur sgaptan-diugh air feadh gach taoibh
An comann aoigheil còir
A bàbhaist bhith cluich air feadh an fhraoich
Cho aotrom ris na h-eòin
Tha cuidnan suain san dachaigh bhuain
Fo ghlasan fuar nam bòrd
Nach till air ais gu bràch air chuairt
Do ghleannan uainnan còs.

An uair thig mìos na Bealltainn Màigh
Gur àghmhor bhios gach flùr
Air feadh nan glaic ateachd ri fàs
Gar gàirdeachas le sunnd;
Bidh lusan maoth air feadh nan cluan
Cho òrail snuadh fo dhriùchd,
Is còisridh ghrinn nam measgadh teud
Agleusadh a cruit-chiùil.

Bidh biolair uainas bòidhche snuadh
Afàs mun cuairt nan lòn,
Bidh dail-chuach eireachd, seud nam bruach,
Na shuaithneas measg an fheòir;
Gach lus bheir beòshlàint dha do smaoin
Air feadh gach taoibhnan glòir
An t-sòbhrags frith-raineach nan cluan,
Snam measg bidhn cluaran òir.

Gur tric a théid mi mach air chuairt
S a bheir mi ruaig mun chrò
Bidh na cnuics na tomain uain
Ag ath-nuadhachadh dhomh mòig
S atoirt air ais nan làithean saor
S na faoineasan gun ghò
Is cleachdaidhean an òg-ghnàiths fhaoin
A dhfhalbh mar sgaoileas ceò.

titleGlaic Ruairidh
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page