Cuairt Dhòmhnaill Iain feadh nan Gleann
Thug mi chuairt feadh nan cluaintean bòidheach,
Na glinn ’s na h-uain’ -chnuic tha smuadhmhor còmhdaicht’,
A-mach Glaic Ruairidh ’s mu chuairt na Sròine
Gu Meall nam Bùthan ’s a-null na h-òban.
Na Creagan Gorm’ agus Meall an Iasgaich
Nan sealladh àghmhor fo bhlàthan briagha:
Sgòrr an Fhéidh ann fo reubadh shìontan
’S e giùlain cleòca de cheò na h-iarmailt’.
Tha Rubh’ na h-Òrdaig ’na charraig ùdlaidh
A’ cumail còmhstri ri dòrnadh dhùilean:
Na creagan cruaidh’ aig a’ chuan ga sgùradh
Le doineann throm tighinn á com nam brùchd-thonn.
Ged s corrach cas Glaic an Daimh ri dìreadh,
Tha sealladh àghmhor bho bhàrr a cìrein;
Bidh fonn neo-bhruaillein a’ gluasad d’ inntinn
A’ cluinntinn uainneart is buaireas strìtheil.
Tha monmhair aibhne a’ ruith troimh Gharbh-Shlios
Mar cheòlraidh dhrùidhteach is ciùineachd seanchais,
Mar dhoimhne aoibhneachd air aodann leanabain
’S mar dhriùchd a’ crùnadh nam flùr san anmoch.
Tha Gleann Gorm agus Glaic a’ Chìobair
Mar bha iad riamh bho chian nan linntean
Gu fàsgadh tèaraint’ ri sìontan millteach —
’S bidh chaora bhàn faighinn sgàil bhon dìl’ ann.
Tha Rubh’ a’ Mhoil far am pailt an eunlaith
Cur mìle fàilt’ ort le bàidh is ciatachd;
Bidh ’n fhaoileag bhàn tric a’ snàmh gun fhiamhlachd,
A’ sireadh beòshlaint m’a chòrs’ ag iasgach.
Far mo chuairt feadh nam bruach gun thill mi
Gu cadal suaineach air cluasaig mhìn-gheal;
Rinn mi dùsgadh le sunnd ’s toil-inntinn
’S fhuair mi peann ’s mar a bh’ ann gun sgrìobh mi.
title | Cuairt Dhòmhnaill Iain feadh nan Gleann |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |