Ina
Gur e mis’ a th’ air mo dhòigh —
Ghabh Rìgh na Glòrach truas rium
An uair a fhuair mi Rìbhinn Bhàn
A chumas blàth bhon fhuachd mi.
Anns a’ mhadainn nì i tea
’S gun sgrìob i mach an luath dhomh,
Glanaidh i dhomh pìob an stòbh —
Gach sìon air dòigh mun gluais mi.
Deasaichidh i biadh air bòrd,
Brot is feòil mar as dualach;
Aig deireadh seachdain gheibh sinn iasg,
Is botal fìon air uairean.
Tha gach cùis a’ tighinn ri m’ chàil,
Rinn cuibhl’ an fhàbhair gluasad —
Pension agus scratch card
Is ribhinn bhàn air cluasaig.
Mìle marbhphaisg air bhith faoin,
Tha iomadh gaoid ’na ghluasad;
Na chuir mi shìol an làithean m’ òig’
Bhiodh coirce ’s eòrn’ gam buain leam.
title | Ina |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |