Taigh Sgoile Glaic Ruairidh
Gluais, a chlàrsach, ’s dèan dùsgadh
(S ro fhad’ tha thu san dùiseal)
’S cuir teudan a’ chiùil ann an òrdagh
’S cuir air sgéithe an duan seo
’S mi dol a-mach ’na mo smuaintean
Am measg fraoch geugagach snuadhmhor na mòintich.
Mo mhac-mheanmna air gluasad
A-mach gu iomall Glaic Ruairidh
Far an tric robh mi cluaineas ’nam òige
Feadh nan cas-thoman uaine
Air an còmhdach le luachair
Far bheil fìoruisg’ an fhuarain a’ còpadh.
Far bheil nuallan nan steud-shruth
A’ tighinn a-nuas troimh na féithean
Air an ruamhar aig reubadh nan còp-eas,
Air an stialladh ’nam pìosan
Aig tuiltean ’s aig dìle
A’ dol air ais ann an tìm gu àm Nòah.
Bidh na tuiltean ’nam fiadhaiche
A’ tighinn a-nuas le na cliathaichean
Aig bearraidhean riabhach nan ceò-bheann,
A’ tionndadh ’s a’ fiaradh
Troimh chuislean is bhlianagan
Gus an ruig iad bial Bàgh Marulaig.
Sann fo iomall nam fuar-bheann
Is fasgadh na tuath-ghaoith’
A bha taigh-sgoile Glaic Ruairidh ’na òrdagh
Air làrach bheag uaine
Le fraoch air a chuartachadh
Far am fàsadh an cluaran bu bhòidhche.
Siud an òigridh bha fonnmhor
A’ ruith ’s a’ leum feadh nan tom ud,
A’ grunnachadh troimh pholl is troimh chòinnich,
A-muigh air aodann nam fìreach
Ged bhiodh a’ ghailleann ’s an dìl’ ann —
Cha robh iomradh san tìm ud air brògan.
Cha robh ar n-éideadh ro phrìseil,
Cha do dh’fhiosraich sinn sìoda,
Cha robh seudan an rìomhaidh gar còmhdach —
Cha d’fhuair sinn mar dhìleab
Ach cruaidh-chàs na h-ìsle
A chum fodha san dìg sinn gu’r srònan.
Ged bu luideach a bhà sinn
Ann an aimsir an ànraidh
Chuir eu-treòir nan càs sinn air fògairt —
Chaidh cuid dhinn gu sàile
Gu ruigheachd ionadan àraid
Air drochaidean àrd’ luingis seòlaidh.
Ann an doimhneachd mo smuaintean
’S ann am breislich mo bhruadair
Bidh mo chéilidh a’ gluasad an còmhnaidh
A-mach gu iomall nan cruadhlach
Gu seunachd Glaic Ruairidh
Far bheil cuimhneachain bhuan dhomh air m’ òige.
title | Taigh Sgoile Glaic Ruairidh |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |