[14]

Cha Till an Òige

Tillidh, tillidh am muir-làn
Tacan beag as déidh muir-tràigh:
Lìonar leis air ais na bàigh,
Ach gu bràch cha till an òig’.
Tillidh, tillidh am muir-làn.

Tillidh earrach grianach blàth,
Théid an sìol a chur san ùir,
Ceòl na cubhaigfeadh nan stùc
Mar as dùthchas san t-seann nòs.
Tillidh, tillidh am muir-làn.

Tillidh samhradh ruinn le sunnd
S bidh na machraichean fo bhàrr
Coirces eòrna mar as àill
S gucag abhuntàtas bòidhch’.
Tillidh, tillidh am muir-làn.

Tillidh foghar ruinn mun cuairt,
Bidh luchd fearainn trang abuain,
Fear na spealle buille chruaidh
Toirt nan dias a-nuasnan dlòth.
Tillidh, tillidh am muir-làn.

Tillidh geamhradh mar as dual
Le chuid sneachdas gaoth a-tuath,
Na h-eich bhànair bhàrr achuain
Tighinn le nuallan chun achòrs.
Tillidh, tillidh am muir-làn.

Eachdraidh sgrìobhadair bho chian,
Tha e dearbhtgu bheil i fìor
Leis a-sin bidh sinne triall
Tarsainn crìochan gleann nan deòir.
Tillidh, tillidh am muir-làn.

[15]
[16]

Bhon as coigrich sinn air chuairt
Tha sinn cinnteach ás ar duais:
Léine anairts bòrdan cruaidh
S dol air uachdar sin bidhm fòd.
Tillidh, tillidh am muir-làn.

Gheibh sinn sàmhchair anns an uaigh,
Sìochaint sìth na dachaigh bhuain
Gus an séid an trombaid shuas
Air son ar gluasad chun amhòid.
Tillidh, tillidh am muir-làn.

Tillidh, tillidh am muir-làn
Tacan beag as déidh muir-tràigh:
Lìonar leis air ais na bàigh,
Ach gu bràch cha till an òig’.
Tillidh, tillidh am muir-làn.


[17]
titleCha Till an Òige
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page