Còmhradh an Eilthirich ris an Stuaidh
Ma ruigeas tu Eilean Uibhist
Air do thuras troimhn a’ chuan,
Buailidh tu air cladach m’ òige
Far am b’ eòlach bha mi uair.
Nuair a ruigeas tu an tràigh ann
Bidh ghaineamh bhàn ri oir na tìr’;
Chì thu làrach mo dhà shàil ann
Mur do dh’fhàilig iad ri tìm.
Nuair a bha mi òg ’nam shealgair
Bu tric mi falbh air feadh nam bàgh;
S pailt mo lorg air feadh nan garbhlach
Far an dèan na calmain tàmh.
Ma bhuaileas tu aig Lag an t-Sàile
Gum bi sàmhchair ort mun cuairt;
Sann an sìochaint sìth Chnoc Hàllainn
Tha mo chàirdean-sa ’nan suain.
Tha mo chàirdean ’s mo luchd-eòlais
Fo na fòidean ann a’ cnàmh;
Sann ’nam measg bu mhiann mo chòmhnaidh
Nuair nì mi còmhdhail ris a’ bhàs.
An t-eilean grianach rinn mi fhàgail,
Thoir mìle fàilte dha le spéis;
Is ann a dh’iarrainn a bhith tàmhachd
Seach aon àite tha fon a’ ghréin.
Ged a thug mi ris mo chùlaibh
Bidh mo dhùrachd ann gu bràch,
’S bidh mo bheannachdan ga ionnsaigh
Air an dùblachadh le bàidh.
Chì thu Éiseabhal nan stùcan
Le cuid chùiltean agus chàrn;
S tric a dealbh a’ tighinn ’nam inntinn
Bhon a dh’imrich mi thar sàl.
Chì thu ’n tìr a dh’àraich òg mi
Sgèimhichte le cleòc as àill —
Seagal, coirce agus eòrna
’S gucag bhòidheach a’ bhuntàt’.
S iomadh smuain a bhios gam dhealgadh
’S mi fad air falbh bho eilean m’ òig’,
Fad bho eilean gorm mo dhùthchais
Far an lùiginn a bhith beò.
Thoir mo shoraidh do gach nàbaidh
Rinn mi fhàgail as mo dhéidh —
Gheibh iad ann an cop an t-sàile
Aithris bhlàth bhon dùthaich chéin.
title | Còmhradh an Eilthirich ris an Stuaidh |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |