[22]

Cumha

Nuair chaislich gaoth aChéitein bàrr nam flùran
Bha aoibh is gaol is sùgradh ann an còmhradh,
Bha briathran geallaidh caomhalachd rin éisteachd
S bha uaimeachd eadar eud is mullach dòchais.

Thig oiteag bhlàth thar bhàrr nan tonnan uaine
Adùsgadh smuainteans a toirt bruadar bèo dhuinn,
Adearbhadh dhuinn cho aithghearrs a than ùine
Bhon bha Faoilteach dùr toirt fùcadh treòir oirnn.

Thug an Céitean dhuinn air ais na flùran
S thug e bhuainn an t-ùr-blàths robhbhòidhche;
Aig ceithir deug a bhliadhachan de dhùine
Gur duilich leam an ùir a bhith gad chòmhdach.

S duilich leam do chuailean dualach rìomhach
A bhith ann an ionad anns nach cuir achìr air dòigh e;
mi dealbh na h-àilleachd anns an ùir dhiot
Ged nach faca mi le mshùilean anns an fheòil thu.

Dhfhàg thu as do dhéidh an saoghal gruamach
Nach robh aoigheil riut no suairc nuair bha thu bèo ann;
Ghabh thu taiseag chun achala shàbhailt
Farm bi thu ann an càirdeas feachd na glòrach.

Bidh crònan tonnan iargail Lag an t-Sàile
Abrosnachadh nan tàlaidh is nan ceòl-bhinn;
Bidh rùin phàirtichte do chàirdean mun an uain’ -chnoc
S bidh cuimhneachain bhios buan farn deach an òige.

[23]
[24]

Is iomadh madainn Chéitein a ùislinn
Is gaoth acaisleadh fhlùran a bhios òrail
Air uachdar an t-seòmair chadail anns nach dùisg sinn
Nuair chuireas làmhan chàich na bùird gar còmhdach.


[25]
titleCumha
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page