[25]

3

Dhfhalbh gaoth na Màirt le na fiaclan a bhann an cùl a beòil; falt a cinn air glasadh ann a seo agus ann a seobileagan fada liath uaireanan a-measg na feòla, aseòladh ann am prais abhrochain. Cha robh a fradharc cho math a nis. Bhiodh aSgudalair acrathadh a chinn an uair a lorgadh e bileag; chumadh e ris an t-solus i. Esan le chuid speuclanan aig ceann eile abhùrdcha chanadh e focal, chrathadh e cheann.

Bha an aois air a thighinn gun fhiosd oirre: falt agus fradharc agus fiaclan uile toirt fianuis air a seo. Agus Ailean. .. cha robh a chlaisneachd ro mhath. .. cho bodhar ris an talamh nuair a thogradh e fhéin.

Sgìos an fheasgair: chaidleadh an dithis aca as deidh na diathad, beulaibh an teine. Air agheamhradhs an uisge trom a muigh, fead caol na gaoithsan t-simileir, bha an cadal seo cho math; cho sìtheil troimhn t-samhradhs tu cluinntinn fuam an t-seillein agus ceòl nan eun fad air falbh. Dhùisg i aon uair agus chunnaic i gu robh Ailean agalna chadal. Chunnaic i na deòir, agus dhéirich i, ’s chuir i a làmh gu socair ri aodann.

Chuala mi seinn,’ thuirt e rithe. ‘Bha cuideigin aseinn, ’s cha chuala mi riamh càil cho bòidheach.’

Bhiodh a casan fuar anns aleabaidh; mus gairmeadh an coileach bhiodh a h-òrdagan bochda reòidhte, agus bhiodh Ailean ri taobh, cruinn man cnoc, ’s cho blàth ris abhainne. Chuireadh i na h-òrdagan fuar air a mhionachs leigeadh esan na h-éigheanan:

Hoi! Hoi-oi-oi! tha siud?’

Mise. Mise thann.’

O Dhé ghràsmhor, tha i fiachainn ri cuir ás dhomh.’


[26]

Bha mi fuar. . .’

Ach chan eil fad agad dhethchan fhada bhios mi idir ann.’

Bha thusa cho blàth. . .’

Seall a-mach alatha sinsàruich an duine thogras tu an uairsin, a bhoireannaich gun nàire.’

An dèan mi bracoisd?’

Tha mi aosd. .. mo chridhe afàilingeadh. .. iongantas gun chum mi dol gu ruige seo, dìreach iongantas. . .’

Lit agus bainne, uighean agus mìr-eòrna.’

Ach dhfhalbhadh an cadal leis-fhéins le chridhe. ’S bhiodh aghrian air éiridh gu math mas tionndaidheadh e aiste, a-mach dhan aghleann le mhùn: baraillem broinn baraille, baraille mu leth-bharaille, astealladh bhuaithe na h-àmhghairean a thàinigsan oidhche. Thilleadh en uairsins a ghnùis adeàlradh:

Mo bhracoisd, a thràill air do chasan.’

Duine beag cruinn le pluicean, duine beag pluiceach, a bha aice bho chionn aon latha ceòthanachs i air mhuinntearas anns abhaile mhór. Thàinig e feasgar chun an doruis. Bhiodh daoine atighinn chun an doruis gun sguir: thigeadh fear le gual, fear le bainne, fear le pàipeirean-naidheachd; thigeadh feadhainn a bhiodh acreic rudanpionaichean-aodaich, prìneachan-banaltrum, leabhraichean, ‘flagaichean’, stuth a dhèanadh caol thu, stuth a ghlanadh do thaobh-a- stigh, acfhuinn nam biodh asiatuig ort, no losgadh-bràghad, no glasadh-uisga h-uile seòrsa duine leis a h-uile seòrsa rud. Cha bu chaomh leatha a bhith freagairt an doruis. Nuair a thàinig an gnogadh seo air feasgar ceòthanach bha i aig toll na h-iuchrach asmaoineachadh:

duine bhios acreic sguaban, clabhdan-sgùraidh, LB canastairean polish LB duine air an allaban, ag iarraidh sean bhrògan, LB cùl lof LB duine chaill a chiall LB duine le sgianna phòcaid. ..


[27]

Dhfhosgail in dorus agus thuirt e, ‘Hello.’

A shùilean air chùl speuclanan, aon cluais mholach, fàileadh an tombac.

Hello.’

Gàirnealair a bhann, le bara agus spaidean agus gràp. Duine sona dòigheil. Thug e fad an t-samhriadh ud ag obrachadh cuibhrionn na caillich aice-se dhan talamh bheannaichte.

Samhradh àluinn. Bha i sunndach, òg.

An uair a bhiodh an t-uisg ann dhéigheadh i air: ‘Trobhad mas téid do bhàthadh!’

H-abair dòrtadh.’

Gu sealladh sealbh ort. Tha thu bog fliuch.’

Sheasadh e aig astòbha mhórs bhiodh ceò ag éirigh bho chuid-aodaich.

Am biad ag ithe tòrr?’ dhfhoighnich e aon latha.

?’

Na daoine thasan tigh seo.’

Cha bhì. Biad apiocladh na h-uidhir. .. ach feumaidh mise an t-uamhas a dheasachadh dhaibh a chula latha.’

Tha sin diabhult.’

Tha.’

Bu chòir dhaibh am biadh fhéin a dhèanamh. Bugairean leisg.’

An ath latha thuirt e: ‘Tha mi fàgail a màireach.’

O.’

Tha mi dol dhachaidh.’

Bha i aig an uinneag an uair a dhfhalbh e, e-fhéins am bara, deireadh an t-samhraidh. Thog e làmh rithe agus dhfhalbh e. ’S cha do shaoil i càil dhethbha alatha man latha sam bith eile, afeasgair aciaradhs an obair seachad. Ach tràth air an ath mhaduinn chuimhnich i air, chuimhnich i nach biodh e tilleadh, an gàirnealair. Dhfhairich i seòrsa de chianalas. Bha iga ionndrainn.

Geamhradh fada sàmhach a bhann dhith. Dhfhàs i seachd sgìth dhan abhailes dhan fheadhainn a bha i frithealadh shuas astaidhre. Na daoine móra. Bugairean


[28]

leisg, thuirt esan. Bhiodh i acuir seachad nan ionnairidhean asmaoineachadh air.

Dhinnis e dhith mu-dheidhinn a dhachaidh agus na daoine a dhfhàg e innte. Bha an tigh aige ann an Gil-a’ -Chlamhain, gleann fasgach, far an robh cearcan-fraoich agus caoraich, lochan is lòin, uillt agus abhainn agus thobairaon dhiubh sin le bùrn an iaruinn, tobair aGhlaisein. Bha athair agus a mhàthairnan aonar ann; bha muinntir Choinnich Mhóir ann an Ard-nan-Claisean, ’s bha bhràthairAonghas agus Calumann an àite ris an canadhad Léinebroc. Dhfhalbh am bàs leis an fheadhainn eile. Chitheadh tu na dachaidhean acatobhtaichean fàsas aGhil, ann am Buaile-na-Crois, agus air an Dùn.

Bha eòlas mór aca air muir agus mòinteach, iasgach agus caoraich. Bha eathair aca air an tràigh, ’s an uair a thigeadh an tìde mhath chuireadhad gu sàl i. Gheibheadhad rionnaich, saidheanan, adagan, liùghan is leóbagan; agus a muigh gu h-àrd bha lorg aca air grunnd-mara nan trosg.

Dhiarr amuir a bhiga thadhal, thuirt Goromal rithe bliadhnachan an deidh sin, ’s iadna seasamh air bàrr achladaich feasgar ciùin samhraidh, afaicinn nan iasgaireanga stiùireadh gu cala. ’S an uair a chrom iad sìos dhaithnichad gu robh rudeigin air tachairt, rudeigin ceàrrcha robh na fir ag radh càils bha Ailean agal. Thog Calum Bàn agus Coinneach a chorp aiste, corp Ruairidh, le na speuclanans a dhà bhòtunn mhór.

Chuir i mòine mun teine. Bha sgòthan trom dubhsan àird an iar ach bha in dòchas gum biodh feasgar math anns gun tigeadh Coinneach a dhithe nan cearcan còmhla riutha. Cha bann tric a bhiodh Coinneach aca aig diathad, ach nuair a thigeadh e, gu dearbha bhiodh slugadh annbha slugan ann an Coinneach man slugan sùlaire. Thòisich i air anigheadaireachd. Bha tuba mór aca a rinn Seonaidh Dubh le fiodh achladaich. ..

Than cladach fialaidh, ars esan, ’na sheasamh aig


[29]

astòbha agus uisge drùidhteach abhaile adòrtadh dìreach a-nuas.

Dhinnis e dhith gum biodhad air na creagan le slatan fada cuilc. Bhuaineadhad scrom (feusgan beag dubhghorm) agus phronnadhbiathadh math chudaigean. Thigeadh asaidheans asmalag a-steach chun na creige cuideachd. Dhèanadhad sabhs leotha sin, agus ceann-propaig le na truisg.

Ach cha be iasg a mhàin a bhiodh iad afaighinn: bha maorach gu leòirfaochagan is bàirnichair na cladaichean; crùbagan is portain, agus feamainn. Bha feamainn ann a dhitheadh iad: mircein, duilisg, agus stamhan; bha feamainn ann a bhruicheadhad dhan achrodh, ’s bha feamainn ann a sgaoileadhad air achlàr bhuntàta. ’S bhiodh na tonnan atilgeadh suas gu mol a chula seòrsa rud: fiodh, ròp, bucais-éisg. .. bho chionn fhada, bha bodach aspàgail air achladaich. .. chunnaic e tocasaid.

Muir agus mòinteach.

Chumadh sin còmhradh ris, ’s e blàthachadh a thóin ann am baile mór grànda.

Thill e. Thill e aig toiseach na Bliadhn Ùr.

Hello Nellie. Seo mise rithist.’

Bha i cho dòigheil, cha robh dòigh aicair innse.

Cha chreid mi gun bhuail aghaoth ort bho chunna mi thu.’

Cha do rinn mi móran a-muigh idir.’

Tugainn ma-tha. Cuir umad do chòtas do chlogaid, ’s ruigidh sinn na beanntan.’

Bha na beanntan seo air taobh a-muigh abhailetlachdmhor a bhinam measgs an adhar bhos do chionn.

Seall,’ chanadh e. ‘Seall air asgòth sin. Tha i colach ri Aonghas Bàn Léinebroc aséideadh na pìob.’ Bhiodh en còmhnaidh afaicinn dhaoine as na sgòthan. Bha cuimhn aice air aon gu h-àraid: ‘Donnchadh Bàns a bhriogais ma chasan agus bardachd atogail cinn.’

Aon latha rinn e searmon dhith:


[30]

Shuas gu h-àrd anns an adhar, far nach ruigeadh sùils nach cluinneadh cluais, bha bodach feusagach le sùilean caogach biorach, cho geur ris an t-saighead, cho eagallach ri dealanaich, agabhail alla ann am breitheanas le leabhar agus pinseil purpaidh. Agus bha sluagh àraid de dhaoine meanbh geal anns na néimhean còmhla ris: feadhainn a bha cùramach mun deidhinn fhéin an uair a bha iad làthair anns an fheòil. Bha iad sona agus sóghail, adol bho àite gu àite len òrain a bha naomh, aseinn len uile chridhe mór-mholadh agus glòir, ’s cha robh an tùchadh air duine dhiubh oir cha robh tùchadh tuilleadh ann. Cha mhotha bha grian no gealach ann, no eadhon clachan-meallain, gaoitean borb agheamhraidh, caisean coimheach na Bealltainn, rotach donnill Donain. Agusnan teis-mheadhon bhan duine feusagach, Alpha Beta Omega, le phinseil purpaidhs aleabhar mór sgaoilte fosgailt air a ghlùinean. ’S nan gabhadh iseNellieoirre breug innse, breith a thoirt, droch ghnìomh a ghnìomhachadh, droch chainnt a chleachdadh, droch smuain a smuaineachadh (air folach no gu follaiseach) bhan duine seo le dreun ationndadh nan duilleag chun na litreach N, agus ann a-sin, còmhla ri Nebuchadnesar, Nehemiah, Niall Odhar, agus Noah, bhuaileadh a shùil air Nellie agus sgrìobhadh e sìos a dol a-mach agus a teachd a-steach le osnaich ro-throm. ’S bha latha ri tighinn (no oidhche uamhasach) air am biodh Nellie, ’na h-aonar, air a gairm gu a bheulaibh, ’s mura biodh i deamhnaidh sgiobalta air a teanga bha àite àraid eile afeitheamh oirre.

Sloc dhubh na -mhisneachd: cnàmhan abragail, cnàmhalaidean le fiaclan adìosgail. Sluagh mór: muirteirean, misgeirean, meàrlaich; strìopairean, cealgairean, balgairean. Ròsdadh agus dàthadh. Aite duilich. Agus acumail na cùis fo mhì-rian bha aSàtunns a chàirdeanrudan iargalta le earbaill agus adhaircean. A-nis cha robh feum aig alaoch seo air leabhar no pinseil, ach bha fios aige gu robh peacach ris an goirear Nellie air uachdar na talmhainns gum biodh droch smuainteanga gluasad aig amannan. Agus be an


[31]

dleasdanas aige-san na smuaintean sin altrum chums gu fàsadh iad torach agus lìonmhor, agus mar sin gun tigeadh Nellie maille ris an uair a ruigeadh i ceann a . Bhan t-sloc acuir a-mach air a bus, ach bhiodh rùm ann dhìthse, ha-ha!

LBMuirt mhóir, Ailein, n cuala tu sin?’

Cha chuala tu siud a riamh?’

Cha chuala,’

Obh obh-obhan,’ thuirt e, acrathadh a chinn.

Ghabh iad seachad ma-tha, na làithean aotrom ud. Thàinig làithean eile. Ach a dhaindeoin gaiseadh agus gathan bha lorg aca fhathast air sunnd agus ceòl.

Bha puirt aca agus abhrain mhath. Feadhainn shuigeartach a chuireadh gu danns thu:

Theirig thusa dhanns LBs gabhaidh mise port leatLB earball aradain, earball aradain. ..

Feadhainn shlaodach a chuireadh an cianalas ort:

Thug thun ear dhiom is thug thun iar dhiom, LB Thug thu ghealach is thug thu ghrian bhuam, LBS ghoid thun crìdh bhan taobh-stigh de mchliabh bhuamLB Cha mhór, a ghaoil, nach dug thu mo chiall bhuam.

Bu chaomh le Coinneach an t-abhran ud, bhiodh e aigen còmhnaidh. Dhiarradh i air a ghabhail a-rithist, troimh shròins a cheann an àirde, mar a bha e uaireigin air oidhche na bainns aice.

Latha sonraichte bhann, alatha phòs i. Bha teas na gréine duilich a ghiùlain, ’gad fhàgail sgìth agus fann. Thaom asluagh a-mach chun na sràidean; a chula duinena lòn falluis, na boireannaichnan aodach samhraidh anochdadh shliasaidean saillmhor gealna seacaidean beaga air am pasgadh air falbhs na màsan fo sgaoil aon uair eile. Rinn i fhéin agus Ailean a rathad tromhpa gus na choinnich iad ri duine àrd cnàmhach.


[32]

Seo Gandhi,’ ars Ailean, ’s rinn an duine gàire cruaidh eagallach. Bha dùil aice gun tuiteadh e an comhair a chùil. Coinneach Meadhonach mór:

Well, well, well,’ ars esan. ‘Well, well.’

Bha aministeir maol. Bha ball-dóbhrainn air os cionn na cluais taisgeil, putanan aruith sìos a bhroilleach, fàileadh siabunn dearg. Ministeir glan, snog, bog, man cluasag. Thuirt Coinneach ri Ailean nach robhn droch aghaidh air a dhol gu ministeirs a chliù cho cugallach anns na raointean naomha sin. Cha robh dragh aig Ailean, ach bha crithna thóin an uair a thàinig cùisean gu buil:

A bheil thus Ailein agabhail abhoireannaich seo’ . .. ploscairtich a chuirp, rùchdail a mhaodail. ..

A bheil thus Nellie’ . .. an uair a stadadh e chanadh iThatha, tha, tha.’

Bha cuirm aca air an oidhche, abhrain agus ceòl. Sheas Coinneach air bòrd agus labhair e:

Tha mise glé eòlach air an duine seoAilean mac Ruairidh, a rugadhs a thogadh ann an Gil-a’ -Chlamhain. ’Se bàrd a thannbàrd agus fear-siubhail na mòintich dam bu dual a bhi smiorails na blàran.’

Och isd.’

Agus seach gu bheil ena bhàrd, nach biodh e iomchuidh dhòmh-sa rann neo dhà, a rinn mi-fhìn, aithris dhuibhse an dràsda. Cha be gu robh bàrdachd air a buileachadh oirnneclachairean agus luchd-togail na salmach an deidh sin, rinn mi mo dhìchealls tha mi glé chinnteach gun gabh sibh mo leisgeul. Seo agaibh e ma-tha.’

Agus le sin dhaithris e Dha Nellie:

S mór mo thoileachas a-nochd LB a bhi làthair aig do bhanais. LB Na biodh gruaman ort, a luaidh — ’S tusa fhuair an gaisgeach fearail.

Bheir e fiadh dhut ás abheinn, LB Bheir e breac dhut ás alinne, LB Iasgair air cuan mór nan tonn


[33]

S achraobh as àrda thasachoille.

S tusa fhuair am fleasgach stuamLB Gu Luain chan fhaic thu shamhail. LB Nis guidheam sonas dhuibh gach LB Is òlamaid le chéile gloinne.

S an uair a thràgh iad na botuils a fhuair an tùchadh làmh-an-uachdair, thàinig achuirm gu ceann agus dhfhalbh iadnan triùir dhachaidh.

Faire, faire shaoghail,” arsa Nellie, afàsgadh drathairs chlòimh Ailein. Bha an t-uisge trom adòrtadh a-nuass acuir deann ás an talamh. Bhiodh Ailean air ruighinn Ard-nan-Claiseans bhiodh e-fhéin agus Coinneach am broinn an taigh acoimhead dhan teine. Dhfheumadh i-fhéin a dhol cuairt an taobh sin a dhaithghearr, ged nach biodh ann ach gu faiceadh i abhó bhreacs abhó ruadh a-rithist. Dhaithnicheadh iad gu math i, ’s iadsan a dhaithnicheadh. Bhiodhad aice a chula samhradh, ’gam buachailleachd air aghleann. ’S cha robh uair a bhiodh i leotha nach tigeadh Goromal gu cuimhne, Goromal agus abhó chiar a bhaca nuair a thàinig isen toiseach.

Seall oirre Nellie. Sin achailleach chiar againne, ’s chan eil air an t-saoghal a tha saoilsinn uidhir.’

Seall a-nis cho dòigheils a tha i, acnàmh a cìrs a broinn gu sracadh. Cuir do làmh oirre. ’S caomh leatha sin, a bhiasd gun nàire. . .’ Cha bhiodh Goromal asguir a bhruidhinn rithesga cìreadh le cìr mhór fhiodha a bha fhathast aca as abhàthach. Goromal chòir choibhneil. Aon lathas iad abuain na mónach, rinn Coinneach Mór a mhùn ris apholl. Bha Coinneach agus Ruairidh air abharrfhad; Calum Bàn agus Ailean air fàd aghàraidh; Goromal agus Catriona, bean Choinnich, abuain achaorain. ’S rinn am breitheanas ud a mhùn. ’S an uair a thàinig Goromal air alòn a dhfhàg e, thoisich i aflodranaich ann le a làmhan.

‘ ’Il fhios agaibh air a-seo fhearaibh,’ dhéigh is i togail a cinn. ‘Gheibh thu mach gad a tha latha fuar, tham bùrn blàth.’


[34]

An trusdar grànda,’ thuirt i nuair a chaidh innse dhi, ‘dhèanadh en àit sam bith e.’

Dhionnsaich Goromal bleoghan dhith, ’s mar a dhèanadh i gruth is ìm ùr, ceann-propaig, maragan agus lus-nan-laogh. Chumadh sin greann ri na fir. Dhionnsaich i snìomh agus fighegeansaidhean, stocainnean, bonnagan agus balaclàvaschumadh sin blàths riutha. Ann an ùine glé aithghearr cha robh cuimhne air abhaile mhór.

Bha i taingeil cùl a chuir ris. Aileanna shuidhe mu coinneamh, mochsamhaduinn air Lùnasd, ’s iad asiubhal troimh ghlinn. Dhaithris e bloigh bàrdachd dhith:

Dhiarrainn-sa nis a bhith còmhnaidh gu bràth LB far nach tig doinionn a dhoidhches a , LB far nach bi foill agus caoidh agus cràidh LB far nas fàs guirean LB niosgaid no fuine LB fada bho ghlaodhraich na sràidean.

Mises mo leannansaghleannan as bòidhch LB còmhladh atàmh far a seinneadh na h-eòin, LB is far am bi sàmhchair a-ghnàthna ar còir LB gun aimhreit no bròn, LB deuchainn is deòir, LB ach beò ann an aoibhneas is àilleachd.

do bheachd air?’

Glé mhath Ailein. rinn e?’

Mise. Dhut-sa.’

Cha thill sinn dhan abhaile mhór tuilleadh.’

Eil thu smaoineachadh gun còrd aGhil riut?’

Tha mi cinnteach as.’

S math sin.’

bhiosad adèanamh an dràsda?’

An dràsda. .. woill, bi sinn atòiseachadh air obair an fhoghair. .. aspealadh an fheòirs ga chaoineachadh. . .’

Bha i cho saoirsinneil. Cho taingeil.

Chaidil i agus Ailean abruidhinn air corc agus


[35]

sneapan, an t-sealbhag ruadhs am buntàta. ’S cha do thillad tuilleadh, ’s cha thilleadh gu bràth.

Dhfhosgail i an dorus dhan achat.

Bha turadh ann, ’s bha feum air. Chrochadh in t-aodach air aròp. .. leigeadh i na h-uain a-mach. .. biadh dha na cearcan. .. ’s an uairsin an diathad mhór.

title3
internal date1979.0
display date1979
publication date1979
level
reference template

Caimbeul Deireadh an Fhoghair %p

parent textDeireadh an Fhoghair
<< please select a word
<< please select a page