[71]

6

Chuir i ás alamp a bha ri taobh na leap. Bha solus na gealaich aice a nis agus chitheadh i, air an uinneag, an Tom Geur agus cliathaich na beinne. ’S cha burrainn dhithacoimhead riutha dorch sàmhach fon t-solus udgun smaoineachadh air ceann-teagaisg a bhiodh tric aig Ailean.

Ginealach atighinn,’ chanadh e, ‘agus ginealach afalbh, ’s an talamh afantainn.’

Chuala Ailean na focail ud aig bodach beag annasach a bhann uaireigins a thàinig a-steach a thigh a sheanairathair athairan uair a bha a sheanair air aleabaidh leis an teine-. Cha robh e ach cóig bliadhna a dhaois. Bha a sheanair ann aleabaidh astaill, as an dorchadas, agus bhiodh esanna shuidhe air innean, acoimhead dhan teines ag éisdeachd ri sheanair ag osnaichs ationndadh. Thuirt a sheanmhair ris gur e teine- a bhann, agus bha dùil aige-san an uairsin gu robh a sheanair adolna theine air chùl nan cùrtairean.

Ach air feasgar dorch thainig am bodach seo. Bha bataige, agus bha mìr-eòrna aigena phòcaidfhuair Ailean làn a chraois dheth. Bodach dòigheil a bhann, buachaille. Sheas e ann ameadhon alàir agus theann e bruidhinn le guth man tàirneanaich. Cha robh esan atuigse ris a bha e abruidhinnan robh cuideigin a-muigh air an tobht? an robh shùil air an fhàrluis? Sheall e-fhéin suas ach chan fhac e càil ach na sparran, agus na ceanglaichean, ceò ghorm agus sùich. Agus chual e am bodach ag radh: ‘Ginealach atighinn; ginealach afalbh; agus an talamh afantainn.’ Lean na focail sin ri Ailean.


[72]

Cha burrainn dhìthse a nis — ’s a sùil air abheinn agus an oidche gealgun smaoineachadh air an fheadhainn a dhaithnicheadh i-fhéin: Goromal agus Ruairidh-nan-speuclanan; muinntir Choinnich Mhóir; agus an bhràthair a bhann a Léinebroc: Aonghas agus Calum, na Bànaich mu dheireadh. Bha iad gu léir cruinn an oidhche thainig Ailean leatha gu Gil-a’ -Chlamhain.

Bha cóig mìle deug a choiseachd eadar am baile-puirt agus aGhil, ’s bha Ruairidh afeitheamh riutha leis alàir bhuidhe agus achairt. ‘Gun dìth thu-fhéin. . .. Gun dìth thu-fhéin. . .’ thug e dheth a bhonaid mas do rug e air làimh oirre. Falt cléigeanach glas, agus alàmh làn ghàgan. Cha robh e idir colach ri Ailean ann am meud, cumadh, no ìomhaigh, ach a mhàin gu robh speuclanan air an dithis. Bha Ruairidh caol, crùbachshaoileadh tu gu robh na gàirdeanan aige fada na bfhaide na bu chòir dhaibh a bhith. Duine beag molach, dorch as achraiceann, aona chas chuagach.

Thainig uisge drùidhteach orra adol tarsuinn na mòintich. Bu shuarach leotha, ’s iad trang adèabhadh na searrag a lìon Ailean anns aBhaile Mhór, a lìon Ruairidh anns aBhaile Bheagbhiodh cuirm ann an Gil-a’ -Chlamhain. ‘Bi clann arìgh air do bhanais!’ dhéigh Ruairidh gu h-àrd le ghuth, ‘ . .. agus seinnidh Aonghas Bàn aphìob, ’s bi sinn adanns gus an goir an coileach. . .’ Dhinnis e dhith mar a dhéirich dhan achas chuagachseanchas mhór na cois, thuit achlach a dhiùlt na clachairean oirres bha sin cràidhteach gortagus chaidil e roimhn a cho-dhùnadhs cha chual iad an còrr bhuaithe gus na ràinig iad. ‘Mo nàire! Mo nàire!’ thuirt Goromal, ach bha i dòigheil. ‘Nach seall sibh air an t-seana-bhuntha sinn air ar maslachadh, a ghraidh.’ Bha ina seasamh anns an dorus, agus bha aodannan eile air a cùlaibh acoimhead a-mach. Agus cho luaths a thug Ruairidh mun aire gu robh iad air buannachds gu robh aluchd-éisdeachd air a dhol am meud, sheas e ann an toiseach na cairt agus sheinn e dhaibh uile:


[73]

Tha mo bhreacan fliuch fon dìle LBS chan fhaod mi innse mar thà e; LB Tha mo bhreacan fliuch fon dìle.

Tha mo bhreacan gu fliuch fuaraidh LBS chan urrainn dhomh chuir suas a màireach; LB Tha mo bhreacan fliuch fon dìle.

Ghleus Aonghas Bàn aphìob:

Tha thìd agam-fhìn a bhi falbh dhachaidh dìreach LB Mas dig an t-uisge mìn gu bhi garbh dhomh.

pluicean Aonghais alìonadhs abòcadhs a shròin eatorra cho dearg ri tomàto, tomàto leis aghràinne dubh. Na meòir cho siùbhlach, brag aig a chas

Nam biodh trì sgillinn agam LB Chuirinn dhan an òlad. ..

cùl amhaich Aonghais.

Bha e-fhéin agus Calum a bhràthair colach ri chéile: leathainn, trom, dearg. Daoine solt gun dad a chòmhradh, carthannach agus faisgnan dòigh. Cha bhiodh tu glé fhadanan cuideachd gus a saoileadh tu gu robh iad ann a riamhs gum baithne dhut iad bho thoiseach do bheatha.

Agus an fheadhainn eile:

Coinneach Mór, athair Choinnich, fear-gléidhidh Ard-nan-Claiseancho cruaidh ri creag, chanadh tu gur ann ás aodann na creige a chaidh a sgealbadh. Shìn e a chròg mhór thuicecròg mhór man spaidagus smaoinich is i afaicinn a làimh fhéin adol ás an t-sealladh: O mo làmh bheag bhochd, cha dèan thun còrr a chaoidh. Ach cha do dhfhàisg e idir oirre. Dhfhàisg e air làimh Ailein gu-, ’s ged a leig esan na h-éigheanan ás bha Coinneach Mór gun iochd: thainig achròg eile a-nuas air a ghualainn, thuit speuclanan Ailein gu bàrr a shròin agus lùb a ghlùinean. ‘Bu tu-fhéin an ceatharnach Ailein a riamh a smaoinich gu faigheadh tu cho sgìamhach. . .’ ‘Tha thu air mo


[74]

chiùrradh!’ ars Ailean, aglaodhaich. ’S thuirt Catriona, bean Choinnich: ‘An ainm an àigh nach suidh thu air do thóin.’

Bha trì beannagan air Catrionas bham broilleach aice làn phrìneachan-banaltrum. Shuas anns achùlaistair falbh bho ghlaodhraich nam fearrinn i fhéin agus Goromal agus Barabal mìn-sgrùdadh air a chula piullag-aodaich a bhaice. ‘Càiten fhuair thu seo a ghraidh? Mo chreach-sa Ghoromal, nach seall thufiach do làmh air an aodach sin.’ Làmhan cruaidh garbh; làmhan a bhiodh apràbladh na mónachs a bha eòlach air gràp is spaid; làmhan a bhleòghnadh s a bheireadh laogh bho mhàthairs a ghlanadh duis ann a sruthan fuar air maduinn reòidhte geamhraidh. Neònach a bhi faicinn na làmhan seo air a gùn geal sìoda. Agus fhads a bhan dithis aca abeachdachadh air, thainig Barabal thuice-se a dhfhoighneachd mu dheidhinn an t-saoghail sin far an robh aodach ùr brèagha, fàinneachan is grìogagan. .. ‘Tha mise dol ann,’ arsa Barabal, ‘ ’s cha thill mi tuilleadhchan eil càil a seo dhòmh-sa.’ Rinn i sin. ’S bhiodh ise uaireanan amiannachadh gun tilleadh Barabals gum bruidhneadh iad a rithist air bùithean aBhaile Mhóir, air brògan is adan is aodach geal sìoda. Ach cha thilleadh. Thigeadh cèic a chula BliadhnUr. Sin uireas.

Nighean bhòidheach a bhinnte. Bha a màthair eireachdail cuideachd. Catriona, nighean Dhomhnaill aChladaich. ‘Fuirich a nis a Chatriona,’ chanadh Goromal, ‘agus foighnichidh sinn dha Nellie. . .. a ghraidh a chanadh tu-fhéin as truime, mise no Catriona?’ Bha acheist seo ag iarraidh faiceal. ‘Chan eil unnam-sa a bhrònag,’ chanadh Catriona, ‘ach an craiceans na cnàmhan. Seall: chota-bàn, seacaid bheag, agus dhrathairs; ’s tha geansaidh mor orm a bharrachd air a sin agus piullagan eile. Chan eil thu afaicinn ach aodach. Thoir dhìom an aodachs tha mi cho caol ri stamh achladaich.’ ‘A nis, a nis, a Chatriona, chan eil math sam bith dhut ann. .. tha acheart uidhir orm fhìn, acheart uidhir.’ ‘O fiach an isd thu. .. gu


[75]

sealladh sealbh ort a chreutair, ged nach biodh ann ach an tóin a thortchan fhada gheibh thu troimhn dorus. . .’ ‘Cluinn oirre, Nellie, ’ga call fhéin. .. ag radh gu bheil tóin mhór orm-sa!’ Agus gu dearbha cha robh Catriona fada ceàrr, ach tóin ann no ás, bha Goromal air leth math.

Nighean Sheonaidh Duibh. Bha uaireigin othail ann a sìg-chorc air Ard-nan-Claisean, agus rugadh mac dhith. Ailean.

Tugainn sìos a nis,’ thuirt Goromal. ‘Tha cho math dhuinn aghaidh abhoinn a chuir air abhathais.’ Bhiodh focail mar sin aice: ‘aghaidh abhoinn air abhathais.’ Goromal.

S chaidh iad sìos chun an teines bha Coinneach Beag aseinn:

Os fheudar dhomh bhi togail orm LB A dhìreadh na fuar bheann.

Cha sheinneadh duine cho math rise-san. ’Na shuidhe air abheing eadar Aonghas Bàn agus Calum, ’s bhan dithis aca-san air an gluasad gu gal. Bha na h-abhraingu h-àraid aig deireadh na h-oidhches an deochs an cadalgad fhàgail fannbha na h-abhrain an uairsin slaodach, tiamhaidh. Dhfhalbh Coinneach Beag cuideachd, an gille tùrail grinn. A dhAfrica, O Dhé. Africa. chreideadh an oidhch ud gum be siud do cheann-uidhe? ’S nan tigeadh tu rithist, ’nan tilleadh tu Choinnich, bhiodh aloch ud mar a bha i riamh, an gleann seo gun atharrachadh. Ach sgaoil achoinneamh:

Oidhche mhath leat a Chatriona.’

Oidhche mhath Aonghais, ’s math a chluich thu oirra nochd.’

Na bithibh fada gun ar ruighinn a nis.’

Cum do shùil air Coinneach Beag.’

Tha i cho dorch ris abhìth. . .’

Mar sin leat an dràsd Ailean. . .’

‘ ’S gu robh latha fada sona agaibh le chéile.’

Oidhche mhath dha-rìreabh. .. oidhche mhath.’

Agus an talamh, mar a thuirt Ailean, mar a thuirt am


[76]

bodach a thainig air feasgar, an talamh afantainn. An Tom Geur man balgan-buarach ann amullach na beinne. Amhòinteach. Bho thainig an aois oirre cha bhiodh i aruighinn cho fada machs bu mhiann leathas bha sin glé dhuilich dhith.

Ach gu dearbha bha maduinnean math ann, gu bràthna cuimhne, an uair a nochdadh Coinneachs a dhinnseadh e gu robh latha cruinneachadh nan caorach air a thighinn aon uair eile. Meadhon an t-samhraidh. Bhiodh i-fhéin agus Aileannan cadal séimh. Agus an uairsin thigeadh afuam:

A-ha! A-ha! A-ha!’ adol troimhead chun asmior. Coinneachna sheasamh anns an dorus. Theannadh Ailean atrod:

tha thu fiachainn ri dhèanamh? Cuir ás dhan dithis againn?’

A-ha!’

Fios agus cinnt agad nach eil mise fulangach. . .’

A-ha! A-ha!’

O mo chreach-sa Choinnich.’

Leig thusa dha. .. leig thusa dha. .. coinnichidh fhiadh fhéin rise-san lath-eigin.’

Togaidh min teine.’

Fios aige nach eil mo chridhe-sa ach lag.’

Ni mi biadh.’

‘ . .. -mhodh agus dìth na nàire. . .’

Cuir thusa air an coire Choinnich. .. ni mi-fhìn am biadh.’

Co-dhiùbh, bi duine dol ri dhualchas seachd uairean as alatha.’

Och isd, Ailein.’

Isdidh. Isdidh mise. Ach fuirich thus ort.’

Chan e cail a tha ceàrr a Choinnich, ’s gun dàna tu cho tràth?’

Tha gu leòir ceàrr.’

O chan e, chan e, chan e. Mi-fhìn is Teàrlach adol a dhiarraidh nan caorachmaduinn cho maths a thainig am bliadhna.’

Maduinn àluinn. Bu shunndach an ceum afalbh,


[77]

saor o uallach, saor o chuileagan, agus dealt na h-oidhche fhathast air afhraoch. Bhos cionn na h-Airidh Ghlas dhéireadh na faoileagan le iulach àrdbhiodh iad aneadachadh ann a sin; acuir feagal a bheatha air Ailean; Ailean amoinnan dhaibh, aodann adeàrrsadh, cugallach a cheum. ‘Tha na balgairean sin acuir na mòintich fodhpa-fhéinchan fhada chì thu cearc-fhraoich, naosg no lach. . .’

Leigeadh iad acheud anail air an Tom Gheur. Bha an tom fradharcach, chitheadh iad sgaoilteach mhór de mhòinteach bho mhullach. Coinneach acoimhead timchiolls a làmh ri mhaoil; Ailean adeocadh bil-feòir, a shaoirsinn aige a nischa robh an còrr a dhuamhasan anns an t-slighe.

Cha bhiodh ise adol na bfhaide nan tom. Ghabhadh Ailean a-mach air a shocair gu loch Sléibht, agus nan tigeadh caoraichna rathad leigeadh e éighe: ‘O-ho! O-ho!’ agus an ceann greis chitheadh i iads an earbaill an àirde aruith sìos dhan aghleann. Bhiodh Coinneachs an atoirt sgrìob mhór siar air an abhainnbha ainmeanan ann: Feadan Idhagro, Loch Bhréitheabhat, an Garadh Mór, aLoch Chaol. Chluinneadh i fead Choinnich an dràsds a rithist ach chan fhaiceadh i gluasad sam bith. Uaireanan bhiodh an dithist fada gun ceann a thogail agus dhfhàsadh i rudeigin iomagaineach, dealbhan aruith troimh h-inntinn. Gu hàraid bhiodh i afaicinn Ailein suas gu achlaisean ann aléig-chruthaich no air a cheann dìreach ann am Bota-Cnàmh.

Ach nochdadh na gaisgich mu dheireadh thall, fear caols fear cruinn air cùl nan caorach an uachdar aghlinn.

Teich a-mach a bhalaich.’

O-ho! O-ho!’

Eil thu faicinn na caora shùileach?’

Robh i agad atighinn?’

Thoir leatad, leatad a bhalaich.’

Tha i air thoiseach, a Choinnich.’

Laigh a nis! Laigh sìos.’


[78]

Robh thu muigh fada?’

Loch Bheag Shanndabhat. Tha mi smaoineachadh gu bheilad againn.’

Bi fios aig Nellie. .. Seo, seo. .. O-ho!’

Trobhad a nis. Cùl mo chois.’

Bha Teàrlach rìoghail. Bha Teàrlach math. Bhiodh i asaoilsinn an t-saoghail dhethga fhaicinn acuir na mòintich mhór ud as a dheidh, adol gu cinnteach a réir àithne amhaighstir. An uair a ruigeadh iad, bhiodh i afreasgairt air Teàrlach an toiseach, Teàrlach còir, Teàrlach còir agam-sa. ’S ged a bha a theanga air tuiteam a-mach, cop ri cùl a bheòils an anail cho luath, cha robh duine no ainmhidh cho moiteils a bha Teàrlach an uair ud.

Bha an fhaing eadar Ard-nan-Claisean agus an tigh aca-fhéin. Bha i ann bho thùs, air a dèanamh le cip agus sgrathan, na ballachan a nis air talmhachadh. Chitheadh tu mun cuairt oirre far an robh àite fhéin aig gach duinebuaileagan uaine far am biodh iad abearradhs aspoths atrods ag éigheachds ag òl bainne tiugh. Bha cuimhne mhath aice air na bonaidean, na beannagan, na briogaisean, ’s na bréidean air na tóinean. ’S bhiodh na tóinean an àirde dhan adhars iad trang arùsgadh; na h-aodainn dubh, fallusach, aig teas na gréine agus stùr na faing. Nan tigeadh rùda gu chéile stadadh an obair agus chruinnicheadhad timchoill. Bhiodh gach duine amoladh a rùide fhéin, ’ga phiobrachadhsga bhrosnachadh. ’S an uair a bhiodh an t-sabaid seachad, theannadh iad adearbhadh an amhaichean a chéile: ‘Cha do rinn e bhiadh dheth a Chaluim. .. ’, ‘Cha leig thu leas a nàbuidh, cha bhi e gu bràth nas treise na rùda mór agam-sa.’ Ach chaidh casg a chuir air aghnothuich seo a riamh bho chaidh caora le Coinneach Mór a pronnadh gu bàs. Choisich i, brònag, air a deagh shocair eatorra, ’s mas dfhuair duine bhann air caruchadh, bha an fhuil dhearg ri coinnleans a mionach slaodadh rithe. Cha do rinn i afuaim bu lugha.

Chrath i air falbh an dealbh sin. Na bfheàrr a bhi cuimhneachadh air na maduinnean tràth nuair a


[79]

dhfhalbhadh iad le ceum sunndachs an dealt fhathast air afhraoch. Dhfhàs i uamhasach ceangailte ri na caoraich, dhaithnicheadh i g math iad agus dhaithnicheadh iad i. Air agheamhradh, an deidh areitheachd, bhiodh i adol thuca le biadh. Ruigeadh i àiridhean Bhréitheascro, tobhtaichean uaine a measg luachair, agus dhéigheadh i orra:

Nighean Mhór! ABhlàrag! Tróidibh!’

Chaora Sgrogach! Gille Bàn! Tróidibh! Tróidibh!’ Cha robh caora atadhal aghlinn nach aithnicheadh is bha ainm aice air a h-uile gin. Bòidheach dha-rìreabh a bhiga faicinn acromadh thuice bho gach taobh, ’s an uair a bhiodh an oidhche reòidhtes i acuir an t-sneachd chuimhnicheadh i orra, crùibte còmhladh ann am fasgadh na seann thobhtaichean ud.

Cha robh aca a nis ach na trì beathaichean: Caora Bheag na Tràghad, Nighean na Fìor-othaisg, agus amult. Ach bha gu leòir aig Coinneach, a-muigh ann a sin leotha fhéin air amhòinteach mhór. Chitheadh i, air an uinneag, an Tom Geur agus cliathaich na beinne. Glé dhorch a nis. Cha bfhada gu maduinn.

Chanilfhios nach ruig mi fhathast sibh,” thuirt i gu socrach, “ . .. an Airidh Ghlas. .. Bhréitheascro. .. druim Loch Shléibht. .. chanilfhois fhathast. .. latha buidhe Bealltainn. . .”

LB Bha Coinneach aig muir; afalbh chladaichean is chuantan, acluinntinn nan tonnan mór asluaisreadh. ..

Sluaisreadh. LB Focal dhut. Sluais. .. readh. LB Fuaim an fhocail, afuaim agad; afuaim socair sluaisreach samhraidh agad LB ri cladach, ri tràigh, atràghadhs alìonadh.

Luaisgeanach do ghluasad LB a-machs a-steach, a-machs a-steach, LB aotrom aig uairean LB asgaoileadh air gainmheach is mol.


[80]

S an uair a thig i bhon iar-thuath LB dorch dioneanach na tonnan trom geamhraidh agad LB abualadh buille bho bhuille air leac is palla LB apronnadhs astracadh LBs abriseadh geal ri gach carraig agus sgeir LB smùid is siabanga frasadh, LB aimhreiteach do chòmhstri ann an uaigneas nan geodhachan

ni thu sgaradh an uairsin LB ni thu sgabadh: LB lorgaidh na h-eòin fasgadh ann asgoltadh dubh nan creag LB teichidh an fhaoileag gu tìr LB crùbaidh achrùbagna daingneachd fhéin.

Ach thig fois agus fèath a rithist LBs bi solus na gréine air do chòmnhnardan àrd LBs afuaim socair sluaisreach samhraidh agad LBa tighinns afalbh LB ri cladach is tràigh.

LB Ann an càinealachadh alatha dhfhàg i cala, mathair agus Calum Bàn ag iomradh, mo cheann làn cadail. Bha i bòidheach dha-rìreabh, an eathar againn, air druim achuain. Cha robh focail againn ach dhan aimsirs sinn acoimhead ri na néimhean os ar cionn:

Tha i gealltainn latha math.’

Cho fads nach tig i gu bhi ro bhlàth. . .’

Na fuireadh i aign Earadheas, dìreach man a tha in dràsd. . .’

Bhiodh sin, mar a chanadh an Glaisean, ion-mhiannaichte.’

Cha burrainn na bfheàrr.’

Ach bha teas inntan . .. aig àird amheadhon-latha, bha teas innt’ . . .’

Thainig na fulmairean a-nuas bho bhàrr achladaich a choimhead rinnna h-eòin chrom, grinn a ghluaiseas


[81]

iad. Thainig asteàrnag chaol a throd, ’s bha na faoileagan ann co-dhiùbh.

Chum sinn a sròin gu siar. Bhan Talamh Fuar a-muigh a sin, taobh thall na fairge. ’S bha migam fhaicinn fhìn ag iomradh a-null tarsuinn agus an dealbh iongantach seo agam dhan Talamh Fhuar ag éirigh an àirde ás na h-uisgeachan. Ach thug sinn mun cuairt i mu choinneamh an Dùin agus dhùisg Ruairidh gu obair mi:

Siuthad siuthad a Choinnich, leig sìos an ceann-mara.’

Ceud agus trì fichead dubhan, alìon-beag a bhagainn. Ceud agus trì fichead dubhan air an deagh bhiathadh le rionnach, mo làmhangan cuir, aon is aon, gu bràth gos na ràinig sinn sear air Ard Idhanis. Bha Ard Idhanis a ramhna chomharr againn, ’s aig an fheadhainn a bhann romhainniasgairean nan eathraichean móra a dhfhalbhadh fo sheòl.

Ghabh sinn ar biadh an uairsins leig sinn dhan t-sruth falbh leinn socair air ais gu siar.

Sruth sear gu lìonadh agus siar gu tràghadh,’ thuirt Calum Bàn as a ghuth-thàmh. Agus aig àm shonraichte chan iarr e taobh seach taobh. Sin an t-àm as fheàrrson iasgach. Bha dorgh aig gach duine, asgaoileadh na sreang gos am buaileadh aluaidhe grunnd na mara. Lorg sinn asaidhean agus aliùgh agus na sgobagan àbhaisteach faisg air tìr. Bha na rionnaich na bfhaide muighs rinn iad stialladh air dubhanan, rinn iad toinneamh air sreangan, ’s chuir iad Ruairidh troimhe-chéile:

Tha clann na galla sin glan ás an ciall! Tarruing a-mach i, Choinnich, gos a ruig sinn na truisg.’ Agus ghabh sinn a chomhairl’, agabhail comharr eadar an Dùn agus Ard-nan-Claisean. Grunnd-mara nan trosgtrom cadalach iadsan. Ailean le shùilean cruinngan coimhead marbh fo chasan:

Nach àluinn an t-iasg e, Choinnich. Agus arionnach cuideachd.’

Bha an adhar gorm, gun aon sgòth. Chunnaic sinn na sùlairean adol gu siar, asgarbh dubh leis fhéin a-nulls


[82]

a-nall air aghaidh na doimhne. Chuir an cearban car-a- mhuiltein no dhà, ’s bha aròn rìoghail, le shròins le fheusag, air togail a chinn. Feallsanach achuain mhóir.

Trobhad a bhalaich, balach bochd, trobhad thusa,’ bha Ruairidh ag éigheachd. Agus shaoileadh tu aig amannan gur e sin an dearbh rud a bha esan amiannachadh. Ach cho luaths a thigeadh sinn dàn air, theicheadh e air falbh. Balach glic. chuireadh earbsa ann amac an duine.

Bha mathair abruidhinn air iasgairean eile:

eathar againn air an tràigh, an te seo agus eathar mhór Dhomhnaill aChladaich. ’S bha na dhà a-muigh a ud. Ged a bha mise glé ògcha bhithinn ach mu shia bliadhnafhuair mi còmhla ri mathair. Bha mo sheanair oirre cuideachd, Domhnall fhéin, Aonghas mac Dhomhnaill a bhasan Dùn, Fionnlagh Beag an t-sruthain agus Seoras Alasdair na Buaile. Be sin asgiobadh. Bha Seonaidh Dubh air an téile, dathair fhéin a Chalum, an Glaisean, Seumas Alasdair bràthair Sheorais, ’s bha Ailean Mórna sgiobair oirre.

Co-dhiùbh thainig afeasgar a-machshéid i bhon iar, steall geal aice air sròin aRudha. Cha do ghabh mi a leithid a dheagal a riamhuamhasach fhéin an fhairge nuair a dhéireas oirre. Bha na bodaichna maraichean math gu-ta, ’s chum sinn a deireadh dhan t-suaile, Seorasga stiùireadh. Tha mi creidsgum biodh sinn adlùthachadh gu math air an tràigh nuair a chunnaic sinn eathar Ailein. Agus h-abair sealladh! Bha i gearradh tarsuinn oirnn bhon ears cha robh duine beò ri fhaicinn ach Seonaidh Dubhs e ann an iomairt mhór. Bhan còrrna sléibhtich le cuir-na-maratogail-sùil cha robh aig aon duine bhinnts bha Seonaidh bochd air fheuchainn chun asmior. Dhéigh Domhnall ris:

Cum dìreach i Sheonaidh! Cum dìreach i!

S chuala sinn guth Sheonaidh, àrd an aghaidh na gaoith:

Coma leat-sa charaid! Tha mise dèanamh air achladh!’

Gàireachdainn, agus an uairsin seanchas eile. Dhùin


[83]

mi mo shùilean agus dhéisd mi riutha, abruidhinn air gaillionn is garbhseach agus daoine calma a chuireadh bàta fo h-uidheam a dhaindeoin sin. Dhéisd mi ris an t-sàmhchantas a bha timchioll oirnn agus chluinninn an dràsds a rithist othail nan eun a-stigh aig achladach. Leig mi na dubhain sìos aon uair eile, sìos sìos, aitheamh an deidh aitheamh, dhan doimhneachd mhór.

Bha feasgar ann an uair a thill sinn chun alìon. Ceud agus trì fichead dubhans bha iasg air gach aon dhiubh. Na h-adagan bu lìonmhor, cho geal agus lìtheach atighinn ás amhuir. Fhuair sinn cnòdain, sòrnain, agus bodaich cuideachd, ’s bha sinn gu léirna ar sruthanan falluis aslaodadh aslaodadhs aghrian ud cho teth acuir nan gathan unnainn. Ach bha sinn ann afonn math; cha robh dùil aig duine gu faigheadh sinn uidhir:

Bi sgoltadh ann!’

Bi sailleadh ann!’

Bi na baraillean làn!’

Bhiodh na boireannaich air an tràigh afeitheamh. ’S an uair a smaoinicheadh sinn orra-san, ’sann bu sgairteil gu obair sinn.

Bi Goromal coibhneil riut a nochd a Ruairidh.’

Thog sinn an cruaidhs thug sinn timchioll an Dùin i, mathair agus Ruairidh air na ràimh. Bòidheach a sheòl i. Bha misena deireadhs mo làmh air astiùir; Ailean agus Calum Bàn apasgadh nan duirgh, abhran aig Calum:

S truagh nach robh mi-fhìns Niall Odhar LB Nàilibh ics na ho-ro LB A lagan beag os cionn Dhun-Othail LB Nàilibh ic sna ho-ro. ..

Agus a-mach bho Ard-nan-Claisean leig Ruairidh ás a ghréim.

Chaill e lùths a chàirdean,’ thuirt mathair, apriobadh oirnn.

Bi cho math dha Goromal cadal.’

‘ ’S mi smaoinich nach dèanadh e bhiadh dheth.’

Siuthad thoir aràmh sin dha Ailean.’


[84]

O tha fuil Sheonaidh Duibh ann an Ailean.’

Rinn e seòrsa de ghàire. Bha dùil agam gu robh e dol a radh rudeigincha bann tric a leigeadh Ruairidh sàthagan dhan t-seòrs ud seachad. Ach cha duirt e dùrd.

Rinn e seòrsa de ghàires an uairsin dhaom e gu chùlaibh a dhuchd Chaluim Bhàin.

LB Bha fear a dhinnseadh seanchasna shuidhe aig abhòrd, ’s bha an dithis bhalach afeitheamh ris.

Ruigeadh e tràigh leotha, dhfhalbhadhad cladaichean.

Dhfhalbhadhad air an casan rùisgte aleantainn arathaid sìos bho Ard-nan-Claisean. ’S bhiodh corca Choinnich Mhóir air gach taobh dhiubh ag abachadh ann an teas na gréine. Aghrian mhór bhuidhe alosgadh shuas gu h-àrd: nan togadh tu do shùilean thuice theannadhad asileadh, dhfhàsadhad gort. Na bfheàrr agus na bu ghlice dhut coimhead romhad, gu h-àraid anns achromadh sìos chun na traghad far an robh an dìogan agus amuran afàs.

Sheasadh an duine aig oir na mara air aghainmheach gheal mhìn, a shùilean aosda agabhail alla ri gach a bha gluasad. Bhiodh na balaich air amhol alìonadh am pòcaidean le clachan beaga cruinn, agus aslòpraich as asprùilleach: fiodhachuid mhór dheth gun fheum ach dha na raodainbucais, bascaidean, agus baraillean gu léirnan spealgan; pìosan de ròpa garbh, bìdeagan de ròpa caol, putan meirgeach, putan gloinne, bloighean lìn. Bha cnàmhan ann cuideachd, agus claguinn, agus glé thric thigeadhad air faoileag mharbh, sgarbh no sùlaire. Bha asnaichean muc-mhara fhathast as aghainmheach aig bun an uillt, bun Allt Léineabhat. Bha i ann bho linn nan creach.

Dhéigheadh e orra.

s luaithe?’ dhéigheadh an duine, agus ruitheadhad thuige asgabadh na gainmhich fon casan, atuiteams ag éirighs atuiteam a rithist. Aghainmheach a cheart cho socair ris an t-sneachd.


[85]

fhuair sibh? na rudan iongantach a fhuair sibh a nis?’

Bheireadh e greis mhór acoimhead ri gach clachacoimhead riutha mar nach biodh e air aleithid fhaicinn a riamh.

Seall air an te sin!’

Seall air an te a fhuair mise!’ Na làmhan cnàmhach cruaidh aigegan togail aon is aon, faiceallach foighidneach mar gum be uighean an trìlleachain a bhannta. Chuireadh e gu bhilean iad, lorgadh e blas saillt na mara.

Bha an tuilleadh sprùilleachagus gu leòir dhethann an Tangaidir, cladach creagach, sgaoilte, làn chaolais agus chladhain. Bhiodh tiùrr mór feamainn ann, agus dhinnseadh an duine dhaibh ainmeanan: feamainn-bhalgain, feamainn-dubh abhuntàta, feamainn-chìrein; mircein, smeartain agus langadair; stamhan is duileasg. Dhèanadhad cogadh le na stamhan, buille ma seachs aliadhag aslacadaich; dhitheadhad an duileasg ach amircean a bfheàrr leotha.

Cha dugadh anighean dha màthair LB earball-sàilamhircean foghair.

Thuirt an duine siud riutha. Bha amircean cho blasda agus cho milis.

Lorgadhad crùbagan agus portain. Sheall e dhaibh sgoran far am biodh achrùbag an còmhnaidhs chunnaicad le iongnadh a ghàirdean adol as an t-sealladh a-steach dha na sgoran dorcha sins atilleadh a-mach a rithists i aigena chròg. Cha dèanadh iadsan seo idir: bhan ìne mhór fada ro mhór. Ach bha na portain furasd. Fhads a bhiodh an duine astrì ri na crùbagan, dhfhalbhadh an dithis aca-san bho lòn gu lòn an tòir oirreatoirt a chreidsgu robh an obair cunnartach:

Tha sinne math air a seo.’

Cha do chaill sinn òrdag fhathast.’

Chan eil aon ghearradh orm.’

Chan eil na orm-sa.’

Tha sinn ro luath air a son.’


[86]

Feumaidh sinn sin.’

O feumaidh.’

Bhiodh na portain asgròbadhs asporghail air tóin aphoc.

Na truaghain.’

Isd.’

Bhaad cho dòigheil as na lòin.’

Isd, thuirt mi.’

‘ ’S tha sinne nis adolgam bruich ann am balgaire de phrais.’

Thoir dhomhsam poc. Faigh thusa faochagan.’

Bhuaineadhad scrom a bhiodh aca air achreagach agus phronnadhad e air na leacan. Bha ascrom pronn man léig morghain, ach cha robh biathadh ann cho math ris. Tharraingeadh e asaidhean a-steach gu taobh na creig, thigeadh smalagan is cudaigeannan cliathan.

Dhèanadhad creagach as achladach gharbh far an iarradh duine eòlas agus faiceal a measg nan geodhachan dubh domhain. Bha ainmeanan a seo cuideachd: Tóbha Dhìobadail, am Palla Mor, Leac Bhàn Geodhna Muic, Uisge-bri, Sgeir an Dùin agus Caolas Idhanis. ’S bhiodh na h-eòin aneadachadh air fheadh. Sheall an duine dhaibh aona chreag a bhaig na h-eòin-dhubh dhaibh-péineun dubh asgadain chanadh feadhainn riss bha a bhroilleach geals a ghob fada, biorach. Agus shuidheadh na balaich ùine mhor ann an teas na gréinegan coimhead; an duine rin taobhs a shùilean aosd aruith air aghaidh na fairge mhór fharsuing ud.

Na seòladh sinn tarsuinn, aruigeadh sinn àit eile?’

Ruigeadh. Ruigeadh gu dearbha.’

Eil e fad ás?’

Tha. Uamhasach fad ás.’

Eil daoine ann?’

Tha. Daoine.’

Man sinne? Daoine man sinne?’

Tha. Agus tha daoine dearg ann cuideachd.’

Daoine dearg! tha sin, daoine dearg?’

Daoine dearg le itean.’

Amarbhad thu?’


[87]

Cha mharbh.’

Carson a tha iad dearg?’

Tha daoine dearg ann, agus daoine dubh ann; daoine buidhe agus daoine geal. Dhfhaodadh gu bheil daoine gorm ann cuideachd. Agus daoine uaine. Chanilfhios bho Dhia carson.’

Robh thus ann?’

Càite?’

Thall a sin.’

Cha robh.’

Am bi iadsan adol ann?’

?’

Na h-iseanan sin.’

Chanilfhiosam. ’S iongantach gum bi.’

Abheil iseanan ann?’

Tha gu dearbha. Agus cladaichean. ’S bi muir atràghadhs alìonadh annfiadhaich aig amannan; agus aig amannan socair, ciùin.’

Bha thu aig ceann abhùrds bha sinne afeitheamh ri do sheanchasan. Mi-fhìn agus Ailean, chan iarradh sinn an còrr ach a bhi còmhla riut. Bhan t-uisge air an uinneag, dreach an fhoghair air na claiseans air na machraichean. An triùir againn, ag ithe shìolagan le sabhs agus buntàta. Bha thu déidheil air na sìolagandhfhalbhadh tu le do chorran dhan an tràigh. ’S cha duirt thu càil; cha robh thu fius ag ith do bhiadh. Agus bha làn dùil againne gur ann asmaoineachadh air seanchas eile a bha thuseanchas ùr annasach mu dheidhinn nan daoine dearga le na h-itean, no mu dheidhinn an fhir eireachdail a thainig a chéilidh, fear àrd uasal le cnodhanan. Ach cha bann. Cha bann.

Thainig aodann Ruairidh thuige. Bha na speuclanan air sgàineadh. Bha e abruidhinn air na ròin, ag innse nach fhaigheadh tu iasg uair sam bith far am biodh aròn. Chunnaic e gu robh na sreangan agus na dubhanan a measg a chéiles bha Calum Bànna deireadh ag éigheachds acomharrachadh a-mach rudeigin: MacBrìde, adèanamh air àird achuain. ’S bha fios aca uile gum biodh na ròinga stialladh ás a chéile roimh


[88]

bheul na h-oidhche. Dhfheumadhad gearradh tarsuinn agus stad a chuir air; dhfheumadh e innse dha Ruairidh gu robh na speuclanan briste. Bha na sreangan a measg a chéiles bha cuideigin amoinnan dha na rionnaichathair, Ruairidh. .. sheall e ri Ruairidh agus bha Ruairidh marbh. Cha robh sgeul air MacBrìde, dhfhalbh es cha thilleadh tuilleadh. Chunnaic e Catriona Bhàn an Dùin air bàrr achladaich agals atuireadh, ’s bha feadhainn eile air an tràigh, ann an aodach dubh. Chuirad Ruairidhna shìneadh air aghainmheach gheals bha amuir-làn atighinn na bfhaisg agus na bfhaisg asgaoileadh ri bonnan a bhrògan. Thoisich na brògan aseòladh a-mach, ’s an uair a sheall e rithistse crann-siùil a bhann, crann-siùil Sheonaidh Duibh. ’S bha esan agus Ailean agus Domhnall aChladaichnan seasamh air an tràigh.

Chuir Domhnall aChladaich a làmh air a ghualainn. Asamhradh a bhann. Beul na h-oidhches aghrian adol fodha. Bha na h-eòinnan cadal. Cha bfhada gus afalbhadh iadsan dhachaidh cuideachd.

Dhfhosgail e shùileans bhan dorchadas air uachdar na talmhainn. An dorchadas a bhann an toiseach. An toiseach cha robh ann ach an dorchadas. .. Thuirt an duine foghlumaicht a dhéirich ás na creagan gur e deigh a bhann an toiseach.

Sheall e ri Teàrlach. Bha Teàrlachna chadal. Cha robh beò ach e-fhéin, agus dhaithnich e nach bfhada nis gu maduinn. Eirich a Choinnich, agus dèan ullachadhdo dheise mhór iaruinn, do chlaidheamh agus do chlogaid.

title6
internal date1979.0
display date1979
publication date1979
level
reference template

Caimbeul Deireadh an Fhoghair %p

parent textDeireadh an Fhoghair
<< please select a word
<< please select a page