ROIMH-RADH
Eadhon mus eil comas còmhraidh aige, tha an leanabh beag a’ feuchainn ri rudeigin innse dhuinn. Ni e sin ’s dòcha le sgriach, ’s dòcha le a làmhan, ’s dòcha eadhon le bhith a’ rànail no a’ gul. Agus nuair gheibh e comas air facail a ràdh, ’s urrainn dhà rudeigin innse dhuinn le aon fhacal a-mhàin. Innsidh e dhuinn a bheil an t-acras air, no am pathadh, a bheil e a’ faireachdainn goirteas no rud mar sin. Agus nuair gheibh e air facail a chur ri chèile, abair an uairsin gun tòisich e ag innse dhuinn. Agus ann an dòigh ’se sgeulachdan a tha aige. Fillte anns na sgeulachdan sin tha teachdaireachd—rudeigin a tha e ag iarraidh innse dhuinn.
Agus nach ann mar sin a tha an sgeulachd co-dhiù? Tha an sgeulachd daonnan a’ feuchainn ri rudeigin a thoirt fa-near dhuinn. Eadar gur e uirsgeul no cunntas no sgeulachd ghoirid a tha againn, tha i ag innse rudeigin dhuinn.
Tha tùs ar comais air sgeulachdan innse a’ tòiseachadh nuair tha sinn gu math òg, eadhon nuair tha sinn nar naoidheanan. Cha b’ urrainn dhuinn sgeulachdan innse mur bitheadh comas còmhraidh agus comas tuigse againn. Bha uair a bha sgeulachdan a’ falbh bho bheul gu beul, tro bheul-aithris, mar a their sinn. Bha sin nuair nach robh foghlam aig daoine a bha a’ toirt cothrom dhaibh air sgrìobhadh a dhèanamh. Ach mar a leasaich foghlam dhaoine agus mar a leasaich an comasan, bha dòigh aca air sgeulachdan a chur sìos air pàipear. Bha na sgeulachdan sin de chaochladh gnè, agus bha iad air an innse airson caochladh adhbharan.
An-diugh tha sinn eòlach air a’ mhodh-sgrìobhaidh ann an Gàidhlig ris an can sinn an sgeulachd ghoirid. Agus faodaidh an sgeulachd ghoirid fhèin a bhith de chaochladh sheòrsachan. Faodaidh an sgeulachd ghoirid a bhith stèidhichte air rudeigin, rudeigin ann an eachdraidh, eadhon rudeigin às a’ Bhìoball. Faodaidh i bhith stèidhichte air rudan sònraichte a thachair don ùghdar; faodaidh i bhith stèidhichte air fiosrachadh a tha aige mu chuspair air choreigin. Agus ged ’se sgeulachd a tha innte, tha i eadar-dhealaichte ann an caochladh dhòighean bho mhodhan-sgrìobhaidh eile Tha an sgeulachd ghoirid am bitheantas ag èirigh gu tur à mac-meanmhain an ùghdair
A thaobh na sgeulachd ghoirid, chan eil sinn a’ faighinn innte mar as trice ach duine no dithis, agus tha na tachartasan agus na smuaintean ag iadhadh timcheall orra sin. Faodaidh an sgeulachd ghoirid a bhith na h-eacarsaich air sgrùdadh a dhèanamh air inntinn dhaoine ann an suidheachaidhean sònraichte. Agus ann a bhith a’ dèanamh an sgrùdaidh sin, tha an t-ùghdar a’ feuchainn ri teachdaireachd a thoirt fa-near dhuinn. Faodaidh an teachdaireachd sin a bhith mu ar beatha làitheil. Faodaidh i bhith mu phuing shònraichte anns a bheil ùidh air leth aige fhèin. No faodaidh i bhith na cunntas air tachartas, chan ann le bhith na sùil-fhianais air rudeigin da-rìribh a ghabh àite, ach lìomhte le cainnt ’s le innleachdan a tha an t-ùghdar a’ tarraing à inntinn fhèin.
Thuirt sinn roimhe gu bheil caochladh sheòrsachan ann de sgeulachdan goirid. Tha sgeulachdan ann anns a bheil plota sònraichte. Faodaidh sgeulachd a bhith a’ beantainn ri aon charactar no ri dà charactar air taobh staigh crìochan na sgeulachd. Faodaidh cuideachd sgeulachd a bhith air a deilbh na leithid de dhòigh agus gu bheil i air a crìochnachadh san t-seagh ’s gu bheil i gar fàgail a’ smaoineachadh. Cha chanadh sinn gu bheil a leithid sin de sgeulachd gun chrìoch oirre idir. Tha crìoch oirre gun teagamh, ach tha e an urra ruinne, na leughadairean, beachd-smuaineachadh ’s dòcha a dhèanamh air a’ chuspair agus raon smaoineachaidh a leantainn air adhart, gu ar co-dhunaidhean fhìn a ruighinn. Chan eil seo idir na easbhaidh a thaobh a leithid sin de sgeulachd. Tha sgeulachdan eile ann a tha sìmplidh nan gnè, ’s chan eil iad càil nas mì-thaitniche airson sin.
Is dòcha gu bheil rudeigin a’ dèanamh dragh do ùghdar, ’s gu bheil e à’ feuchainn ri rudeigin fhaighinn a-mach à inntinn fhèin, ’s gur e an dòigh a tha e a’ gabhail air sin, a chur sìos air pàipear, agus e cuideachd a’ toirt chothrom do dhaoine eile beachdachadh air an rud sin. Anns an dòigh seo tha an sgeulachd ghoirid, ’s dòcha, rudeigin coltach ri bàrdachd, le faireachdainnean pearsanta an ùghdair a faighinn làmh an uachdair air rud sam bith eile a tha a’ tachairt anns an sgeulachd.
’Se mearachd a bhitheadh ann smaoineachadh gu feum sgeulachd ghoirid a bhith fìor ghoirid. Faodaidh an sgeulachd ghoirid a bhith gu math fada, seadh a thaobh àireamh nam facal a tha innte, ach tha e cudthromach mu a deidhinn gu bheil i innte fhèin mar sgeulachd, agus nach eil i an urra ri rud sam bith eile no ri tachartasan eile air taobh muigh crìochan nam briathran a tha ga dèanamh suas.
’S iomadh cuspair mu faod an sgeulachd ghoirid a bhith. Agus, a-rèir a’ chuspair mu bheil i, tha sin a’ deachdadh gu ìre dè an seòrsa sgeulachd a their sinn a tha innte. Chan fheum an sgeulachd ghoirid Ghàidhlig a bhith dùinte; faodaidh i bhith a’ sgaoileadh a-mach gu crìochan a tha gu math nas fharsainge na crìochan na Gàidhealtachd fhèin. Agus tha comas aig cuid de na sgeulachdan goirid a tha againn ann an Gàidhlig seasamh taobh ri taobh le sgeulachdan ann an cànan sam bith eile, an dà chuid a thaobh cainnte agus a thaobh cuspair.
Chan e cunntas a tha ann an sgeulachd ghoirid idir, cunntas san t-seagh gu bheil an t-ùghdar a’ sgrìobhadh sìos dìreach an rud a chunnaic e no an rud a chuala e no an rud a dh’fhairich e agus e-fhèin na shùil-fhianais air an t-suidheachadh. Ma tha i na cunntas, ’se cunntas a tha innte a tha ag èirigh a-mach à inntinn an ùghdair fhèin, cunntas a tha esan a’ cruthachadh, uaireannan annasach ’s dòcha, ach uaireannan sìmplidh cuideachd, cho sìmplidh ’s nach do smaoinich sinn air roimhe seo. Agus ’se sin aon rud a tha cudthromach mu litreachas sam bith—gun toir e oirnn smaoineachadh, ’s dòcha aig amannan air suidheachadh a tha gu math sìmplidh. Faodaidh an sgeulachd
Bhitheadh e duilich a ràdh gu bheil aon dòigh-sgrìobhaidh a-mhàin a’ sònrachadh na sgeulachd ghoirid bho sgrìobhaidhean Gàidhlig sam bith eile. Agus gu dearbha ma choimheadas sinn air an raon de sgeulachdan goirid a tha againn ann an Gàidhlig, chì sinn gu bheil caochladh dhòighean-sgrìobhaidh air an cleachdadh, chan ann a-mhàin le ùghdaran air leth ach leis an aon ùghdar nuair tha e a’ sgrìobhadh sgeulachdan mu chuspairean eadar-dhealaichte. Tha na dòighean-sgrìobhaidh gu ìre mhòir an co-chòrdadh ri na cuspairean mu bheil na sgeulachdan. Ma tha rannsachadh againn air inntinn duine, ge air bith co às a tha an rannsachadh sin ag èirigh, faodaidh sinn a bhith cinnteach gum bi an dòigh-sgrìobhaidh rudeigin domhainn. Ma tha sgeulachd aighearach againn, tha an dòigh-sgrìobhaidh dualach a bhith rudeigin aotrom ged nach dèanar dìmeas sam bith air airson gu bheil e aotrom, cho fad ’s a tha e freagarrach a thaobh a’ chuspair mu bheil an sgeulachd gu bhith.
Anns an leabhar seo tha suas ri leth-cheud sgeulachd ghoirid Ghàidhlig. Nuair bha mi a’ deasachadh an leabhair, bha e fa-near dhomh taghadh a dhèanamh a thaitneadh ri leughadairean aig gach ìre. Chan eil an àireamh sgeulachdan a tha san leabhar ach a-mhàin a’ riochdachadh an raoin fharsaing de sgeulachdan goirid a tha againn ann an Gàidhlig. Cha b’ e an duilgheadas idir dè dheidheadh don leabhar ach dè dheidheadh fhàgail às. ’S tha sin fhèin na theisteanas air lìonmhorachd nan sgeulachd a tha againn ann an Gàidhlig. Tha mòran de sgeulachdan ionmholta againn nach eil sa’ chruinneachadh seo idir, ’s cha b’e dìmeas no cion mianna a dh’fhàg às iad, ach a-mhàin nach gabh an soitheach Gàidhealach ach a làn. Tha iomadh seòrsa sgeulachd ann. Tha feadhainn aotrom ann. Tha feadhainn ann a tha domhainn. Tha feadhainn ann a tha a’ beantainn ri cuspairean a tha, ’s dòcha, air taobh muigh crìochan comas ar breithneachaidh. Bha mi a’ meas gu robh an t-àm ann sealltainn air ais, agus sùil a thoirt air na thatar air a sgrìobhadh de sgeulachdan goirid Gàidhlig, agus a-mach à
A thaobh taghadh den t-seòrsa seo, bithidh sgeulachdan ùra air nochdadh eadhon mus bi an taghadh seo ann an clò, agus ’se rud math a tha sin. Tha sgeulachdan ùra daonnan a’ nochdadh, gu sònraichte ann an “Gairm”, agus ann an corra leabhar le ùghdaran air leth. Tha gach sgeulachd a tha againn cudthromach, chan ann a-mhàin air a sgàth fhèin, ach ann am farsaingeachd an raoin a tha againn. Dè as cudthromaiche don naoidhean bheag, nuair tha e a’ feuchainn ri innse dhut gu bheil an t-acras air, na an sgriach uabhasach a leigeas e às aig dà uair sa’ mhadainn? Dè ’s dòcha as cudthromaiche don ùghdar a tha air tighinn gu ìre na an rud sin a tha a’ beantainn ri inntinn ’s a tha e a’ toirt am follais ann am briathran sgeulachd?
Cha bhitheadh e freagarrach an seo sgrùdadh no rannsachadh a dhèanamh air sgeulachdan air leth a tha san taghadh seo, oir bhitheadh leabhar an sin ann fhèin (an soitheach Gàidhealach a-rithist). Biodh ar leughadairean a’ rannsachadh ’s a’ ruamhar eadar agus air cùl an cuid bhriathran, agus aig amannan ’s dòcha gun cuir e iongnadh orra dè lorgas iad.
Dòmhnall Iain MacIomhair
Taing ....
Do na h-ùghdaran airson cead a thoirt seachad an cuid sgeulachdan a chleachdadh;
Do na foillsichearan a leanas airson cead a thoirt seachad sgeulachdan a dh’fhoillsicheadh leotha a chleachdadh:
GAIRM, GLASCHU
ROINN NAN CANANAN CEILTEACH,
OILTHIGH GHLASCHU
CLUB LEABHAR, PORT RUIGHE
CHAMBERS, DUN EIDEANN
Do Roinn nan Eilean Siar den Chomann Ghàidhealach airson an obair a chlò-sgrìobhadh mus deach i chun an fhoillsicheir;
Don luchd-teagaisg sin ann an Roinnean Gàidhlig sgoiltean a thug seachad am beachdan a thaobh sgeulachdan a bhitheadh freagarrach san leabhar—tha cuid de na mhol gach neach a’ nochdadh, ach gu mì-fhortanach b’ fheudar cuid fhàgail às;
Don Ollmah Ruaraidh MacThòmais, Oilthigh Ghlaschu, airson cuideachaidh agus brosnachadh ann a bhith ag ullachadh an leabhair.
D.I.M.I.
title | Roimh-ràdh |
internal date | 1985.0 |
display date | 1985 |
publication date | 1985 |
level | |
reference template | MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p |
parent text | Eadar Peann is Pàipear |