[1]

1. AN CAR

Nuair dhfhairich Seonag deireadh achàir abualadh air aphòile-solais bha e mar gun cuireadh duine sgian na cridhe. ’Se achiad rud a thàinig a-staigh oirre: “Ciamar a dhinnseas mi seo do Mhurchadh? Bha fios agam nach robh astar gu leòr eadar an chàr eile. O carson a dhfheuch mi ri faighinn a-staigh an seo?”

Chunnaic i duine no dhà atoirt sùla oirre, agus feadhainn aca agàireachdraich. Dhfhairich i cho deargs a bha a h-aodann air fàs. Bha fhios glè mhath aice bhiodh iad asmaoineachadh: “Co ris a bhitheadh sùil agad agus boireannach aig achuibhle?” Ise a fhuair tron teast achiad uair! Dhfheuch i ris achàr a chur dìreach ri oir achabhsair gus am falbhadh an fheadhainn a chunnaic thachair agus i aleigeil oirre nach robh i asaoilsinn càil dheth.

An uairsin thàinig i a-mach agus choimhead i air deireadh achàir. Cha robh an gnothach cho dona agus a shaoil i an toiseach ach bha e dona gu leòr. Bha tolg mòr anns abhumpair aig deireadh achàir. Cha bhitheadh am bumpair ceart gu bràth tuilleadh. Cha mhòr nach robh i acaoineadh. An càr ùr às an robh Murchadh cho pròiseil!

Se latha grianach a bha ann nuair dhfhàg i an taigh anns amhadainn agus i adèanamh air abhaile. Bha i afaireachadh cho toilichte agus cho comasach astiùireadh achàir. Thòisich i air òran a ghabhail agus an uairsin stad i air eagal gum bitheadh daoine ga saoilsinn neònach. Ach a-nis ged a bha aghrian a cheart cho soilleir bha a h-uile càil air tionndadh cho grànda. “Uill, tha e cho math dhomh dèanamh air na bùthannan,” thuirt i rithe fhèin. Ach bha a ceann ann an leithid a bhoil leis na thachairs gun theab i leth chlach ime agus leth phunnd buntàta iarraidh anns achiad bhùth. Thachair càirdean rithe ach is gann a dhaithnich i iad leis mar a bha i afaireachadh.

Air an rathad dhachaigh bha i afiachainn ri smaoineachadh ciamar a dhinnseadh i do Mhurchadh rinn i. Bha e cho moiteil às achàr agus cho pròiseil cuideachd gun dfhuair ise tron teast achiad uair a dhfheuch i e, ged bhitheadh e atarraing aiste agus ag ràdh gu robh e neònach gur e na boireannaich an còmhnaidh a bhitheadh afaighinn tron teast achiad uair.

Ciamar a thòisicheadh i air innse dha?


[2]

A bheil cuimhne agad a Mhurchaidh nuair thuirt thu gun toireadh tu maitheanas dhomh airson rud sam bith nan toirinn pòg dhut?”

Ach bha amharas oirre nach bitheadh abhuaidh aig a pògan air a-niss a bha aca aon uair.

No: “A bheil cuimhne agad, a Mhurchaidh an latha a phòs sinn agus na bòidean a rinn thu gun gabhadh tu mi airson achuid as fheàrr neo achuid as miosa?

Uill, tha achuid as miosa air tachairt.”

An dèidh dhi faighinn dhachaigh thog i am fòn agus dhfhaighnich i de mhuinntir garaids a bha faisg air làimh am burrainn iad bumpair ùr a chur air achàr an latha ud fhèin. Thuirt iad nach burrainn dhaibh sin a dhèanamh ach dòcha gun dèanadh iad e an ath latha. Ghabh i ris an tairgse sin agus chuir i sìos am fòn.

Eil fhios am faigheadh Murchadh a-mach mu dheidhinn mur innsinn idir dhà e?” thuirt i rithe fhèin.

Chan eil feum aige air achàr is bithidh e acoiseachd dhan choinneimh a-nochd. Bhithinn afaireachadh slèagach achs fheàrr sin nan aimhreit.”

Bha i afaireachadh beagan na bfheàrr an dèidh dhi cur roimhpe nach innseadh i idir e agus thòisich i air a h-obair taighe le cridhe na baotroime. Ach cha robh e fada gus na thòisich a cogais air a buaireadh.

Ma thòisicheas sinn air rudan a chumail bho chèile chan eil fhios càite an stad e. Ma gheibh Murchadh a-mach gun cheil mi seo air goirtichìdh e gu mòr e.”

Na h-inntinn chunnaic i i-fhèin agus Murchadh ann an cùirt an dealachaidh agus am fear lagh ag ràdh,

“ ’Se achiad rud a thàinig eadar an dithis seo nuair thòisich abhean air rudan a cheiltinn air an duine.”

“ ’S fheàrr dhomh innse dhà,” smaoinich i mu dheireadh, “ged bhitheadh e fiadhaich fhèin.”

Thainig gnogadh dhan doras agus bha siud ach a deagh bana-charaid Catrìona.

Thig a-staigh, a Chatrìona. Bheil fhios agad rinn mi? Bhuail an càr air pòile is chan eil fhios agam ciamar a dhinnseas mi do Mhurchadh e.”


[3]

Innse! Carson a dhinnseas tu e? Nach cuir agharaids ceart e?”

Bhithinn afaireachadh cho slèagach ged tha,” fhreagair Seonag.

Faireachadh slèagach! Nach tu tha gòrach. Nam bithinn-sa ag innse do Thormod a h-uile càil a tha mi adèanamh ceàrr, bhitheadh bristeadh-pòsaidh air a bhith ann fada ro seo. Cha dèan math a h-uile càil inse dha na fir. Cha dèan e ach aimhreit is gheibh thusa sin a-mach luath gu leòr, a nighean. Chan eil e math dhaibh cus den fhìrinn a chluinntinn co-dhiù.”

Rinn Seonag gàire airson achiad uair on thachair an tubaist.

Thugainn a-staigh dhan chidsin is gabhaidh sinn cupa .” ars ise. “Dèan thusa dìnneir mhath dhà agus na innis càil,” arsa Catrìona nuair bha i afalbh.

Ach bha Seonag eadar-dhà-bharail fad an fheasgair agus cha robh i air a h-inntinn a dhèanamh suas aig leth uair an dèidh còig nuair a dhfhairich i an doras a-muigh afosgladh agus Murchadh atighinn a-staigh.

Bithidh do dhìnneir deiseil ann an tiotan, a Mhurchaidh, dhèigh i. Faodaidh tu am pàipeir a leughadh thuige sin.” “ chanas mi?” thuirt i rithe fhèin an dèidh dhi am biadh a chur a-mach, agus i asuidhe aig abhòrd.

An uairsin thug i an aire gu robh bocsa beag air a chur air a beulaibh.

tha seo?” dhfhaighnich i.

Agus an uairsin dhfhosgail i e.

O Mhurchaidh, am broidse air an robh mi acoimhead Disathairne seo chaidh. Carson a chosg thu do chuid airgid?”

Uill,” arsa Murchadh.

O Mhurchaidh,” thuirt i, “chuir mise tolg mòr am bumpair achàir agad an-diugh.”

Cha tuirt Murchadh guth. Chaidh e a-null dhan dreasair agus thug e rudeigin às. Nuair thug e a-nall ga h-ionnsaigh e chunnaic i gur e an soitheach criostal a thug piuthar a màthar dhi a bha ann agus gu robh de na cluasan aige briste.

Uill!” bha i adol a thòiseachadh, “an soitheach criostal a thug piuthar mo mhàthar dhomh.. .” Chuimhnich i air achàr agus thòisich i air gàireachdaich.


[4]

Thòisich Murchadh cuideachd.

Thill mi dhachaigh anns achàr aig Iain,” ars esan, “a dhiarraidh pàipearan a dhfhàg mi a-staigh agus bhris mi an soitheach. Cha drinn mi ach a stobadh anns an dreasair gus an tiginn dhachaighs an innsinn thachair. Be an t-iongnadh nach fhaca tu e. Tha mi uabhasach duilich.”

Bha mo cheann ann an leithid a bhoil leis achàr,” arsa Seonag, “no bha mi air fhaicinn. Ach chan eil còir sam bith agamsa a bhith fiadhaich. Tha an dàrna duine cho clibeach ris an duine eile.”

An dèidh na dìnneir nuair bha i na seasamh aig an uinneig asmèideadh ri Murchadh agus e afalbh gu coinneamh na comataidh bha i afaireachadh mar gun deach uallach a thogail dhith.

Ach thàinig rudeigin a-staigh oirre.

Chan eil fhios ciamar a bhitheadh mur a bitheadh e-fhèin air an soitheach criostal a bhristeadh?”

Agus an uairsin thuirt i rithe fhèin:

Cha bhi mi ag innse a h-uile càil idir, rudan beaga co-dhiù.”

Iain MacLeòid

title1. An Càr
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page