[31]

10. AM MINISTEAR UR

Bha an oidhche fuar. “Beannachd leat agus mòran taing,” arsa Màiri ri ban-charaid. Dhùin i an doras ach cha do ghlas i e oir bha dùil aig Màiri ris amhinistear tadhal air a shlighe dhachaigh bhon chlèir. Bha teine math anns an t-seòmar agus shuidh i an cathair comhfhurtail far am faiceadh i an doras tron uinneig.

Thòisich i acunntadh na h-inntinn an fheadhainn a dhaithnich ia bha aig seirbhis adhlacaidh a bràthar, Aonghas, am feasgar ud. Thainig mòran às aGhleann Mhòr far an robh a h-athair còig bliadhna thar fhichead na mhinistear. ’S ann am mansa aghlinne a rugadh i-fhèin agus Aonghas.

Chaidh Anna, a piuthar, na nighinn òig gu Astràilia far na phòs i tuathanach. Bha bhliadhna bho bhàsaich ise. Chaidh a bràthair Seòras gu Canada na mhinistear. Bhàsaich esan an ospadal an dèidh tubaisd ann an càr còig bliadhna air ais. Shiubhail Màiri agus Aonghas an saoghal cuideachd. Bha Aonghas na chaiptein agus ise na banaltram. Cha do phòs iad agus nuair bha làithean obrach seachad thog iad taigh beag goireasach faisg air abhaile agus deich mìle bho eaglais aGhlinn Mhòir. Agus cha robh Sàbaid nach biodh iad san eaglais far an robh iad nan òige.

Bho chionn bliadhna fhuair iad ministear Sasannach. Bha e na fhìor shearmonaiche agus bha ceangal air leth aig an t-sluagh ris. Chuir e seachad mìos san t-samhradh ag ionnsachadh Gàidhlig an Leòdhas, agus le cuideachadh nan seann daoine bha e dèanamh oidhirp mhath. Bha lorg aige air eachdraidh na sgìre agus air sinnsearachd gach teaghlaich. Ged rugadh e an Lunnainn agus ged a bha blasOxfordair a bheurla bha e air iomadh dòigh na bu Ghàidhealaiche na duine de aois san sgìre. Cha robh guth aige air pòsadh agus gu tric chuireadh e seachad an oidhche aig Màiri agus Aonghas aig àm clèir, an àite dhol gu mansa fuar falamh.

Chaidh Màiri na h-inntinn air ais gu làithean a h-òige. Sgoil na sgìre, an sgoil Shàbaid agus cleas aBhìobaill aig a màthair. I-fhèin acluich an orgain aig coinneamhan seachdain. A màthair, ro thric, atogail Màiri mar fhìor eiseamplair aig coinneamhan na hòigridh. Am beachd a pàrantan agus gach duine san sgìre cha robh aon ann a bha cho


[32] ciallach stuama, stòlda ri Màiri. “Carson nach eil Màiri apòsadh aon de na gillean òga a tha tighinn gach samhradh a chuideachadh a h-athar?” Sin a theireadh iad uile. Ach aon samhradh thàinig gille òg eireachdail don bhanc. A h-uile feasgar bhiodh e-fhèin is Màiri an cuideachd a chèile. Bha e feitheamh ri fios à ceann a deas Ameireagaidh agus mu mheadhon an fhoghair thàinig litir ga iarraidh gu cabhagach. Dhfhàg e-fhèin is Màiri air an aon : esan gu taobh eile an t-saoghail agus ise gu Lunnainn airson bliadhna na banaltram an ospadal.

Thuit fàd às an teine agus thug siud Màiri air ais gu cùisean an . Rinn i osann. Cha be osann bho bhith brùite idir ach osann saorsa, mar gum biodh uallach no eallach air tuiteam dhith. Fad nam bliadhnachan bho thill i à Lunnainn ghlèidh i gu cùramach glaiste na cridhe duilich agus thug i taing do Dhia gun tug am bàs leis a h-uile aon a bhuineadh dhi gun sgeul air na thachair ann an Lunnainn. Thuirt i rithe fhèin, “ fhichead bliadhna bho nochd bha mo leanabh agam nam achlais san ospadal. Thug mi ainm mathar air mun tug iad leo e gu dachaigh nan dìlleachdan. Càit a bheil e? A bheil e beò? An deach a mharbhadh sachogadh? Seo achiad oidhche bhon oidhche ud a chuir mi seachad nam aonar.”

Chlisg i le fuaim càir. Sheall i a-mach. Bha am ministear atighinn chun an dorais agus a mhàileid na làimh mar gum biodh e dol a chur seachad na h-oidhche. Dhfhosgail i an doras agus thàinig e steach. Chuir e sìos a mhàileid. Chroch e a chòta agus ad. Thionndaidh e gu Màiri. Chuir e ghàirdean timcheall oirre. Phòg e i mar nach deach a pògadh a-riamh. Tro na deòir thuirt e na cluais. “Mo mhàthair.” Leig Màiri glaodh aisde. “Mo chreach,” dhèigh i, “Mo leanabh fhìn, am Ministear Ur.”

Iain MacLeòid.

title10.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page