[33]

11. RUBAN DEARG

Bha Dòmhnall air falbh a dhobair amhadainn ud mar a bàbhaist. Chìr Màiri a falt dorch a bha atuiteam na thuinn air a mala, agus cheangail i ruban dearg uime airson a chumail às a sùilean nuair bhiodh i ag obair. “Ag obair,” ars ise, ’s i acoimhead a h-aodainn fhèin anns an sgàthan, “chan eil càil an seo ach obair bho mhoch gu dubh, ’s chan eil fiù duine agam ris an còmhraidh mi bho chaidh Seonaidh don sgoil.” Thàinig gruaim trom air a h-aodann, mar a thig air aodann leanaibh nach fhaigh an rud tha e ag iarraidh. Thàinig gruaim cuideachd air an aodann anns an sgàthan.

Chaidh i suas an staidhre a dhiarraidh an aodaich shalach. Be madainn Diluain a bhann, agusse an nigheadaireachd achiad rud air am biodh i atoirt làmh. Leig i leis abhùrn ruith, agus chrath i don mhìs bleideagan siabainn às aphacaid mhòir a bhanns aphreas ti taobh abhùird. Thruisich i a mhuinichill agus dhfheuch i air.

Thug i leum aiste. Tharraing i a làmhan gu grad às abhùrn. Cha mhòr nach deach a losgadh Leig i ruith leis abhùrn fhuar, agus dhfheuch i a-rithist. Cha robh an siabann ud math air na làmhan idir, ach a burrainn dhìse a dhèanamh? Cha robh de airgead aca air a chur ma seach na cheannaicheadh inneal nighe mar a bhaig daoine eile. Ach cha robh diù dhìse ann. Shuath i a làmhan na h-aparan brèagha dearg. Smaoinich i air an t-seòrsa aparain a bhiodh air mnathan eile abhaile, feadhainn an an dèanamh de stuth bog buidhe, ’s a bha adùnadh bhon amhaich sìos chun amheadhain. Dhfheuch i don bhùrn a-rithist, ’a thug i fruiseadh nach robh fann air lèine uaine Dhòmhnaill.

Chroch i an t-aodach air an t-sreing a-muigh air cùl an taighe. Cha do leig i oirre gu faca i Ealasaid acoiseachd seachad. Bha i a-nis adol gu te an fhuilt a h-uile seachdain. Mhothaich Màiri gu robh deise ùr dhearg oirre. Thug i sùil air a deise ruadh fhèin; ’sann glè bhàn a bha i nis. Cha burrainn dhi gun sùil eile a thoirt. Chunnaic i ceann donn Ealasaid adol a-mach à faire. Chuir i suas a làmh gu a falt fhèin. “Ruban dearg,” ars ise, gu brònach.

Chaidh i steach, agus chuir i air am buntàta airson na dìnneir. Bha amhias air lòn bùirn fhàgail air an làr, agus thiormaich i e! Cha burrainn dhi a chumail a-staigh na bfhaide: “Carson,” ars ise, nach do ghabh Dòmhnall an cothrom ud airson barrachd airgid a dhèanamh, carson?”


[34]

Chaidh a h-inntinn air ais chun an latha ud o chionn mìos nuair thàinig Dòmhnall dhachaigh agus a dhinnis e dhi aig an teine às dèidh na tea. “Tha,” ars esan, “ceann na h-oibreach againn asgur air sgàth aois, agus chaidh an t-àite aige a thairgse dhòmhsa.” Chuimhnich i air mar a bha lasair air tòiseachadh na cridhe aig na facail. “Ach,” arsa Dòmhnall, “cha do ghabh mi e, cha robh mi air a shon.” Chaidh an lasair às. Cha dubhairt i càil ris. Bha e asmaoineachadh gum be e-fhèin a bfheàrr fios. Achs cinnteach gu robh e afaicinn cho duilichs a bha e dhìse, ’s cho furasda don fheadhainn aig an robh airgead.

Bha am buntàta agoil thairis air an teine. Fhuair i aphrais, agus theothaich i am brot a bha a chòrr bhon . Bhiodh gu leòr feòla ann don triùir aca. Shuidh Seonaidh aig abhòrd cho luaths a thainig e, bha e airson falbh a chluiche cho luaths a burrainn dha. Dhfhalbh Dòmhnall mar a bàbhaist às dèidh a chupain .

Nigh i na soithichean agus ghlan i an taigh. Thug i steach an t-aodach. Shuidh i le leabhar aice air beulaibh an teine. Nam biodh Dòmhnall air an cothrom ud a ghabhail cha bhiodh ise an dràsda. ..

Thàinig am fuaim chun an dorais, agus leum Ealasaid a-steach, a h-anail na h-uchd Bha brògan oibreach Màiri glè aosda acoimhead ri taobh brògan àrda gobach Ealasaid. Chrath Ealasaid a ceann cràiceach coileach agus thàinig na deòir. “Tha mi,” ars ise, “seachd mìle sgìth afaighinn rudan ùra, an t-inneal nighe ud, an carbaid ùr, an deise ùr seo, agus canaidh Iain gu bheil a h-uile càil agam a dhiarras mi. Nam burrainn dhuinn an sonas a tha agaibhse a bhith againn.. .”

Cha dubhairt Màiri smid, agus thiormaich Ealasaid na deòir le a h-aparan brèagha dearg. Bha tuar an airgid air a h-aodann.

Sheas Màiri air beulaibh an sgàthain. Smaoinich i air Ealasaid, agus ghabh i nàire airson nan smuaintean a bhaice mu Dhòmhnall tron latha. Bha e an còmhnaidh ceart. Chìr i a falt agus rinn i gàire. Rinn an t-aodann anns an sgàthan gàire cuideachd.

tha seo?” arsa Dòmhnall agus e atogail an ruid a bha laighe na shlaod air an làr. Choimhead e ri Màiri, agus bha na deòir na sùilean, deòir an toileachais. Ged nach robh airgead aca, bha iomadh rud a bfheàrr. Chuir i a làmh suas gu a ceann“ ’Se sin mo ruban deargars ise.

Nighean Sgoile

title11.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page