[39]

13. MAIREAD

Nuair thill iad dhachaigh à Glaschu cheannaich iad taigh mòr geal le lios mòr air a bheulaibh. Cha robh dìth airgid orra oir bha Murchadh air a bhith na phoileass e air inbheSuperintendenta ruighinn. ‘ ’Se an aon rud a-riamh a chuir faileas air am beatha nach robh clann aca.

Bha i uabhasach toilichte leis an taigh, agus bha Murchadh toilichte cuideachd oir bha e faisg air amhuirs bha e dèidheil air iasgach.

Tha seachd rumannan ann gu lèir,” ars esan rithe.

Thug iad am piàno dhachaigh leotha agus an àirneis a bhaca anns an taigh eile airGreat Western Road.Air latha brèagha samhraidh bha i na suidhe anns an lios air cathair, aghaoth bhlàth atogail a fuilt, ’s Murchadh le a shlat iasgaich shìos aig achreagach.

Agus chual i am piàno acluich.

Chuir seo eagal uabhasach oirre oir bha i cinnteach nach robh aon duine am broinn an taighe. Gu critheanach dhèirich i às achathairs chaidh i steach don rùm ach cha robh duine na shuidhe aig aphiàno, ’s bha e fhathast na chèis mar thàinig e. Cha chual i an ceòl tuilleadh an latha sin.

Nuair thàinig Murchadh dhachaigh le cudaigean dhinnis i dhà thachair.

Feumaidh e bhith gun do thuit thu na do chadal,” ars esan rithe. Bha e àrd tapaidh liath, ’s bha an dithis aca air a bhith pòsd airson deich bliadhna fichead.

Chan eil rian nach eil thu ceart,” ars iseChan eil rian nach e bruadar a bhann.”

Nach i a tha coimhead geal,” arsa Murchadh ris fhèin. “ ’S math dhfhaodte nach robh còir againn a thighinn dhachaigh.”

An oidhche sin fhèin chaidh iad a chèilidh air càirdean dhaibh ach cha do bhruidhinn iad idir air aphiano, ach dhfhaighnich Anna anns aghuth-thàmh:

bhanns an taigh a cheannaich sinn?”

Cha robh ann ach cailleach a bha fuireach na h-aonar,” arsa Tormods e cur a-machCinzanodhi: oir cha robh Murchadh ag òl.

Carson a tha thu faighneachd?”

O chan eil airson càil,” ars Anna.


[40]

Nuair chaidh i-fhèin is Murchadh dhachaigh bha aghealach àrd geal anns an adhar agus an taigh sàmhach. Ach bha e coimhead àraid anns an t-solas gheal ud mar gum biodh e feitheamh, agus thubhairt i seo ri Murchadh.

Isd òinseach’ ,” ars esan. “Chan eil càil ceàrr air an taigh.” Bha fhios aice nach robh mac-meanmna sam bith ann am Murchadh— ’se sin bu choireach gur e deagh phoileas a bhann.

An ath latha a-rithist nuair bha i còcaireachd anns achidsin agus Murchadh aig achreagach chual i am piàno a-rithists nuair chaidh i steach don rùm anns an robh e cha robh duine ri fhaicinn. Ach an turas seo dhfhairich i fàileadh cùbhraidh anns an rùm. Nuair thàinig Murchadh dhachaigh cha do dhinnis i dha gun cual i am piàno acluich.

Be seo achiad sanas a chum i bhuaithe na beatha.

Fad a bheatha bha e air a bhith sealg dhaoine air feadh Ghlaschu agus bha sin fhèin gu leòr dha. Agus a-nise dhfheumadh ise sealg an taibhs a bha cluich air aphiàno, anns an taigh mhòr fhalamh ud. Bha aghrian air aodann Mhurchaidh a dhubhadh ach bha a h-aodann fhèin geal.

An latha bha seos i na h-aonar anns an taigh a-rithist chual i am piànos nuair chaidh i steach don rùm bha nighean bheag le dreasa phinc oirre na suidhe aig aphiàno. Chaidh i null far an robh i agus thubhairt i rithe,

thu?”

Sheall an nighean rithe le sùilean cho gorm ri sùilean dola agus fhreagair i.

Màiread.”

Màiread,” arsa Anna. Be Màiread ainm a màthar. Bha iad abruidhinn ri chèile airson ùine mhath nuair thàinig Murchadh a steach.

tha thu adèanamh an sin nad aonar,” ars esan. “An ann acluich air aphiàno a bha thu?”

Cha bann,” ars ise. Dhèirich i bhon t-seata air an robh i na suidhe agus thubhairt i:

An dfhuair thu iasg an-diugh?” Agus mar a bàbhaist bha e air iasg a ghlacadh.


[41]

A bheil thu cinnteach gu bheil an taigh seo acòrdadh riut?” ars esan. “Dhfhaodadh sinn tilleadh a Ghlaschu ma tha thug iarraidh.” Ach bha i droch-nàdarrach anns abhad, ag ràdh, “Chan eil iarrtas sam bith agam a dhol air ais a Ghlaschu.” Agus cha dubhairt e an còrr mu dheidhinn.

A h-uile latha a bha e aig achreagach bha i bruidhinn ri Màiread agus ag innse sgeulachdan dhi. “An latha bha seo,” theireadh i, “bha an nighean bheag seo acoiseachd tro choille nuair chunnaic i am poileas seo anns an deise ghorm mu a coinneamh.”

Agus dhèisdeadh Màiread rithe gu cùramach, ach nuair chluinneadh i Murchadh atighinn bha i teiche air falbh.

fàileadh a thanns an rùm seo?” arsa Murchadh rithe, agus smaoinich i, “ ;Se poileas a thann. Carson nach fhairicheadh e am fàileadh?”

Boltrach ùr a cheannaich mi,” ars ise. Agus thug e sùil oirre mar nach biodh e ga creidsinn. O, ars ise rithe fhèin, nam biodh an dithis againnmi-fhèin is Màireadcòmhla ri chèile a chaoidh.. . ..

An latha bha seo agus Murchadh air a bhith anns an taigh gun ghuth air fhàgail thubhairt i ris,

Nach eil a thìd agad a dhol a dhiasgach.”

Uill,” ars esan, “thàinig e steach orm gu robh mi gad fhàgail ro thric nad aonar.”

Isd, amadain,” ars ise, “thalla thusa le do shlait. Tha mise ceart gu leòr far a bheil mi.” Agus rinn e sin, atoirt sùil oirre nuair dhfhàg e.

Tha sinn a-nise nar n-aonar,” ars ise ri Màiread. “Tha e àraid gur e dreasa phinc a thort, oirse pinc an dath a bàill le mo mhàthair.” An dèidh dhi sgeulachd innse do Mhàiread thubhairt i rithe, “An aithne dhut danns?”

S thòisich an dithis adanns, air feadh an rùm. “Tha min dòchas,” ars ise, “nach fhàg thu mi tuilleadh.” Agus bha eagal oirre gun tilleadh Murchadh, oir gach turas a bha e tilleadh bha Màiread afàgail.

Bha Murchadh math air a bhith glacadh dhaoine is èisg ach cha dc ghlac e Màiread fhathast. Bha e nàdarrach gu leòr a-nise gum biodh Mairead còmhla rithe mar gum bann leatha fhèin a bha i. Ach am burrann dhi a cumail mar phrìosanach anns an taigh mhòr ud?


[42]

Le làmh Mhàiread na làimh fhèin bha i falbh air feadh an taighe, ’s i asealltainn na rumannan dhi. “Seo an rùm agad fhèin,” ars ise rithe, ’s i afosgladh aon de na dorsan. Bha a cridhe gus briseadh air eagal nach còrdadh an rùm rithe.

Thàinig an smaoin a-steach oirre, “Nan èireadh rudeigin do Mhurchadh,” ach chaisg i an smaoin anns abhad mar gum biodh eagal oirre gu ruigeadh i inntinn Mhàiread.

An latha bha seo thòisich i ag argamaid rithe, “Nach do dhinnis mi dhut nach robh còir agad am bùrn ud a chur air an làr?” Agus bha i fiadhaich airson mionaid ach chaill i a feargs rug i air Màiread na gàirdeanans thòisich i sliobadh a fuilt.

Ach cha bfhada a-nis gus an tilleadh Murchadh agus gus am fàgadh Màiread. A h-uile turas a bha i fàgail bha eagal oirre nach fhaiceadh i i tuilleadh.

Nuair thàinig Murchadh dhachaigh le gad èisg mar a bàbhaist dhà thubhairt e, “ am bùrn a tha sin air an làr?”

O dhòirt mi e nuair bha mi nighe nan soithichean,” fhreagair i.

Thug e sùil oirre ach cha dubhairt e an còrr airson mionaid Am poileas ud leis an iasg marbh na làimh!

Chaidh e null far an robh i agus thubhairt e, “Tha mi gad fhàgail nad aonar ro thric. Rinn mi an aon rud ann an Glaschu.”

Thug i sùil ghaolach air agus thubhairt i.

Chunna mi an nighean bheag ud an-diugh fhèin,” ars ise, “agus làithean eile cuideachd.”

ris a tha i coltach?” ars esan.

Tha dreasa bheag phinc oirre,” ars ise. “Agusse ise a dhòirt am bùrn air an làr. Thubhairt mi rithe nach robh còir aice sin a dhèanamh.”

Bha thu ceart,” arsa Murchadh. “Bha thu ceart gu leòr.”

Thug i sùil air le iongnadh. “ thubhairt thu,” ars ise

Thubhairt mi riut gu robh thu ceart gu leòr,” fhreagair e. Ann an ceann ùine dhfhaighnich i, “A bheil thu creidsinn gu bheil an nighean seo ann.”

Ma tha thu ga coimhead tha i ann,” arsa Murchadh. Nach e bha coimhead sgìth is aosd, am poileas ud a bha gun sgìos!

Am poileas ud nach robh afàgail càil gun a rannsachadh!

Shuidh iad a-muigh anns aghrèin air cathraichean agus ise ag


[43] èisdeachd ach an cluinneadh i am piàno. Bha sàmhachd air feadh an domhain.

A-màireach,” ars ise, “feumaidh tu ionnsachadh iasgach dhomh.”

Ceart gu leòr,” ars esan. Bha e air a làmhan a nighe bhon fhuil. Anns amhionaid ud fhèin chuala iad am piàno acluich. Sheall i ris.

A bheil thu tighinn?” ars ise.

Tha,” ars esan. Chaidh iad a-steach don rùm. Bha Màiread na suidhe aig aphiàno. Rinn i gàire riuthas thòisich i ri cluich.

Iain Mac a’ Ghobhainn

title13. Mairead
writersIan Crichton Smith
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page