[44]

14. CALMAN GEAL

Bha calman geal agam uair is mi nam bhalachan. .. Is mi bha measail air!” ars Iain. Bha làn fhios aige, is na facalan fhathast air a bhilean, nach robh coimeas aig na briathran seo ri beurachd Ghilleasbaig Mhòir. Ach an robh Gilleasbaig Mòr, no laoch eile riamh, ann a leithid a chàs is a bha Iain?

Air an t-sràid, beagan mhionaidean air ais, sgap is lùb Iain meòirean tiugha an dara làimhe mun do chuir e iad tron chròic fhuilt dhorcha, anns an dòcha an robh corra ghaoisdean liath, is thug e crathadh beag air an aid chlò, anns an robh dubhan le cuileig an stobadh, ged nach bann air iasgach a bha aire an ceartuair, mun do tharraing e air i le dhà làimh, mar gu robh e ga dheasachadh fhèin airson stoirm ged bha am feasgar brèagha. Gun fhios gun aire gu robh fhalt a-nis atuiteam gu -sgiobalta air cùl a chinn is ri taobh a chluaise, is le snodha slìgeach, neo-àbhaisteach air aodann, rinn Iain air an stèisean, an cabhsair cruaidh fo a chasaibh a beòlaiche air mòinteach na air sràidean abhaile.

Ged bha an tràth fheasgar brèagha cha do bheachdaich e air, ni motha a thug e mòr aire air boireannach àrd, cumadail, ged bha i le ceum aotrom aice acoiseachd roimhe chun an stèisein. Na inntinn, airson dòcha am ficheadamh turas, bha e taghadh cuid de na briathran geurchuiseach, dibhearsaineach, a bu tric a bhitheadh aig Gilleasbaig Mòr, no aig Teàrlach, is iad apliodairt ris na h-igheanan aig cèilidh no aig banais. Chan e gun duirt Iain fhèin facal ri riamh a bheireadh rudhadh gu gruaidh, cho àilleil is gum bitheadh i. Is cha robh iarraidh aige gun canadh. Ach air chinnte bha an latha an-diugh eadar-dhealaichte bho gach latha a chaidh, oir ged bha facal an abhcaideach Shilleasbaig acur snodha air aodann an-dràsda, dòcha gum be comhairle bràthair a mhàthar a chuir an siud e.

Nach bfheàrr dhut bean-taighe fhaotainn: boireannach dòigheil, foighidneach air choreigin, mun tèid a h-uile a dholaidh,” thuirt Dòmhnall ris is e atoirt buille le chep do shean chat leisg, riabhach, a roghnaich riamh an sèithear a bu bhlàithe airson a chlò-chadail.

Bfheàrr dhà gu mòr bean fhaotainn,” arsa Mòr, bean Dhòmhnaill. Ach bhruidhinn i gun mhòran dòchais is atoirt sùil eile air -chuantachd an taighe. “Ach am faca mi-fhìn fear riamh a bheub-


[45] anaicheadh a chuid aodaich coltach riut, Iain! Na chaidil thu anns an deise sin?” Rinn Mòr oidhirp gun bhuaidh air na rocan a bu mhiosa a thoirt às an aodach a bha cheana air a dhruim fhads a sheas Iain gu tosdach, foighidneach.

Ach, tha e gasda,” arsa Dòmhnall, oir ged bha Iain -sgiobalta bha e gun mhìothlachd is cha robh aig Dòmhnall air a bhith cur air. “Cha choimhead muinntir Pheairt air a dheise fhads a tha dath a chuid airgid atighinn riutha, agus e sin.”

Ach an e an t-sean ad-iasgaich sin a tha thu atoirt leat? Dhomh i gus an toir mi grèim anns an lingeadaidh is i cho duaichnidh mar sin. .. Agus ceannaich dhut fhèin ad eile fhads a tha thu air falbh,” chomhairlich Mòr is i acur snaim air snàthnain.

Bithidh gu leòr eile air aire: than ad math gu leòr,” thuirt Dòmhnall, gun aithne air doimhneachd na fìrinn.

Fad na tìde dhèisd Iain ri còmhradh eadar an dithis aca, còmhradh nach robh -choltach ri iomadh còmhradh eile ris na dhèisd e is a leig e mu chluais. Bho chaochail a mhàthair bha Iain adèanamh air a shon fhèin, is a-rèir coltais bhitheadh. Thigeadh Mòr a-nall an-dràsda is a-rithist, aglanadh is asgioblachadh a h-uile muin air mhuin ri làimh, is gum bu tric nach faigheadh e gnothaichean a ghleidheadh Mòr seachad gus an robh e alorg -eigin eile. Gun ghruaim gun ghearain ghabhadh Iain an ath bu deiseile ri làimh.

Thigeadh Dòmhnall e-fhèin atoirt sùil a mheasadh le tlachd sprèidh agus buill-obrach, oir, ged be Iain achiad fhear a rachadh gu làmh-chòmhnadh a toirt do neach eile, cha robh leisg no cion sgoinne air mu obair fearainn no sprèidhe.

Air an latha seo thàinig an dithis aca gu dheasachadh is gu chomhairleachadh is e dol gu Peairt gus ball àirneis fearainn a cheannach. Dhèisd Iain riutha ach mu dheireadh thug Dòmhnall sùil air aghleoca is dhèigh e, “Dhiall, Iain, than gleoca sin agad air dheireadh. Thoir do chasan leat no caillidh tu am bus.”

Seo dad,” arsa Mòr, is gun an còrr, bha Iain a-mach is an dithis aca aig a shàilean ga choimhead na shìnteagan sìos am frith-rathad. Letheach rathaid sheas is thill e ceum, “ nis a dhìochuimhnich e?” arsa Mòr ri Dòmhnall. “Feuch gum biadh sibh an cat fhads a tha mi air falbh,” dhèigh Iain is stad e gus na thog Dòmhnall làmh rèiteil ris mun


[46] drinn e air an rathad mhòr a-rithist.

Aon uair is gu robh Iain anns abhus cha robh smaoin tuilleadh air cat no air dachaigh, air Dòmnall no air Mòr. Ged nach do laigh a shùil fhathast oirre bha Iain an dùil gu robh ròs aige air bean.

Bu toigh le Iain a bhith leughadh nam pàipearan a bha toirt am follais nithean a bha ri reic agus biomadh bad neònach a bheag feum a cheannaich e an cois sin. Mu dheireadh nuair theireadh Gilleasbaig, is dreun às-creideach air aodann, “Ach càit air an talamh an dfhuair thu seo?” fhreagaireadh Teàrlach, na bu luaithe na thug e freagairt à LeabharAithghearr nan Ceist riamh, “Carson a tha thu afaighneachd? Nach fhac e ann am pàipear e.” Aon uair, is Iain air a bha air leth -fhreagarrach a cheannach, thuirt Gilleasbaig, “Nach math dhàsan nach eil mnathan rin reic air an aon seòl.” Ghabh an dithis aca tomhas a ghòraiche len sùilean a-rithist gun fhios aig aon dhiubh an toradh a thigeadh às am briathran. “Chan fhaigh e bean ‘on approval’ ,” arsa Teàrlach. Is ghàir iad.

Ach be sin gu dearbh a bha Iain am beachd fhaotainn.

Chuir Flòraidh dhealbh dhith fhèin thuige. Bu ghann a sheall e air fear de na deilbh oir, ged bha a h-aodann cruinn ri fhaicinn, cha robh ann achsnapshotair na bhuail aghrian oir bha sgall mòr dorcha air a gruaidh. Ach baithne don fhear a ghabh an dealbh eile a cheàird, is bha Flòraidh air a dealbh mar gun do leth-thionndaidh i gus bruidheann, na sùilean tlàth amire ris. Shuidh Iain iomadh feasgar acoimhead air an dealbh gus an robh e am beachd gun aithnicheadh e Flòraidh ann an àite air bith. Nis bha e dol ga faicinn anns an fheòil.

Cha besan leis fhèin a bha adèanamh air abhad shònraichte seo oir bha an a bha ceuman air thoiseach air air stad aig aghleoca is acoimhead suas is a lethcheann risan. Leum a chridhe nuair dhaithnich e an deilbh. Mar ri seann eòlach thuirt e gu furanach, “Flòraidh?”

Iain?” ars ise ationndadh ga amharc.

Ged bu gheurchainnteach Gilleasbaig Mòr theagamh gu robh e air seasamh cho balbh ri Iain fhèin na àite, oir cha drinn ansnapshotbreug; bha sgall mòr trom-dhearg acur -shealladh air an dàrna gruaidh. Bha na sùilean a bha ga mheas dòlasach, amharasach.

Airson leth fada mionaid bha sùilean Iain air an sgall ghrànda, ach


[47] mu dheireadh shluig e a sheile is fhliuch e a bhilean le bàrr a theanga is thuirt e, “Nach fheàrr dhuinn a dhol a ghabhail cupa . Cuiridh e blàths oirnn.” Thug e a-mach neipcean-pòca loireach is shuath e am fallas bho mhala is bho bhoisean mun drug e air uilinn oirre ga stiùireadh gu àite bìdhe a bha e am beachd a bhitheadh freagarrach. Fhads a bha iad acoiseachd chan fhaiceadh e an sgall is cha burrainn dhà chreidsinn nach do mheall a shùilean egus na shuidh i ma coinneamh far an tuiteadh an solas oirre. An uair sin a dhaindeoin a nàire, cha burrainn dhà a shùilean a thoirt far a h-aodann.

Fhads a bha iad afeitheamh gus an tigeadh an , leag i a sùilean gu foighidneach is chuir i làmh mhìn, reamhar, gheal, air abhòrd is phaisg i an dàrna làmh ann am bois na làimhe eile. Is ann an uair sin a thuirt Iain, “Fhios agad, bha calman geal agam uair is mi nam bhalachan. .. Is mi bha measail air. .. Cha chreid mi gu robh leithid a mheas agam air creutair eile riamh.”

Calman?” ars ise atogail a sùilean mar gum be bha seo ach facal nach robh na cànain idir.

Seadh,” ars Iain is e dol na chabhaig. “ ’Se do làmhan a chuir nam chuimhne e. Thug mi do sgoil e aon latha gus a shealltainn do Ghilleasbaig. Ma tha, nuair chaidh mi ga thoirt dhachaigh bha boinne fala air a bhroilleach is boinne asileadh bho ghob. Cha do thuig mi riamh am prannadh a chaidh a dhèanamh air, creutair eile cho beag mìothlachd ris!”

Chaidh Iain na thosd is a sùilean fhathast air is dearbh chinnt aige nach be seo eirmseachd Ghilleasbaig a chuireadh na caileagan nan lùban sùgach. Ach cha burrainn dha suidhe tosdach is a-rèir coltais cha robh iarraidh aicese air còmhradh bho leugh i aodann nuair mhothaich e don sgall mhì-thlachdmhor. An cùl inntinn bha faclan Theàrlaich: “Chan fhaigh e bean “on approval’ ,” agus còmhla ris bha an t-eagal gun tigeadh iomradh air pòsadh. Thug an t-eagal sin air faclan Iain fhèin tighinn nan sruthan, nan tuiltean. Bhruidhinn e air Dòmhnall is air Mòr, air taigh is air cat. Dhfhàg a shùilean a h-aodann is lean iad a làmhan a shnìomh gu bog, banail mu na cupanan, acur na chuimhne an calman geal, is chaidh a chlisgeadh an lughad is theich a mhaoin far aodann. Dhfhàs e tapaidh, fearail a-rithist. Thuirt i facal a thug gàire air is thog e a shùilean ri h-aodann a-rithist. Dhfhàs aodann


[48] fada is an teis meadhoin a ghàire thuirt e? “Chan eil e goirt, a bheil?”

Airson leth na mionaid choimhead i air mar nach robh i tuigsinn is an uair sin chuir i dreun bheag oirre is bhrùth i a bilean ri chèile mun do fhreagair i gu socair, sìobhalta, “Chan eil, is cha robh riamh. Bha an làrach ann bho rugadh mi.” Ged bha Iain, air oidhche dhorcha, air dhol thairis air fadhailean air an robh e aineolach, chan fhairicheadh e na baotruime na spiorad na dhfhairich e an dèidh mar thug ciùine a faclan às a ghàbhadh e.

Ach an uair sin bha e anns an ribe a-rithist le ceist a chuir Flòraidh, ged nach bann mar cheist a chuir a guth na faclan.

Is e bean-taighe a bha dhìth ort?” ars ise, is cha do thog i a sùilean ris.

Ged bha an doras fad air falbh bha dol às aig Iain, ach an àite sin shuidh e far an robh e, asìneadh amhaich, oir bha an colair teann mu mheall an sgòrnain, agus le dànachd air nach robh aithne aige roimhe seo thuirt e, “Is e bha bhuam ach bean.”

Phaisg Flòraidh a làmhan a-rithist is i afeitheamh. Na inntinn chunnaic Iain an calman geal is am boinne fala dearg air a bhroilleach is theann e ri bruidhinn.

Cha burrainn do Iain aithris a-rithist na faclan a thàinig thuice na bu mhotha na burrainn dha aithris na faclan gòrach a chleachd e ris achalman gheal. Mu dheireadh thuirt Flòraidh, Flòraidh an deilbh bhrèagha, “Tha thu cho briathrach ri bàrd!”

Le dànachd air nach do chuir e dearbhadh gus am feasgar ud thuirt Iain, gu sunndach, aotrom, “Is their iad nach bi fear na bhàrd gus am bi fear na leannan.”

Is cha do sheachainn a shùilean a h-aodann.

Beagan sheachdainean an dèidh seo thuirt Dòmhnall ri Mòr, “Ach a bheil fhios agadsa chlach-iùil a tha tarraing an fhir ud daonnan gu Peairt?”

Rinn Mòr snodha is thuirt i, “Chan aithne dhomh, ach chì mi litrichean atighinn thuige bhoMoss Brothers.”

Choimhead Dòmhnall oirre feuch an ann a cheart da-rìribh a bha i mun duirt e, “Moss Brothers! Ma tha chan e briogais ghlùine nodongareesa tha na bheachd!”


[49]

Bha Dòmhnall is Mòr gu toilichte aig aphòsadh, is an t-Sàbaid an dèidh aphòsaidh bha iomadh fear is eile anns an eaglais gus am faiceadh iad achàraid òg. Bha Gilleasbaig Mòr fhèin na shuidhe is nuair chunnaic e Flòraidh atighinn a-steach las a shùilean le mìlse gheur na naidheachd air an robh e adèanamh ro-ghlacadh mum bitheadh i air a bhilean am feasgar ud fhèin.

Shuidh Flòraidh is shuidh Iain ri taobh. Air an dasc phaisg i làmh mhìn am broinn làimhe, is chrom i a ceann, is cha robh fhios aige an ann asireadh no atoirt taing a bha i. Ach anns amhionaid sin, anns an eaglais, fo shùilean achoimhthionail, chuir Iain a làmh mhòr le a h-iongnan briste, gu h-aotrom air uachdar a làmhan airson tiotan beag, is choimhead iad air a chèile.

Ged chunnaic Gilleasbaig gach aon de seo, dhìochuimhnich esan a bha cho eirmseach, abhcaideach, guth riamh a thoirt air a chunnaic e.

Eilidh Watt

title14. Calman Geal
writersEilidh Watt
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page