[57]

16. AM MEANGLAN GORM

Chuir Màiri biadh Aonghais dhan àmhainn, thilg i a h-apran air cùl sèithirs dhfhalbh i suas an staidhir. Dhfhosgail i doras aphreas-aodaichs ruith i a làmh air bad is bad de na bha crochte ann. Eideadh de gach dath ach saoil bfheàrr a fhreagradh a turas?

Gorm? Bha e ro dhorcha, ro dhubhach. Cha toireadh sin togail sam bith do Ghranaidh air leabaidh tinneis. Uaine, ma tha? Chrath Màiri a ceann. Laigh a meur air dreas craobhach. Thog i mach es chum i rithe fhèin e air beulaibh an sgàthain. Be seo an dearbh fhear a chòrdadh ri Granaidh Ghrannd. Craobhach, soilleir, sunndach. Bhiodh e na dheagh chomharra gu robh am meanglan gorm fhathast.

Chuir Màiri oirre an dreas craobhachs mhaisich i a h-aodann aig an sgàthan. Chuir i a falt fada bàn suas le cìrean ann an cruth tarrainneach gus gun coimheadadh i cho tlachdmhors a burrainn i aig taobh leapa Granaidh. Dhiùlt i gu tur aideachadh gur dòcha gu robh Granaidh a-nis seachad air ùidh a ghabhail na coltass na còmhdach. Cha bann le teagamh a chuimte am meanglan gorm.

Fhads a bha i adeisealachadh airson a dhol dhan ospadal smaoinich Màiri air amheanglan ghorm. ’Sann aig Granaidh Ghrannd fhèin a chual im facal uair is uairMa chumas mi meanglan gorm nam chridhe thig an t-eun ceilearach.” ’Sann aig na Sìonaich, thuirt Granaidh, a bha am facal an toiseachs bha ise acreidsinn nach robh duine air an t-saoghal cho glic ris na Sìonaich.

Cha robh suidheachadh fon ghrèin co-dhiù nach robh facal aig Granaidh ga fhreagairts mur biodh facal bitheanta air sgeul cha bhiodh i-fhèin fada adèanamh suas ràdh eirmseach. Bha Màiri ag obair an ospadal nan seann daoine far an robh Granaidh o chionn bhliadhna, ’s bhiodh fealla-dhà eadar i-fhèins an luchd-eiridinn eile mu na geur-fhaclan aig achaillich a bha cho measail aca uile. ’Se corra latha rachadh seachad gun rud annasach no èibhinn a thachairt san ospadal agusse achiad rud a chanadh cuideigin. “Saoil bhios aig Granaidh ri ràdh!”

Se boireannach iongantach a bhan Granaidh Ghrannd. Sachiad dol-a- mach cho fads a bfhiosrach duine cha robh i na seanmhair idir. Ach mar as minig a thuirt Màiri ri a companaich, bha i cho coltach ri


[58] seanmhair. Cailleachag bheag mheata le falt mìn mar an canachs e ann am figheachain nan dual mu ceann. Sùilean gorm-ghlas a dhfhàsadh mear le spòrs agus blàth le co-fhaireachdainn. Nàdar tuigseach, foighidneachs aghaidh chòir a lasadh le gàire mar bhoillsgeadh grèine air saoghal gruamach.

San dara àites dòcha gu saoileadh gu leòr nach robh mòran adhbhair-gàire aig abhoireannach a bha siud. Ach cha bhiodh an sin ach feadhainn nach cuala guth riamh air amheanglan ghorm. Cha robh duine beò aig Granaidh Ghrannd a bhuineadh dhi ach Peigi, a h-inghean. Ach càite robh Peigi o chual a màthair bhuaipe mu dheireadh? Bha i air dìochuimhneachadh o thàinig i dhan ospadal cia mheud bliadhna bhann.

Nuair bha i aig an taigh rachadh i chun na drathrach an-dràsdas a-rithist a chunntais nam parsaileans bhiodh fhios aice cia mheud Nollaig o dhfhalbh Peigi. Bha tiodhlac beag air a chur seachad aice a h-uile bliadhna a dhfheitheamh air Peigi nan tigeadh i dhachaighpeann, sgàthan, leabhar, badan aodaichs cìrean airson an fhuilt fhada bhàin.

S ged nach tàinig Peigi dhachaigh fhathast chaidh aig Granaidh air a bhith daonnan aoigheil, sunndach. Cha tug i riamh suas dòchas gun tigeadh an latha a laigheadh an t-eun ceilearach air amheanglan ghorm a chum i na cridhe.

A bharrachd air sin bha i cho daingeann sachreideass gun toireadh i air càch creidsinn san aon dùilgu h-àraid Màiri Ach nuair bheireadh Màiri iomradh ri Aonghas mun mheanglans iomadh argamaid a-bhiodh aca. Cha robh Aonghas atoirt gèill do mheanglan gorm. Dhfhalbh Peigi o chionn fadas nam biodh i dol a thilleadh bha i air thighinn roimhe seo. Cha robh an còrr air ach sin. Bha h-uile rud an saoghal Aonghais dubh no geal. Cha robh dathan eile eatorra idir.

Bha Màiri air lathaichean dheth nuair fhuair i naidheachd gun bhuail fiabhras aithghearr Granaidhs gu robh muinntir an ospadaìl gu lèir fo iomagain mu deidhinn. Cha do chaomhain duine aca gach aires coibhneas a bha nan comas. Ach bu mhotha dhèanadh feum do Ghranaidh na Peigi fhaicinn nan robh rathad air sin a thachairt. Cha robh duine acreidsinn gun gabhadh Peigi lorg an cabhaig ach co-dhiù chuireadh brath a-mach ann am pàipearan naidheachds air an


[59] rèidio feuch an tigeadh Peigi chun an ospadail.

Bha a-nis trì latha on uair sin ach dubh no dath chan fhacas de Pheigi. ’S chan ann na bfheàrr a bha Granaidh adol. ’Se sin a thug air Màiri cur roimhpe nach biodh Granaidh an-diugh gun duine thadhladh oirre gus a h-inntinn a thogail.

Nuair chaidh Màiri a-staigh dhan ospadalse Màiread achiad nurs a thachair rithes dhfhaighnich i samhionaid, “Ciamar a tha Granaidh?”

Chrath Màiread a ceann. “Asìor dhol sìos, tha eagal orm. Uaireannan chan eil i toirt for oirnn.”

“ ’S an tàinig guth o Pheigi?”

Thug Màiread sùil oirre. “An robh dùil agad gun tigeadh?”

Chaidh Màiri a-staigh gu cùl nan cùirteinean far an robh Granaidh na sìneadh. Acoimhead air achreutair bhreòite san leabaidh shaoil le Màiri gu robh i air seargadh on chunnaic i i. Bha a sùilean dùintes fiamh ùr air thighinn air a h-aodann mar gum biodh comharra air caochladh bu mhotha nach robh fad air falbh.

Chrom Màiri os a cionns rug i air an làimh bhig mheanbh ach cha do shnaoidh Granaidh. Shuidh Màiri greis ri taobh na leapa gus na dhfhairich i Granaidh adèanamh gluasad beag. Thuirt i h-ainm air a socair. Dhfhosgail na sùilean gorm-ghlas is laigh iad briobach air Màiri gun aithne mus do dhùin iad a-rithist.

Thug Màiri greis air stàireachd. Thog in dealbh a bhair abhòrd. Dealbh Peigi a bha ri taobh na leapa on latha thàinig Granaidh Ghrannd dhan ospadal. Peigi na h-òige. Nighean bhrèagh. Bha i cuimhneachadh cuideigin do Mhàiri. Dreas craobhach oirres falt fada bàn sìos mu guaillean.

Bha Màiri adùr-choimhead air an dealbh nuair thàinig Màiread a shealltainn air Granaidh. Gun diog shìn in dealbh do Mhàireads sheall i sìos air an dreas chraobhach a bhoirre fhèin. Chaidh a làmh gu a ceann leis an fhalt bhàn ga chumail suas le cìrean. Sheall Màiri is Màiread air a chèiles bha an aon smaoin nan inntinn. Thug Màiri na cìrean às a ceanns leig i leis an fhalt fhada bhàn tuiteam sìos mu guaillean. Chlaon Màiread a ceanns thill Màiri gu taobh na leapa.

Nuair dhfhosgail achailleach a sùilean a-rithist ghluais Màiri ach cha tuirt i diog. Lean na sùilean troma gorm-ghlas an gluasad gus na


[60] laigh iad air an bha ri taobh na leapa. Nighean le dreas craobhach agus falt fada bàn sìos mu guaillean.

Ann an tiotan thàinig lasadh san sùilean gorm-ghlas nach fhacas unnta o chionn trì latha. Dhealaich na bilean tana le fiamh gàire. Bha sìth is sonas samhonmhor fhann a thuirtPeigi”. Shlìob Màiri an làmh bheag mheanbh air uachdar achuibhrige. Le osna shaornsail dhùin Granaidh Ghrannd a sùilean ann an cadal sèimh.

Nuair thionndaidh Màiri air falbh bha Màiread ga coimhead.

Tha i na cadal a-rithistthuirt i.

Tha,” fhreagair Màiri, “ ’s ged nach dùisgeadh i tuilleadh bha fhios againn gu bheil i nis toilichte.

Dhfhalbh Màiri dhachaigh le ceum sunndachs bha Aonghas roimhpe afeitheamh naidheachd.

Tha mi cinnteach nach do dhaithnich i thu,” ars esan.

Osi dhaithnich!” arsa Màiri.

Ach cha tàinig Peigi, ged tha. Nach tuirt mi riut!”

Cha tàinig,” thuirt Màiri gu ciùin. “Cha tàinig Peigi idir. Ach thàinig an t-eun ceilearach.”

Ceiteag NicGhriogair

title16.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page