[61]

17. NA SOLAIS

Bha a sheanmhair air tuiteam na cadal, ’s bha e gle mhòr leis a dùsgadh. Sheall e oirre na suidhe sachathair mhòir, abheannag dhubh mu guaillibh, a sùilean dùinte ann an aodann aig foiss a làmhan paisgte, fàinne buidhe air dhe meòirean. Bha càch sachoinneimh, ’s iadsan a-staigh leo fhèin acoimhead às dèidh a pheathar. Chaidil ise gu sèimh sachreathail. An taigh seasgair, e-fhèin air beulaibh an teine, an is an cat nan sìneadh gu cadalach anns abhlàths.

Nach e gach a bha socair. Smaoinich e air na bha timcheall orra anns an dorchadas: na caoraich anns amhòintich, abhò anns abhàthaich, na cearcan anns abhothaigach dhfheumte abhothag a dhùnadh a dhaithghearr, bha sin cinnteach: bha na cearcan air a bhith a-staigh o chionn fada. Nan dùisgeadh a sheanmhair.. . ..

An dorchadas is an t-sàmhchair mun cuairt an taighe. Dorchadas acòmhdach na geòla ceangailte aig achladach, ball air a toiseach is acaire às a dèidh, na casan oirre airson nach rachadh i air a cliathaich an uair thigeadh an tràigh. Thaom e-fhèin a-raoir i; bhiodh i tioram gu leòr.

Mìle air falbh, càch anns an eaglais, gach làmpa laiste. ’S dòcha gu robh iad aig an t-seinn mu dheireadh an-dràsda. Solas is ceòl anns an oidhche chiùin fhoghair.

Dhfhosgail a sheanmhair a sùilean. Rinn i gàire. “Chaidil mise treiseag. Trobhad ort, nach fheàrr dhut abhothag a dhùnadh, a ghràidh?” Bu deònach esanleum e mach air an doras is a-null chun na bothaig, ’s dhùin e i, acur achnot mhòir air an doras aice. Ruith e air aisan dèidh dha bhith ùine na thàmh cha burrainn dhà gun a bhith ruith is aleum. Bhan oidhche geur, coltas reothaidh oirre.

Sin thu fhèin. Tha fhios nach bi càch fada gun tighinn tuilleadh.” Athairs a mhàthairs a bhràthairsaoil an robh iad air an rathad? Ghluais e null chun na h-uinneige.

Sann an uairsin a chunnaic e na solais. Sreath de sholais, feadhainn mhòra chruinn shoilleir, dhà còmhla is iad agluasad gu luath tarsainn an talaimh treabhaidh aca, ’s dhà eile air an cùl a cheart cho luath, ’s dhà eile, ’s dhà eile, ’s dhà aig an deireadh, sreath dhiubh glè bhoillsgeil,


[62] agluasad cho luath!

A sheanmhair, a sheanmhair, trobhadaibh feuch am faic sibh na solais! thann? bhios ann?”

Thàinig i chun na h-uinneige cho cabhagachs a burrainn dhi. “Ach càite bheil thu faicinn sholas, a ghràidh?”

Ciamar nach robh i gam faicinn? “An siud, an siud! Nach seall sibh iad atighinn tarsainn an talaimh treabhaidh! Tha iad gus a bhith aig an taighseallaibh iad adol seachad!”

Bha a sheanmhair acoimhead air le gàire air a h-aodann: shaoil i gur ann atoirt a car aisde bha e. Ruith an gille chun an dorais feuch am faiceadh e na solais adol seachad air an taigh.

Bhan oidhche socair, fuar gu leòr, mar a bha i nuair a dhùin e abhothag. Cha robh solas ri fhaicinn ach an solas bho uinneig Alasdair Chaluim. Cha robh na solais mhòra luatha rim faicinn.

Dhfhàg an gàire aodann a sheanmhar nuair a thuig i nach ann ri spòrs a bha e. Cho luath is a thill athair is a mhàthair chaidh i suas às an dèidh, ’s iad adol a chur dhiubh an còtaichean Sàbaid.

tha ceàrr?”

Chunnaic an gille beag manadh a-nochd.”

Chaidh seachd bliadhna deug seachad, mhìos, aon seachdain. Bha e anns an taigh leis fhèin. An oidhche ciùin. Dhèirich e is choisich e chun na h-uinneige.

Sann an uairsin an chunnaic e na solais. Bha còig chàraichean a-nuas an rathad às dèidh a chèile. Bha achoinneamh air sgaoileadh, is cha robh daoine acoiseachd idir a-nis; bha iad adèanamh air na taighean ann an càraichean cho luath is a burrainn dhaibh. Toradh an rathaid ùir, smaoinich e. Is chuimhnich e air an oidhche eile, nuair nach robh sgeul air rathad tearradh no air càr.

Ghabh iad tron achadh far am bàbhaist an treabhadh a bhith, is sguab iad le roid seachad air an taigh. Sheas e aig an uinneig, fiamh aghàire air aodann, gàire na tuigses na cuimhne; laigh blàths aghràidh air inntinn airson ùine ghoirid, ged a bha e na ònar, ged a bha e gun ainmhidh mu thimcheall an taighe, is ged a bha abhothag gun doras, gun mhullach, is agheòla aig achladach na clàran.

Iain MacDhòmhnaill

title17.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page