[63]

18. AN COIGREACH

Cha robh ann ach duine meanbh dheth; cha robh uair a thuiteadh mo shùil air nach tigeadh briathran an t-seann òrain nam chuimhne:

daoine crìon de shìol nan seangan,
cinnn piuthar seanar do Thom Thumb.”

Bha mi riamh den bheachd gur ann a-nall thairis a thàinig e, ged nach robh cinnt sam bith aig neach a baithne dhòmhsa an dùthaich no an cinneach dam buineadh e. Agus cha robh e-fhèin deònach sam bith air solas a chur air acheist a bha air muinntir an àite uile mu thimcheall a dhùthchais. a bha a dhànadas aig duine againn faighneachd dhà co às a thainig e.

Is ann air oidhche fhuair gheamhraidh is cabhadh sneachda ann a nochd e a aghaidh an toiseach an Cailtinnis. Bha triùir no ceathrar de bhodaich abhaile gan garadh fèin timcheall an teine an taigh-òsda Chaluim Ruaidh mun cuireadh iad aghaidh air an dachaigh nuair dhfhosgail an doras is a bheannaich an coigreach a-steach air an ùrlar.

Oidhche oglaidh, fheara,” ars esan ann an Gàidhlig nach buineadh do cheàrna sam bith den Ghàidhealtachd air an robh eòlas aig na bodaich.

Tha sin ann, a charaid,” arsa Calum, “agus co às a thug sibh fèin achoiseachd ris an tìde seo?”

Chrath an duine an sneachda bhàrr a chòta, thug e dheth ad, agus shìn e a làmhan a-mach ris abhlàths.

“ ’Se tha sin ach naidheachd fhada,” ars esan, is fiamh aghàire air aodann. “Ach a-nall le dràm den stuth as fheàrr a thagad, agus a leithid eile do gach aon den chuideachd.”

Thaitinn seo ris na bodaich, agus chaidh acheist an dara taobh an oidhche sin. Ach nan seachd bliadhna a dhfhuirich an coigreach an Cailtinnis cha deach riamh a fuasgladh.

Ghabh e a chòmhnaidh maille ri Calum is, ged nach robh coltas beairteas no maoin air, phàigheadh e a rathad gu cogaiseach aig ceann gach seachdain. Co-dhiù, phàigh e Calum achiad seachdain no dhà; an dèidh sin nochd e-fèin na dhuine cho làmhach èasgaidh mu thimcheall ghnothaichean an taighe-òsda is an fhearainn is gur ann a


[64] dheònaich Calum a bhiadh is a leabaidh a thoirt dhà an asgaidh. Chan e a-mhàin gu robh e ealanta mu obair fearainn is taigheadais; thàrlaidh gu robh eòlas anabarrach aige air gach gnè tinneis a bhiodh dualach do dhuine is do ainmhidh is air cungaidhean leighis air nach cuala muinntir Chailtinnis riamh iomradh.

Thionaladh e luibhean is flùran, còinneach an t-slèibhe is feamainn achladaich, is dhèanadh e plàsdan is fuar-litean a dhearbh èifeachdach mar ìocshlaint do iomadh neach a bha afulang. Chaidh a chliù a-mach air feadh na sgìreachd uile ach, a dhaindeoin cia lìon neach a bha atighinn thuige airson cobhair, cha robh aon duine thall no bhos a burrainn innse ma thimcheall. A bhàrr air gurArtara bainm dhà, cha robh fhios aig neach air sam bith ma dheidhinn a bharrachd air achiad latha a thàinig e.

Cho crìon is gu robh e na phearsa, bha neart anabarrach na bhodhaig Thogadh e eallach a bheireadh dùbhlan do dhithis dhaoine cumanta; ach bha a ghuth sèimh, ciùin is a làmh mìn, socair nuair a chàireadh e air lot no creuchd i.

Theirinn gu robh e mu dhà fhichead, ach cha robh e idir furasda amas cinnteach a thoirt air aois. Fhrithealadh e seirbhisean na h-eaglaise an-dràsdas a-rithist, is labhradh e gu fiosrachail mu chreideamh, sìth am-measg dhaoine, gràdh bràthaireil agus dòighean air am faodadh daoine an leas is an suidheachadh a dheanamh na bfheàrr. Bha tuigse is truas mar gum biodh aco-fhàs ri nàdar; bha gliocas is foighidinn soilleir ram faicinn na ghnìomharan is na chòmhradh, agus chan ann aon uair a chaidh a chomhairle iarraidh ann a bhith arèiteach buairidh no troimh-chèile eadar daoine.

Na dhòigh shocair fèin bha e atoirt atharrachaidh air abhaile uile. Shaoilinn nach robh sluagh an àite riamh cho càirdeil ri chèile, cho deas gu aon a chèile a chuideachadh, seadh, no cho soirbheachail nan obair is nan crannchar.

Ged nach robh an coigreach uabhasach briathrach ma thimcheall fhèin, cha sgìthicheadh e a bhith afaighneachd cheist mu dhaoine eilechan e idir ceistean pearsanta ach ceistean mu dhòighean is caitheamh-beatha an t-sluaigh mar chomann. Bha e aleughadh mòrain, agus, mas fìor Calum, asgrìobhadh, gun fhois. Chuireadh e seachad an oidhche uile na sheòmar fèin asior sgrìobhadh, ach, ged


[65] thug Calum sùil uair is uair air na duilleagan a bha e asgrìobhadh, smid dheth cha tuigeadh e. Thug e uair no dhà aon de na duilleagan os ìosal chun amhinisteir is amhaighistir-sgoile, ach cha dèanadh aon seach aon diubh dad na bfheàrr na Calum fèin. Cha tàinig fear seach fear dhiubh riamh thairis air achànain anns an robh an coigreach asgrìobhadh.

Dhfhalbh an duine mar a thàiniggun fhios aig neach beò càit an deach e Bha an oidhche gheamhraidh fuar dorcha is frasan sneachda ann. Timcheall air teine an taighe-òsda bha triùir no ceathrar de bhodaich abhaile gan garadh fèin. Dhfhosgail an doras is choisich dithis dhaoine a-steachdaoine meanbha, crìon am pearsa, fìor choltach ris achoigreach fèin an coslas is an dealbhachd. Labhair iad ri Artar ann an cànan nach do thuig duine den chuideachd, is fhreagair esan air amhodh cheudna. Dhfhàg e an seòmar, is thill e an ùine ghoirid, ad is a chòta air, is pasgan beag phàipearan am màileid fo achlais.

Oidhche oglaidh, fheara,” arsa esan na Ghàidhlig neònaich fhèin, “achs fheadar dhòmhsa a bhith gur fàgail.”

Rug e air làimh air Calum is air aon an dèidh a chèile den chuideachd. Ars esan, “Na gabhaibh iongnadh mar a tha mi afalbh, is na cuireadh e uallach oirbh, oir bidh atilleadhuaireigin.”

Chaidh e-fèin is a dhithis chompanach a-mach don chabhadh-shneachda.

Cailein T. MacCoinnich

title18. An Coigreach
writers MacKenzie
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page