[66]

19. AN DUINE DUBH

Bha a’ chroit na seasamh aig ceann shuas a’ ghlinne agus cha robh an rathad adol na bfhaide. Bha na beanntan air a cùl agus An TabhAtlanticmar dealbh iad às. Cha robh càil eadar an taigh agus an saoghal ach teud an dealan-uisge agus rathad corrach morghain, a bha dol a-mach à sealladh thairis air bruaich. Bha ceò ghlas ag èirigh bhon t-simileir. Air cùl an taighe bha bothan beag chlach air a thogail airson nan cearc le feans ma thimcheall. Air taobh a-staigh na feansa bha grunn chearcan asgrìobadh san talamh.

Thàinig cailleach le mias na làimh a-mach àn an taigh agus chaidh i a dhionnsaigh an taigh chearc. Bha aodach dubh oirre agus bha bata aice. Thòisich i ri crathadh na bha anns amhias air beulaibh nan cearcan. Nuair bha amhias falamh chaidh i steach don taigh chearc agus thàinig i a-mach an ceann mionaid le ugh bheag dhonn na làimh. Thog i na h-uighean air beulaibh a sùilean agus sheall i gu geur riutha. Bha i toilichtebha na h-eireagan air tòiseachadh abreith.

Nochd duine beag tapaidh air an rathad os cionn an taighe. Bha na fiaclan aige cho geal ri sligean agus bha a chraiceann mar fhàd bhon tairsgeir. Na làimh bha poca mòr trom agus chrom e a-nuas air beulaibh an taighe adèanamh air an doras.

Thàinig boireannach òg a-mach chun an dorais, ’s i acrathadh flùir bho a làmhan.

Chan eil sinn ag iarraidh càil an-diugh.”

Baraganan gu leòr an-diugh! Stocainnean? Còta bàn? Aparan?”

Chuir e am poc air an talamh gu grad agus dhfhuasgail e e. Dhòirt a-mach às aphoc dùn mòr aodach bhoireannach. Rug e air rudeigin soilleir sìoda agus sgaoil e a-mach e le làmhan fada donn.

Gùn-oidhche brèagha àlainn an seo!”

Chan eil mi ag iarraidh càil an-diugh!” Dhfhàs i dearg anns an aodann.

Stocainnean sìoda! Te àlainnstocainnean àlainn! Ceithir is sia sgillinn.”

Ceart gu leòr. Gabhaidh mi aon phaidhir. Fuirich gu faigh mi airgead.” Chaidh i a-steach agus thill i leis an airgead.


[67]

Seo, matà. Thoir dhomh na stocainnean.”

Tapadh leibh, a bhean. Am beil sibh ag iarraidh phaidhir?”

Chan eil ach a h-aon. Chan eil mi ag iarraidh càil tuilleadh an-diugh.”

Ceart, a bhean.” Rinn e osann agus thòisich e ri rùilleadh a-measg an dùin aodaich aig a chasan. Thug e dhi neapaicean beag geal.

Seo, a bhean. Bho Abdul Hassanairson na Nollaige.” Rinn i gàire ris.

“ ’S fhada gu Nollaig, a bhròinein! Chan eil ann ach an samhradh fhathast. Ach tapadh leatsa. Innis dhomham bi sibhseam bi sibha bheil sibh acumail na Nollaige cuideachd?”

Cha bhi, a bhean. Tha latha eile againne. Latha Mahommed. Chan eil ann ach aon Dia agusse Allah am fàidh aige.”

Seadh, seadh. Feumaidh mi a dhol a dhfhaicinn càite a bheil achailleach.” Ruith i gu cùl an taighe.

a tha a siud, a nighean? Chuala mi thu acòmhradh ri cuideigin

Tha duine dubh. Cheannaich mi stocainnean bhuaithe agus thug e dhomh neapaicean pòcaid an asgaidh.”

Nach robh sin snog dhà? An robh na stocainnean cho math ris an fheadhainn a thug Dòmhnall dhachaigh às Ameireagaidh?”

Cha bann às Ameireagaidh a thug e iad! AAfrica!”

Gu an diofar a thann. ’Sann le Dia a tha an saoghal uile, co-dhiù.

An tug thu dhà cupan tea? Bhitheadh e gu math sgìths e air coiseachd bhon rathad mhòr. Ach seo esan! Tha thu an sin, a bhalaich! Thig an seo, gu faic thu na cearcan brèagha a thagamsa!”

Chaidh iad chun an taigh chearc.

Seall air sin! Nach eil iad math! A h-uile h-aon ach an te dhubh sin. Tha mi afuireach ri banais gus an toir mi seachad an sin. Ach tha an còrr nan eireagan agus chan fhada gus am bi iad gu lèir ri breith. An caomh leat fèin uighean?”

“ ’S caomh. Cearcan snog gu dearbh. Agus tha iad òg cuideachd!”

Eireagan gu lèir, ach an te dhubh.”

An dùil an reiceadh sibh dhà na trì rium? Bheir mi dhuibh deich tasdain an orra.”

A bhoill, cha robh càil a dhùil agamsa gin aca a reic. Cha bhi mi a’


[68] reic ach na h-uighean. Nam bithinn cinnteach gum biodh tu gu math dhaibh. A bheil teaghlach agad?”

Tha. Bean agus nighinn.”

Bhoill, bhoill, matà. Bheir mi dhut na ceithir as òige, agus fiach gum bi thu gu math dhaibh!”

Tapadh leibh, tapadh leibh!”

Thug e a-mach làn a chròig a notaichean agus thug e dhi dhà dhiubh.

Ceangailidh mi na casan aca le snàth agus cuiridh mi ann am poca dhut iad. Theirig còmhla ri Màiread agus bheir i dhut cupan tea.”

An ceann lethuair a thìde dhfhalbh Abdul Hassan suas an rathad agus chaidh e a-mach à sealladh tarsainn na bruaich. Bha am poca leis na cearcan air a dhruim agus am poca aodaich na làimh.

Tha mi duilich a-nis gun tug mi dhà iad,” ars achailleach. “Cha ruig e an rathad mòr a-nochd leis an ultach ud.”

Och, ’s beag a chuireas e air! Tha iad eòlach gu leòr air ultaich. Na dhinnis mi dhuibh gun tug e dhomh neapaicean? Airson na Nollaige, ars esan! Chan eil fhios aige fiù cuin a tha Nollaig ann!”

Tha mi adol a dhfhaicinn gu na ràinig e. Na beathaichean bochdair an ceangal ann am poca!”

Rug i air abhata, agus dhfhalbh i suas an rathad. Nuair ràinig i mullach abhruaich sheall i sìos air fad aghlinne ach cha robh duine ri fhaicinn. Chual i gogadaich atighinn bho thaobh an uillt bhig ann an dìg an rathaid.

Chaidh i a-null agus sheall i sìos. Chunnaic i trì cuirp bheaga nan laighe air aghlasaich. Bha an duine dubh os an cionn agus cearc abreabadaich na làimh. Bha sgian mhòr àraidh aige anns an làimh eile agus gheàrr e an ceann bhon cheathramh agus i ga choimhead. Nuair thàinig a guth air ais, thog achailleach am bata agus rinn i air.

Gu tha thu ri dèanamh, a bhiasd? Na cearcan bochda!”

Leum e às an rathad agus thog e na cearcan marbha bhon talamh. Bha na sùilean aige geal na cheann agus cha dubhairt e facal. Nuair bha e adìreadh chun an rathaid na chabhaig, bhuail i am bata air mun druim. Thuit i chun na talmhainn agus shuidh i an sin airson ùine mhòirs i agurrabans ri osnaich:

Obh! Obh! —Obh! Obh!”


[69]

An ath latha, fhuair Màiread leabhar làn sgrìobhaidh coltach ri sgrìobhadh circe na laighe anns an àite sin. Dhinnis duine foghlamaichte dhi às dèidh làimh gum be Bìoball àraidh a bhann— “An Koran,” an leabhar a sgrìobhMahommed, agus anns a bheil e ag aideachadh gum be fàidhe mòr a bhann an Crìosd.

Tormod MacDhòmhnaill

title19.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page