[5]

2. POSADH MAIRI

Cha robh fhios aig Seònaid bho rian gu seòrsa litir a thug am post thuice bho chionn ghoirid an seo. ’S ann a bha i an toiseach den bheachd gur e sumanadh a bha ann airson nach robh i air cìs na rèidio a phàigheadh. Chan e gu robh Seònaid chòir adol a phàigheadh airson na rèidio. Mar thubhairt i-fhèin, “Mur a bheil iad airson mise a chluinntinn faodaidh iad a ghearradh dheth.” Agus bha i-fhèin is Curstaidh Nèill glè chinnteach nach burrainn dhut an rèidio a chreidsinn, no uaireannan co-dhiù. Thàinig iad uair no dhà chun acho-dhùnaidh nach e an aon rud a chuala an dithis air an rèidio a bha staigh aca. Ach cha be sumanadh a bha seo idir ach fiathachadh gu pòsadh Màiri nighean a peathar ann an Glaschu. “Abair pròis,” arsa Seònaid, “nuair phòs mi-fhìn agus Ruairidh cha robh càil mar seo ann.” Cha do thuig Seònaid bhochd air fad gu a bha sgrìobhte air achuireadh, gu seachd àraid a bha R.S. V.P. aciallachadh, ach bha Ruairidh asmaoineachadh gur ann ceàrr a chaidh iad agus gur e R.I. P. a bu chòir a bhith an—“Write in ink please. ”

Cha tàinig smaointinn gu Màiri gun tigeadh Seònaid chun aphòsaidh; nan robh tha mi glè chinnteach nach robh i air an cuireadh fhaighinn. Ach smaoinich Seònaid gun deidheadh i-fhèin is Ruairidh ann chionn bha comanachadh ann an Glaschu an aon seachdain, agusbha cheart cho math dhuinn seachdain mhath a dhèanamh dheth,” arsa Seònaid.

Abair ùpraid nuair thòisich Seònaid air ullachadh airson a turais. Fhuair i aodach ùrcòta dubh a dhèanadh an comanachadh agus am pòsadh, ad liath agus ite bhuidhe innte a bha aig Mèarag Chaluim anns abhùth bho linn cogadh nan con, brògan dearga agus bucaill ruadha annta bho fhear a chunnaic i anns anExchange and Mart.Fhuair Ruairidh deise ùr dhubh agus brògan buidhe.

Mu dheireadh thall thog iad rithe an dèidh abhò agus na cearcan fhàgail fo chùram Curstaidh Nèill, ach chan fhaigheadh iad duine aig am fàgadh iad an chaorach agus bfheudar dhaibh a thoirt leotha.

Ràinig an triùir aca Glaschu gun tubaist. Bha Màiri nan coinneamh (bha i air tulagram fhaighinn anns amhadainn sin fhèin— “Tha mi


[6] arriving , me andRuairidh”) agus bha sin cho math, oir chaidh Seònaid agus am bodach a thug bhuaipe a ticead a-mach air na h-aon deug. Shìthich Màiri i agus dhfhalbh i chun an taighe, ach gu tubaisteach chaidh iad suas an staidhre air abhus gus am faiceadh Seònaid am baile na bfheàrr, agus nuair a chunnaic Seònaid nach robhsgiobairann, mar a thuirt i-fhèin, chaidh i gu ùpraid.

Bha Ruairidh agus Seònaid latha anns abhaile ron phòsadh, agus a chionn gu robh Màiri cho trang ag ullachadh bha iad air an treòirostean fhèin. Bha Seònaid airson a dhol a thadhal air seann fhear ga feadhainn. Dhinnis Màiri dhi mar a gheibheadh i annansubawaymar a theireadh Seonaid fhèin a ghabhail gu Kelvinbridge. Dhfhalbh i-fhèin is Ruairidh agus an am beathach bochd bha e gus a dhol às a chiall. Chuir Màiri air ansubwayiad, ag ràdh rithe fhèin nach burrainn iad a dhol ceàrr, ach is beag a bha fhios aice bhaice. Chaidh Seònaid agus Ruairidh a chath dhith anns an dearbh àite anns na thòisich iad an dèidh a bhith timcheall trì uairean. Bha Seònaid glè chinnteach nach deach iad seachad air Kelvinbridge, ach cha robh bodach nan ticeadan den bharail sin idir.

Bha e tàmailteach le Ruairidh agus Seònaid atilleadh dhachaigh cho tràth, agus seach gu robh aig Ruairidh ri lìon sgadain a cheannach dhfhalbh iad air a tòir. Mu dheireadh ràinig e bùth mhòr uabhasach a bha, ann am briathran Seònaidna bu mhotha na Eaglais Cheann a Loch.” bha seo ach bùth mhòrLewis, agus chuir Seònaid agus Ruairidh seachad am feasgar innte alorg lìon sgadain, rud nach robh innte. Ach gu tubaisteach nuair bha iad adol a dhèanamh air an taighs ann a leig Ruairidh às an agus e dol a lasadh a phìob, agus an ath shùil a thug e cha robh sgeul air. Sheall iad thalls a-bhos, shìos agus shuas, afaighneachd do dhuine an siud is an seo am faca iadCaileag.”

Mu dheireadh thall thàinig àm dùnadh na bùthadh agus cha robh for air achù. Nuair chaidh Ruairidh agus Seònaid a-mach chun na sràide chunnaic iad poilisman an sin agus còta fada geal air, agus chaidh Ruairidh a dhfheòrach dheth am fac e Caileag. Cha be freagairt a bfheàrr a fhuair e. “Feumaidh,” arsa Seònaid, “gur eCommunista bha ann.”

Cha robh aig Seònaid agus Ruairidh ach a dhol dhachaigh gu trom


[7] tùrsach agus an dèidh ochd busaichean a ghabhail ràinig iad gu tèarainte taigh Màiri air an ath shràid.

Bha Ruairidh airson SOS a chur air awirelessairson achoin, ach cha leigeadh Màiri leis, ach chuir iad dhan phàipear e agus madainn aphòsaidh bha fear aig an doras leis.

Chaidh Ruairidh agus Seònaid chun aphòsaidh ann an tacsaidh, agus bfheudar don duine a bha leis acharbad seo acharbad a thionndadh agus a dhol a-mach ceann eile na sràide, oir cha deidheadh Seònaid thairis air pìos den rathad a bha aig acheann eile, chionn gu fac i daoine ga chur sìos air latha Sàbaid an uair mu dheireadh a bha i anns abhaile ann an 1926.

Cha robh Màiri air a dòigh an seòrsa aodaich a bha air Seònaid ach cha burrainn i càil a dhèanamh dheth. Ach cha leigeadh i leotha an a thoirt leotha idir. Cha do chòrd an t-searmon ri Seònaid idir. Cha burrainn i faighinn seachad air aphiàno a bha iad acluiche anns an eaglais.

An dèidh aphòsaidh chaidh iad do thaigh-òsda mòr agusabair thusa,” arsa Seònaid, “fidenalls.” Bha duine ann thall agus a-bhos ag èirigh a bhruidhinn. Cha robh Seònaid gu bhith air a fàgail air dheireadh, agus dhèirich i-fhèin is thug i facal comhairle air an òigridh agus dhinnis i don chuideachd mar chaidh i-fhèin iompachadh leis aMhinistear Ruadh.

Bha Màiri air a maslachadh ach bhan còrr gu tighinn. Chuir Seònaid crùn air a h-uile càil a bha ann nuair shèid i sròin leis aphìos pàipeìr a bha anns aghloinne air abhòrd.

Ach feumaidh sinn Seònaid agus Ruairidh fhàgail anns abhaile, oir tha iad ann fhathast agus tha e a’ còrdadh glan riutha mura biodh an t-eagal a tha orra gun caill an a’ Ghàidhlig.

Aonghas T. MacLeòid

title2.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page