21. MUR B’E
Mur b’e gun tàinig e an inntinn Thormoid gu robh suaip làidir aig an duine seo ris fhèin dòcha nach robh e air an dàrna sùil a thoirt air. Bha Tormod a’ fàgail Ghlaschu na shuidhe anns a’ bhus a bha ion ’s deiseil gus falbh chun an iar-thuath, is e car gruamach chionns nach robh iarraidh mhòr aig’ air a thuras. Bha e air obair a chall, air airgead a chosg, is a bhean a’ maoidheadh nach rachadh ise a dh’fhuireach ann an Lag-na-h- Abhainn no ann an àite eile tuath air Peairt. B’e sin a’ chrìoch a chuir an èiginn an cuimhne Thormoid gun dh’fhàg a sheanair croit a bha fàs bho chionn bhliadhnaichean, is bha e nis a’ siubhal air an dòigh a bu shaoire gus cuairt a ghabhail chun an iar-thuath is an dòchas gu faiceadh e nì a thogadh dòchas.
“Na bitheadh sùil agad ri brath bhuam airson greiseig,” thuirt e ri Lecsa. “Mas e Lagnahamhainn do lag.” ars ise, “cha bhi iarraidh agam air. ”Ach nuair mhothaich i mar lèon i e lean i oirre. “Ach chan eil mi ag ràdh nach còrdadh e ris a’ chloinn is far am bi thusa is a’ chlann is eudar dhòmhsa a bhith.”
B’ann air a’ mhisneachd meadh-bhlàth seo a bha Tormod a’ beachdachadh nuair thug e ’n aire don duine a thàinig gu cabhagach seachad air an uinneig ris an robh e na shuidhe. Cha robh am bus ach letheach làn is bha ’n t-àite suidhe ri thaobh gun duin’ ann. Sheas an duine mionaid a’ dèanamh gnothach ris an draibhear is nuair choisich e suas an trannsa thug Tormod sùil eile suas air, is dòcha na b’aoigheile na bha e ’m beachd oir sheas an duine ri taobh an t-suidheachain fhalaimh chuir e a’ chèis-làimhe suas air an t-seilf os an cionn, leag e e-fhèin ri taobh Thormoid is am bus a cheana a’ gluasad air falbh. Rinn e snodha gàire mar gu robh e glè thoilichte leis fhèin is thuirt e:
“Rinn mi an gnothach air.”
Ged bhrathadh fonn a chainnt àit-àraich chan fhòghnadh sin don duine ghasda seo is cha b’fhada gus an do thuig Tormod gum b’e Ted Rothach a b’ainm dà; gum b’ann à Ontario a thàinig e an ceartuair, gum b’ann às a’ Ghàidhealtachd a dh’fhalbh a chuideachd; gun dh’fhàg bràthair a sheanar, a chaidh gu Afraca-a- Deas beagan airgid ri bhith air a roinn a-measg sliochd a dhithis bhràithrean, gum b’e e-fhèin an t-aon ogha a bh’aig aon bràthair: gu robh ceathrar oghaichean aig a’
Dh’èisd Tormod ri aithris a bha a’ togail aire bho a dhraghan fhèin is thug e ’m barrachd aire dhà nuair dh’innis Ted nach robh esan a’ gabhail sgillinn de na dh’fhàg bràthair a sheanar chionns gur tric a chual e mun bhochdainn a ruaig a chuideachd às an dùthaich is bha còrr is na dh’fhòghnadh aigesan, oir, ged bha e pòsda cha robh teaghlach aige.
“Mur eil thu ag iarraidh do chuid den dìleab carson a thàinig thu à Ontario? Carson a tha thu dol gu Bàgh-na-fiasgan, àite air nach cuala mi iomradh gus an-diugh ged tha mi eòlach sa’ Ghàidhealtachd?” Cha robh Tormod a’ tuigsinn duine a bha a’ cur cùl ri airgead air an robh còir aige is aig an aon àm a’ siubhal air an dòigh a bu shaoire a b’aithne dhà.
“Cha tàinig mi nall a dh’aon ghnothach idir,” arsa Ted. “Thug gnothach eile mi nall. Dh’fhàg mi an‘secretary’agam a’ cagnadh a corragan le mì-fhoighidinn ann an Glaschu.” Thug e sùil air fhiaradh air aodann gach fir. “Ach gheall mi do dh’Fhearchar is do dh’Iain Rothach, is e sin oghaichean bràthair mo sheanar, gu rachainn gan tadhal is gu sealladh iad na seann làraichean domh. Ged nach bi mi shuas ach an dà oidhche is math leam an t-eòlas sin fhèin a chur air mo chàirdean, mo luchd-dàimh. Fhuair mi cuireadh blàth bhon dithis aca. Ged nach fhaca sinn a chèile tha mi ’m beachd gun tig sinn a-rèir a chèile is gheall Fearchar a bhith gam fheitheamh aig Bun-da-loch, a làmh sìnte gu h-aoigheil thugam nuair theàrnas mi gu talamh air an do choisich mo shìnnsear is àite air an tric an d’rinn mo sheanair luaidh.”
Bha Ted cho aon-fhillte, cho toilichte leis fhèin is le shuidheachadh is nach b’urrainn is nach tàladh e duine thuige is mar sin, mun d’ràinig iad a’ Chrion-làraich bha Tormod a’ fosgladh inntinn fhèin ri Ted. Anns a’ chiad àite bha e dèanamh gnè de rèiteach air a bheachdan ach air chùl sin chuimhnich e air iomadh fear a fhuair cuideachadh bho charaid air taobh thall a’ chuain is a shoirbhich na lùib.
Dh’èisd Ted ris an eachdraidh is bha Tormod gu dòchasach gus an duirt Ted aig ceann na sgeòile, mar gu robh e a’ toirt breithneachadh air
Mar gun cuireadh staid Thormoid is a bhriathran caran de ghruaimean air Ted shìolaidh an còmhradh gus nach robh facal eadorra. Bha Tormod a’ coimhead a-mach air an uinneig ach an-dràsda is a-rithist chitheadh e faileas an aodainn aig Ted ann an glainne na h-uinneige is ar leis gu robh plìon ghàire air an aodann sin is e toirt corra shealladh fon t-sùil air fhèin.
Ann an ùine bhig dh’fhairich Tormod a bhith toirt putag dhà gus aire a thogail is nuair thionndaidh e chuir Ted ceist air: Nach duirt thu gu robh thu a’ siubhal far an togradh tu fad na seachdain?
“Thuirt mi sin,” dh’aontaich Tormod.
“Nach bi sùil aig neach ri brath bhuat?”
“ ’Se sin as dùil leam,” fhreagair Tormod.
“Seadh matà, dè mu dheidhinn thu m’àite-sa ghabhail is thu dhol gu Bàgh-na-fiasgan a choimhead air Fearchar Rothach?”
“Dè bu chiall dhà sin? Chan aithne dhà mi.”
“Chan aithne dìreach. Is e sin cnag na cùise. Eisd rium mionaid. Thug mi leam a-nall an‘secretary’ .Is ann mar sin a tha mi ga h-ainmeachadh ach tha mi ann an dàimh nas tinne na sin air Liuis.” Chaog e na sùilean a’ coimhead air Tormod feuch an robh e a’ tuigsinn. “Nis chan eil mis’ gu bhith bhos ach seachdain agus is bochd leam dà oidhche a bhith dhìth orm is Liuis a’ cagnadh a meòirean às m’aonais ann an Glaschu. Ach gabh thusa m’àite. Mar thuirt thu chan aithne dhaibh thu, ni motha as aithne dhaibh mise. Gabh m’àite is pàighidh mi gu pailt thu.”
Mhothaich Tormod do phasg notaichean na làimh. Bha mealladh annta.
“Cha ghabhadh duine mise airson Canèidianach beartach,” thuirt e a’ cuimhneachadh air cho math is a chuireadh e am fonn Ameireaganach air a theangaidh le bhith a’ coimhead air cus telebhisean. Ach nuair thuirt e, “Ach dè theirinn-sa riutha?” bha fios aig Ted gu robh an latha leis.
“Chan eil agad ach ceistean a chur, a h-uile nì a mholadh, is ni thu cho math is ged b’e Ted Rothach a bh’aca.”
Ràinig iad an Gearasdan far an deach iad a ghabhail grèim cabhagach chionns gu robh Ted am beachd tilleadh às a sin gu Glaschu. Thug Ted a-mach litrichean. “Seo,” ars esan, “faodaidh tu sin a leughadh is bithidh tu cho fiosrach is a tha mi-fhìn. Seo dhut, tha mi’n dòchas, fiach do shaothrach, is bithidh Fearchar a’ feitheamh riut.” Thug e sùil air uaireadair is leum e gu chasan, thug e fàsgadh cridheil air làimh air Tormod is bha e gu sunndach a-mach an doras.
Air a shocair thog Tormod am pasgan litrichean is eile is rinn e air a’ bhus. Leugh e na litrichean is phaisg e gach nì seachad agus ged bha a smuaintean bun-os-cionn bha gnè de thoileachas ann a bhith dol air leithid de thuras. Cha robh faireachadh aige air mar bha tìd’ a’ ruith is e dealbh ciamar a ghiùlanadh e e-fhèin is mun tàinig a thuigse thuige dh’èigh an draibhear far a ghuala, “Seo Bun-da-loch. Nach robh fear am beachd fàgail an seo?”
Dh’èirich Tormod a’ toirt leis a threallaich, is rinn e air an doras. Chrom e cheann is tron uinneig chitheadh e na bha a’ feitheamh. Rinn e snodha gàire nuair chuimhnich e mar chanadh muinntir Ghlaschu nach bitheadh sgeul air poileasman nuair bha feum air chionns gu robh iad a’ falach anns na cùiltean air eagal gun cuirte dragh orra. Bha dithis an seo dhiubh. Bha fear is a chùl ri càr is e a’ coimhead mun cuairt mar nach robh dad a’ cur dragh air ach a bhith meas na h-aimsir. Bha trì striopan air a mhuilcheann-san ach cha robh striop idir air muilicheann a’ bhalaich throm a bha air a shocair a’ toirt suathadh air uinneig a’ chàr.
Nuair theàrnaich Tormod b’ann airson Fhearchair a bha sùil aige. Bha fear an sin gu dearbh aig an robh suaip ri Ted. Cha robh e àrd ach bha e garbh is a’ coimhead na bu ghairbhe chionns gu robh seacaid ghoirid de chlò ruighinn air, is an t-aon phutan a dhùnadh innte, dùinte mu mheadhan ged bha coilear na lèine fosgailt aig amhaich. Bha ad den aon chlò air, ad a chumadh an t-uisge gun sileadh air amhaich no air aodann, is fon aid seo bha aodann leathann dearg mar gu robh e air at le feirg.
Bha na sùilean glasa fuar. Cha robh aoigh air an aodann seo. Ged chitheadh e Tormod gu soilleir nuair ghluais am bus cha do ghluais e
Cha robh dol às aig Tormod a-nis is, a’ cur fiamh gaire air aodann, chuir e a’ chèis na làimh chlì is a’ sìneadh a làimhe rinn e air Fearchar.
“Nach tu Fearchar Rothach?” arsa Tormod a’ cuimhneachadh air fonn bruidhne Ted.
“Is mi Fearchar Rothach,” fhreagair am fear eile ach gun ghluasad na choinneamh. Ag àrdachadh a ghutha chuir e-fhèin ceist: “An tusa Ted Rothach.”
“Is mi,” thuirt Tormod is na bu dàine a-nis. “Is mi Ted Rothach is tha do litrichean agam ga dhearbhadh.”
Thionndaidh Fearchar bhuaidhe, ach gun ghluasad, thuirt e ris na poileasmain, “Seo agaibh Ted Rothach.”
Ghabh na poileasmain ceum mall na bu tinne agus thuirt fear nan striopan gu còmhraideach, “Is e Dòmhnallach a th’annam fhìn.”
Ged bha ’m balach eile trom na bhodhaig ghluais e gu sàmhach, sùbailte, is bha e aig uilinn Thormoid ged nach duirt e guth.
“Chuir thu ’n oidhche raoir seachad ann an Glaschu, nach do chuir?” Bha guth an Dòmhnallaich ciùin.
“Chuir,” dh’aidich Tormod is an t-iongnadh air fiamh a ghàire a dhubhadh far aodainn.
“Am bitheadh tu cho math is gun tigeadh tu còmhla rinn gu steisean a’ phoileis anns a’ chàr? Dìreach ceist no dha rim freagairt.”
“Ach carson?” thuirt Tormod, ach cuimhn’ aige gu robh duine sgoinneil ri thaobh. Choimhead e bho aodann gu aodann is lean e air. “Cha d’rinn mise cron sam bith.”
Thug an Dòmhnallach sùil gheur air mun duirt e, “Chan eilear a’ cur murt às do leth fhathast ach fhuaireas marbh am boireannach a chunnacas còmhla riut anns an taigh-òsda far na chuir sibh seachad an oidhche. Bu mhath leinn ceist no dhà a chur riut.”
Fhliuch Tormod a bhilean is thug e sùil air Fearchar a bha na sheasamh mar gun fhreumhaich a chasan anns an talamh. Cha robh cobhar an sin dà.
Eadar an dà phoileasman, mar eadar dà charaid dhlùth, choisich Tormod chun a’ chàir is shuidh e na chùl is fear nan striopan ri thaobh.
Tro uinneig chùil a chàir thug e sùil air ais far an robh Fearchar gan amharc le sùilean às-creideach. Thilg e smugaid mun do shreap e gu slaodach don chàr far na shuidh e crom air a’ chuibheil.
Ghlan Tormod a sgòrnan is gu teagamhach thuirt “Dòcha nach creid thu mi.. .”
“Is iomadh sgeul neònach a chluinneas ar leithid-ne,” ars an Dòmhnallach.
Eilidh Watt
title | 21. Mur B’E |
writers | Eilidh Watt |
internal date | 1985.0 |
display date | 1985 |
publication date | 1985 |
level | |
reference template | MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p |
parent text | Eadar Peann is Pàipear |