[81]

22. AN TAGHADH

Thug i sùil a-mach, far an robh reothadh mòr agheamhraidh air a sgiamh fhèin a chur air an uinneig, agus am feur a-nis còmhdaichte le dìomhaireachd mar lìon an damhain-allaidh.

Chaidh i mach is thug i ceum suas tron choille. Os a cionn bha geugan nan craobh mar mheuran tana cruaidhe caillich is i asnìomh snàth geal. Fo a casan bha na duilleagan reòiteiad lìomhte, is a dath fhèin air gach dhiubh. Chùm i oirre gus na ràinig i a ceann-uidhe, lochan beag shuas os cionn nan taighean. Chunnaic i e as t-samhradh, atoirt luaidh air guirmead an adhair agus air bòidhchead lusan an t-slèibhach an-diugh, bha e reòta agus e mar leug airgid. Bha e reòta ach aon oisean beag, oisean beag dorcha, thall fo na drisean. Cha robh ann ach pìos beag uisge, acur dubh air agheal a bha mun cuairt, agus na threas-meadhon bha eala asnàmh. Chunnaic i ann an- i. Chunnaic i ann i an roimhe. Bha i fhathast ann. Ach saoilsaoil nach do ghluais i uaireigin. Saoil nach tug i sgiathan na h-oidhche oirre agus nach do thill i le briseadh na fàire Bha i ann a siudbàn, fìnealta, a h-itean mar an canach fo ghrian uisgealach agheamhraidh. Bha i an siud, sona ach a bhith snàmh mun cuairt anns an oisean dhomh ud. Ach an robh i sona? An robh a thuigse aice a bhith sona no a chaochladh?

Sheas Fionnghal ga coimhead. Siud mar a bhiodh ise. Adol mun cuairt. Gu bràth adol mun cuairt an am prìosan dorcha is an saoghal geal a-muigh. Bha an saoghal gealltanach. Bha an saoghal saidhbhir, ach bha e uairean cho fuar ri reothadh agheamhraidh. Na h-oisean bhiodh i sàbhailte Is ged a bhiodh i ann am prìosannach robh i ann am prìosan dhi fèin?

Thug i sùil sìos air abhailean sgoil, an eaglais. Lean a sùil ris an eaglais agus às a sin gu taigh nan cailleach-dhubha. Taigh nan cailleach dhubhaan ath sheachdain bhiodh ise ann. Chuireadh i dhith gu bràth aodach an t-saoghail seo. Chuireadh i cùl gu bràth ri ana-mianna na feòla. Ach an robh ise làidir gu leòr airson sin? Nach robh i òg? Nach e an saoghal a shealbhachadh còir na h-òige? Thug i sùil eile air an eala. Bha ise gun tùr, gun toinisg is i sona a bhith snàmh an siud. Carson nach deach ise a dhèanamh mar sin, gun reuson, ach crìoch a bhith roimhpe ri choimhlionadh agus gun e an urra rithe fhèin? Ach bha e an urra rithe.


[82]

Chaill i a foighidinn ris an eala. Thog i bioran. Thilg i oirre e, is dhèigh iSeall! seall an t-adhar cho gorm. Seall e afeitheamh riut. Tha sgiathan agad. Carson nach itealaich thu? Carson a tha thu sona leis an toll sin, agus an saoghal farsaing ga do chuireadh? Nach eil iongnadh ort! Nach eil dìoimhaireachd nan linneachan acur dragh ort?” Ach chum an eala oirre asnàmh gu socair, sèimh.

Dhèirich i na seasamh, agus ghabh i ceum sìos chun abhaile. Fa comhair, bha an tràigh mar a bàbhaist agus amhuir ga sloisneadh mar a bha i o chian. Siud an lochan beag far na dhionnsaich i snàmh. Siud na bruaichean gainmhiche far am biodh iad aruidhleadh. An siud an sgoilan siud an t-achadh bhuntàta a chuir iad an uiridh. Bha abheinn na freiceadan geal agus a-nis bha gathan na grèine ga dath gu fiamh an òir. Leum a cridhe. Bha gach boinne fala a bha na cuislean fuaighte ris an àite seo. Bha grèim aig freumh gach craoibhe air a cridhe. Agus adol ga fhàgail! Nan deidheadh i staigh, dhfheumadh i fhàgail. Air falbh à seo bhiodh i mar chù gun mhaighstir, mar shruth gun uisge, mar òran gun fhonn.

Chuir i seachad an oidhche sin ri guidhe, ri reusonachadh, ri ùrnaighag ùrnaigh, ach co ris? An ann rithe fèin? An ann airson freagairt fhaighinn o h-inntinn fèin a bha nis mar sop san t-sruth? chreideadh i? Air acheann mu dheiread, nach robh e gu h-iomlan na làimh fèin? Nach tug a Cruthaidhear dhi inntinn. tuigse, toilagus dhfhàg e iùil a beatha aice fèin.

Dhèirich i samhadainn is mar a bàbhaist, theann a ceum ri na cnuic agus mu dheireadh gu Loch-an-eala. Bha an loch reòta ach a-mhàin an t-oisean udach cha robh eun no beathach agluasad. Bha an t-àite cho sàmhach ris an uaigh. An sin chual i gurag os a cionn agus chunnaic i sgaoth de ealaichean geala, ’s iad aseinns astiùireadh an cùrsa air deas. Bha sanais air tighinn thuca gu robh an t-àm a-nis ann, agus a dheòin no dhaindeoin, bha iadsan acoimhlionadh òrdugh achruinne.

Smèid i ris an eala. Rinn i gàire beag rithe fhèin. Gàire tiamhaidh, agus fiamh an aithreachais na sùileanach a-nis, bha fhios aicese a dhfheumadh i-fhèin a dhèanamh.

Mòrag NicCoinnich

title22.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page