[83]

23. TIODHLAIC NOLLAIG

Latha Nollaig air tighinn mu dheireadh is Pàdraig Beag mu chomhair na dìomhaireachd mhòir. Cha robh fhios aige ro mhath air amhadainn seo co-dhiù am bu chòir dhà a bhith sona no tùrsach.

Ged nach robh Pàdraig ach na naoi bliadhna seachad bha seòrsa de fhaireachadh aige gum be bròn a bha ceart is daoine ga fhaicinn. A leithid sin a dhaoine air aiss air adhart chan fhaca e riamh roimhe. Bu chòir dhà bhith tùrsach gun teagamh is ise bha coibhneil ris na laighe sachadal bhuan. Be sin a dhiarradh Iseabail piuthar a mhàthar air co-dhiù, agus bu shuarach an rud e ged leanadh e a seòl-se aig a leithid de àm.

Chan e gu robh e gu math sam bith snuadh abhròin a bhith air daghaidh ma bha aighear nad chridhe. An robh e atoirt a chreidsinn air fhèin gu robh e duilich? Cha robh. Bha e ga h-ionndrain gun teagamh, ’s ann dhà a thigeadh. Gu dearbh nan cumadh e air an rian sin cha bfhada gus am bitheadh e-fhèin acaoineadh cho math ri piuthar a mhàthar.

Cha robh e adol a chaoineadh. Cha be mulad idir a thàinig an uachdar oir be an sealladh mu dheireadh a fhuair e dhith sealladh ciùin sona, fiamh air a h-aodann nach fhaca e bho chionn seachdainean fhads a bha i air a lèireadh le euslaint.

Cha be seo achiad turas a thàinig am bàs gu math dlùth do Phàdraig. Bha fìor-chuimhne aige nuair chaill e achiad mhàthair a bhaige, ged nach robh e buileach trì bliadhna nuair thachair e. Be siud an aois a thuirt iad ris fada an dèidh siud.

Cha robh achiad mhàthair ach bochd mar bha mòran timcheall oirre an sràidean caola abhaile-mhòir. Bha an sòlasan fhèin aig gach teaghlach a dhaindeoin sin agus iad adèanamh an dìchill gu bhith cho adhartach ris na daoine man timcheall.

Ged nach robh cuimhne rèidh aig Pàdraig air mar thachair na chiad dhachaigh chan eil teagamh nach dfhàgadh claisean na inntinn nach rachadh a lìonadh gu sìorraidh. Ciamar a thachair aig àm na Nollaig is gun e fhathast trì bliadhna a dhaois? Bha na giobaill eile afaotainn rudeigin bho phàrantan no luchd-dàimh, agus bha Pàdraig cho dànas gun dubhairt e sin ri a mhàthair. Mar nach bitheadh abhochdainn


[84] dona gu leòr, thàinig an tinneas na car. An robh e ga mhealladh fhèin, no na gheall e dhi fhads a bha i ga aithneachadh, gun toireadh esan tiodhlaic Nollaig dhi cho luaths a choisneadh e airgead air a shon fhèin?

Ma gheall cha do sheas e dearbhadh. Dhfhuasgail am bàs e bho choimhlionadh agheallaidh mun gann a ruith abhliadhna gu ceann.

Cha robh sin ach saoghal eile. Thugadh Pàdraig air falbh às abhaile mhòr agus fhuair e dachaigh ùr. Ghabh Màiri Banntrach Alasdair cùram dheth, agus ged nach robh i dad na bu shaidhbhire an gnothaichean an t-saoghail na bha an a dhfhalbh chan eil teagamh nach robh i saidhbhir an dòighean eile.

Thug muinntir na Glaic Uaine an aire cho piollach truaghs a bha Pàdraig nuair thàinig e. Is gann a chumadh an deise ùr a bhair, làidir tiughs gu robh i, am falach an gainne feòla air a bhodhaig. Thuirt iad riutha fhèin gum be an t-àgh a chuir an rathad e, agus gu h-àraidh an rathad Banntrach Alasdair. Bha fhios aca nach bitheadh mòran air fhàgail aig ceann na seachdain dhe na tasdain a bha i afaotainn on Stàit airson Pàdraig a chumail.

Cha robh Pàdraig -thaingeil. Cha bann le briathran a nochd e a thaingealachd, ach le aghaidh aoigheil agus ceum aotrom. Cha robh an còrr a dhìth air Màiri Banntrach Alasdair. Chaidh Pàdraig don sgoil agus lean soirbheachadh ris an sin mar an ceudna.

Cha robh achlann eile -choibhneil ris, oir cha be seo achiad dhìlleachdan a chunnaic iad atighinn don Ghlaic Uaine. Bha balach an siuds an seo agus corra chaileag cuideachd, atrèigsinn seann èolaich agus acumail a-staigh air achoigreach. Rinn cuid spleuchd de na bloighean Beurla a bhaca agus moit orra gum burrainn daibh bruidhinn ri Pàdraig na chànain fhèin. Chan e gu leigeadh iad a leas sin, oir bha Pàdraig ag ionnsachadh na Gàidhlig na bu luaithe na bha iadsan ag ionnsachadh na Beurla.

Tha balach tapaidh an siad agaibh,” ars am maighstir-sgoile ri Màiri Banntrach Alasdair aon latha Sàbaid is iad atighinn dhachaigh às an eaglais. “na bith càit an dfhuair sibh e”. “Tha e sin,” fhreagair Màiri, “cha dèanadh mac na bfheàrr”.

Cha dfholaich Màiri bhuaipe fhèin no bho Phàdraig sgeul nam


[85] bliadhnachan bho thoiseach. Is minig a bha iad acòmhradh air amhàthair a chaill e. Theagamh gun do dhaingnicheadh am meas air achèile anns an dòigh sin na bu treasa na ghabhte dèanamh air dòigh sam bith eile.

Dhfhàs na sgoilearan eòlach air Pàdraig; bha e mar aon dhiubh fhèin. Cha robh an latha buileach leis, oir dhùisg fhileantachd farmad an àite no dhà. Be Calum Mac-an-Aba am prìomh-sgoilear mun tàinig Pàdraig; bfheudar dhà a-nise an inbhe ud a leigeil bhuaithe. An rud nach dèanadh Calum a-staigh anns an sgoil, dhfheuch e ri dhèanamh air an raon-chluiche. Cha do dhearmad e cothrom Pàdraig a chur air a dhruim-dìreach anns gach gleachd a bhitheadh ann.

Bha seo na bfhurasda do Chalum na bu chòir dha bhith, oir cha robh nàdar aghearain am Pàdraig. Cha mhotha a bha Màiri comasach air a chòir a sheasamh. Bha i strì ris achroit moch is anmoch agus nach be sin, a-rèir mar thuirt na nàbaidhean, a thug an gaiseadh innte mu dheireadh. Cha robh Màiri idir gu math.

Cha do chùm an lighiche ainmeil fada i. Thuirt e rithe tilleadh dhachaigh agus gach cùis a rèiteachadh eadar i-fhèins a teaghlach. Cha robh sin ach achomhairle a bha aige, smaoinich Màiri, do gach duine anns an t-suidheachadh seo gun fhaighneachd an teaghlach a bhann no an robh teaghlach idir ann.

Bha Iseabail, piuthar Màiri, aig an taigh na h-àite agus gu fortanach, ma bha sgeul air fortanach, ma bha i comasach agus deònach fuireach còmhla ri Màiri. Bha Màiri aoidheil ris na h-uile. Shaoileadh tu gum bu mhath leatha a dhearbhadh nach robh i acur achoire airson a cor air duine beò. Bha an latha agiorrachadh. Mar lùghdaich an solas anns an speur, dhfhalbh an solas à sùilean Màiri beag is beag. Bha fhios aig Iseabail agus aig na coimhearsnaich nach maireadh i fada.

Bha Pàdraig amothachadh gu robh a mhàthair glè thinn. Ma thuig e bha anns abhàs cha do ghabh e air e. Be rud a bhann a bha tachairt do fheadhainn eile.

Bha an Nollaig dlùth agus othail am-measg nan sgoilearan fa chomhair achuiridh bhliadhnail a bha afeitheamh orra gu taigh na baintighearna aig ceann shuas an loch. Bha Pàdraig còrr is naoi bliadhna a-nise agus air teachd gun inbhe a leigeadh leis a dhol gun chuirm airson na ciad uair. Neo-air-thaing sgeul dhàsan agus don


[86] fheadhainn òg eile bho na sgoilearan mòra a bha thalls a chunnaic mun ghreadhnachas a bha romhpa.

Cha chuireadh , eadhon tinneas a mhàthar, an cruinneachadh seo à smaointean Phàdraig. Thàinig an latha ro Nollaig agus thuirt Màiri ri Iseabail tràth den latha, “Bi cinnteach a-nise gun tèid Pàdraig gun treut a-nochd.” Cha duirt Màiri mòran an dèidh siud.

Bha cuirm na Nollaig cho maths a bha an t-ainm. Bha Pàdraig cho cinnteachs a burrainn aon de aois a bhith nach fhac e a leithid riamh agus nach robh e an comas duine na bfheàrr a shealltainn dhà gu bràth tuilleadh. Thàinig Bodach na Nollaig agus shìn e do Phàdraig poca shuiteas agus neapaicinn pòcaid! Bha na h-uile riaraichte agus thàinig deireadh na cuirme. Chruinnich còmhlan beag na Glaic Uaine agus ghabh iad an ceum dhachaigh.

Sìos an rathad còmhla ri Pàdraig bha Calum Mac-an-Aba agus dithis no triùir eile. Bha cagnadh gu leòr air rudan milis ach thug Calum an aire nach do bhlais Pàdraig air a chuid fhèin.

tha thu adol a dhèanamh leis na suiteas?” arsa Calum ri Padraig. “Tha mi adol gan toirt dhachaigh gu mo mhàthair”, fhreagair Pàdraig. “ ’S tu nach eil”, arsa Calum, is càch astad a dhèisdeachd, “chan e do mhàthair a thinnte co-dhiù. Tha fhios againne glè mhath cia às a thàinig thu”. “Tha mi coma”, arsa Pàdraig, adèanamh grèim na bu daingeann air na bha na dhòrn, “tha mi adol gan toirt dhachaigh co-dhiù. Mhothaich am fear eile le -thlachd nach robh Pàdraig air a leòn cho mòrs a bha dùil aige.

Thòisich Calum a-rithist. “Cha toir thu dhachaigh iad. Thoir aonan dhòmhsa.” Le sin spìon e am poca à làmhan Phàdraig agus siud na suiteas sgapte air an làr mun timcheall. Dhfhàg Pàdraig Calum acruinneachadh nan suiteas agus thug e ris na buinn. Bha an neapaicinn aige fhathast.

Bha dithis de na coimhearsnaich a-staigh còmhla ri Iseabail. Bha e furasda gu leòr do Phàdraig coiseachd gu fiathach agus bruidhinn air a shocair mar bha iadsan adèanamh. Nach be sin an cleas a bhaige a-nise bho chionn sheachdainean.

thagad an sin?” arsa Iseabail. Sheall Pàdraig dhi an neapaicinn-pòcaid agus thuirt e. “ ’S ann dha mo mhàthair a tha e”. Chaidh e-fhèin is Iseabail a-steach don t-seòmar gu socair. Bha Màiri na sìneadhs a


[87] sùilean dùinte. Cha duirt aon seach aon guth. Chuir Pàdraig an neapaicinn fo na meòirean os cionn an aodaich agus chaidh iad a-mach air ais.

Bha Pàdraig air a chois tràth an -ar-na-mhàireach. Bha barrachd na bàbhaist air aiss air adhart, na h-uile gu stòlda, ged nach robh feum air stòldachd an-diugh. Bha Màiri far nach cuireadh straighlich an t-saoghail diugh oirre tuilleadh.

Thug Iseabail Pàdraig a-steach ga faicinn. Shaoil leis gu fac e fiamh air a h-aodann nach fhac e riamh roimhe, agus bha an neapaicinn paisgte na làimh dheis. Dhinnis Iseabail gun drinn Màiri seòrsa de dhùsgadh feadh na h-oidhche. Sheall Iseabail an neapaicinn dhi agus thuirt i, “Seo agad tiodhlaic Nollaig bho Phàdraig”. Thàinig an aoigh sin air a h-aodann agus dhùin i a sùilean airson an uair mu dheireadh.

Bha Iseabail acaoineadh. “Chan eil seo ach Nollaig thruagh dhutsa, a Phàdraig a luaidh”, ars ise. Cha duirt Pàdraig guth ach be an sòlas, agus cha be am bròn, a fhuair làmh-an-uachdair na chridhe.

Dòmhnall Grannd

title23.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page