28. AN TIODHLAC NOLLAIG
Còig bliadhna fichead! Na inntinn fhèin chaidh Seumas a-rithist thairis air an àireamh. Cò shaoileadh gu robh sin ann o chuir e chùl ri Gleann Iorais; ach sin mar tha bliadhnaichean beatha an fhir-allabain. Chaidh Nollaig is Nollaig seachad; uairean chuimhnicheadh Seumas gur e àm Nollaig a bh’ann—mar bu trice cha chuimhnicheadh. Bha sin a-rèir an àite ’s na cuideachd san robh e aig an àm, agus chunnaic Seumas iomadh àite ’s cuideachd neònach na shiubhal.
Sgrìob litreach cha do chuir e dhachaigh san ùine sin, agus ni mò fhuair e sgeul air a chuideachd on latha sheòl e à Cluaidh. Cha b’fhios da phàrantan am bu bheò no marbh dhà. Gun teagamh bhiodh ceistean gam faighneachd nuair thachradh seòladair air chuairt an Gleann Iorais, ach cha b’urrainn eadhon a’ chuid dhiubh a sheòl na seachd cuantan sgeul mhath no olc a thoirt air Seumas—tha an saoghal farsaing ’s cha do thachair a h-aon dhiubh air nan cuairt. Dhealaich e-fhèin ’s a phàrantan an gruaim ’s ged thigeadh iad fo chomhair sùil inntinn tric gu leòr, cho tric sin ghrad mhùchadh e chuimhne ’s a chogais. Bu mhiann leis a bhith ga mhealladh fhèin gu bhith creidsinn gu robh an dealachadh gun chomas leasachaidh.
Ach mar theann an Nollaig seo bha an dachaigh ’s na dh’fhàg e a’ briseadh a-steach air saorsa inntinn na bu trice na riamh roimhe. A dh’aindeoin a dhìchill gu bhith fuadach nan smuain anshocrach, cha mhaireadh an fhois mheallta seo ach tamall. Bha am bàta am port-mara Bhalencia an ceann a deas na Spàinne. Bha ’n Nollaig mu dheich latha air falbh ’s cha robh coltas gu seòladh iad gu dèidh na Bliadhn’ Uire.
Cha robh talla dannsa no taigh-òsda, cha robh àite san lorgte fearas-chuideachd, nach do thadhail Seumas ’s e sìor theicheadh o ghuth cruaidh an-iochdmhor na cogais. Ach cha robh teicheadh ann dhà.
’Se feasgar na Sàbaid a bh’ann. Bha Seumas an dèidh oidhche mhì-rianail a chur seachad an talla dhuanaidh air aon de chùl-shràidean a’ bhaile, ’s bha e nis a’ stiùireadh a cheuman mar b’fhèarr a dh’ fhaodadh e chun a’ chidhe. .. nuair bhuail air a chluasan fonn laoidh a sheinn e gu tric na bhalach san sgoil Shàbaid. Stad e. Rinn e sin gu tàrsainn às mar gum biodh an ceòl ga dhìteadh. Stad e a-rithist. Dha aindeoin bha
“Eisd ri guth nan ainglean naomh
Seirm a chliù le caithream binn;
Sìth air thalamh, ’s tròcair chaomh—
Urram ’s Glòir am feasd don Rìgh.”
Bha an laoidh cho ùr ’s cho drùiteach ’s a bha i a’ chiad latha a sheinn e i an cuideachd a cho-aoisean san eaglais aig an dachaigh. Chuimhnich e cho moiteil ’s a bha mhàthair nuair chaidh a thaghadh gu seinn anns a’ chòisir aig seirbhis mhaidne Latha Nollaig. Chunnaic e clachan beag fo fhasgadh nan àrd-bheann ’s iad fon culaidh shneachda; a’ ghrian gu lainnireach ag òradh slios nam beann; lorgchas an luchd adhraidh a’ treòrachadh o gach dachaigh an Gleann Iorais a dh’ionnsaigh an aon cheann-uidhe—an eaglais.
An cluais dhìomhair na cuimhne chual e rithist fàilte chridheil na Nollaig o shean ’s o òg mar choinnich iad aig doras Teampall Dhè.
Chrom e cheann ’s shruth na deòir o shùilean. Lìon mulad a chridhe is tùirse throm na cionta inntinn. Mar gum biodh an aisling chuala e an guth. .. “Thig a-steach a mhic, thig a-steach maille ri càch.” Guth ciùin, sèimh làn co-fhaireachaidh is gràidh. Thog e shùilean ’s chunnaic e am fear-teagaisg a’ cromadh os a chionn. Bha a làmh air gualainn an t-seòladair—làmh làidir, gidheadh càirdeil. Gu bog balbh dh’èirich Seumas agus lean e an searmonaiche steach don taigh-adhraidh—steach do Thaigh Dhè airson a’ chiad uair an còrr is fichead bliadhna. Fhuaras àite dhà ged a bha seomar beag ’s e cur thairis mar tha le luchd-adhraidh. Thog e ghuth maille ri càch ’s bha cliù is moladh Dhè cho milis air a bhilean ’s a bha e a’ chiad latha sheas e sa’ chòisir an eaglais Ghlinn Iorais.
An dèidh na seirbhis chaidh e còmhla ris a’ chuideachd do sheòmar
Cha b’urrainn e na briathran ud fhuadach às a chridhe. .. “Eiridh mi agus thèid mi dh’ionnsaigh m’athar agus their mi ris, ‘Athair, pheacaich mi an aghaidh flaitheanais agus ad làthair-sa’ ”. Airson a’ chiad uair, faodaidh na bheatha, bha Seumas aghaidh ri aghaidh ris fhèin agus làn mhothachadh aige air a’ ghnè duine bh’ann dheth.
Thill e thun a’ bhàta mar neach a bh’air ciall is brìgh air choreigin a lorg na bheatha. Cha chreideadh a chompanaich air bòrd gur e a bh’ann—bha iad cho cleachdte ri fhaicinn a’ snàgail air bòrd fo dhalladh na daoraich. Cha robh mòran cadail ann dhà an oidhch’ ud. Tràth sa’ mhadainn bha e far an robh an sgiobair, ag iarraidh cead saor-làithean gu toiseach na Bliadhn’ Uire. Fhuair e siud, thog e na bha air a dhol ma seach dhà de phàigheadh, ’s le phoca seòladair air a ghualann thog e air.
Thàinig an geamhradh tràth an Gleann Iorais. Mu thrì seachdainean ron Nollaig theann i ri sileadh an t-sneachda ’s cha do thog i airson iomadh latha. Madainn latha Nollaig bha an gleann fo bhrat throm gheal. Bha e cho domhainn dlùth ’s gum bu chunnart do dhuine no ainmhidh dhol fada thar ceum an rathaid. Chan fhacas a leithid o chionn fhada.
Sheall Donnchadh a-mach air na bha ris de leòsan na h-uinneige ’s chrath e cheann. Bha e-fhèin ’s Màiri deas airson na h-eaglaise o chionn còrr is leth-uair ach cha robh iad cinnteach mun oidhirp a dhèanamh. Aig ceithir fichead chan eil an corp cho fulangach no chas cho aigeannach ’s a bha iad, ’s cha b’aimsir i nach meataicheadh càraid bu chalma na Donnchadh is Màiri.
“Cha robh ar n-àite riamh falamh, a Dhonnchaidh, ’s cha bhi fhads a bhios an cothrom againn Taigh Dhè a ruigheachd,” arsa Màiri a’ baganachadh na beannaig mun cuairt a h-aide. “Glè mhath, a bhean,”
ars an seann duine, “ach ma thèid thu ’m bogadh eadar seo is Cnoc na h-Eaglaise, cò bheir às thu? An achlaisean a chèile thog iad orra; uair no dhà chaidh Màiri fodha gu ruig na cruachain ach le còmhnadh a fir thàrr i às.
“Chan fhaca mi leithid a shìde on bhliadhna.. .” Stad Donnchadh car clisg, agus ged chrìochnaich e. .. “on bhliadhna chailleadh Calum Posta air mòinteach Anasdail,” thuig Màiri nach e seo idir a bha e dol a ràdh ach— “on bhliadhna dh’fhalbh Seumas.” Bha bhliadhna sin anabarrach dona le sneachda. Rinn i osna, ’s an còrr cha dubhairt a h-aon aca gun do ràinig iad an Eaglais.
Chuireadh an fhàilt’ àbhaisteach air na càirdean uile—bha iad ann às gach ceàrn den ghleann a dh’aindeoin sneachda, o chlann na sgoile gu seann daoine chunnaic còrr is ceithir fichead geamhradh. Chaidh iad a-steach don Eaglais, gach aon a’ bualadh an t-sneachda far am brògan ri ursainn an dorais. Chaidh an t-seirbhis air adhart le seinn, ùrnaigh, leughadh is searmonachadh ’s bha am ministear air an laoidh chrìochnachaidh a thoirt a-mach nuair a dh’fhosgail an doras ’s a choisich an coigreach a-steach. Air fosgladh an dorais is fuachd na h-oiteig reòta thàinig na chois, thionndaidh gach ceann. Stad an coigreach car tiota, ’s an sin le ceum socair cinnteach ghabh e suas an trannsa agus sheas e maille ri càch sa’ chòisir a bha nis air am bonn airson an laoidh mu dheireadh a sheinn. Cha d’aithnich neach an làthair e ach nuair thog e ghuth maille ri càch sa’ chòisir chlisg Donnchadh agus stad a bhriathran am meadhon an fhuinn. Thàinig briseadh an guth ciùin Màiri ’s i mar gum biodh a’ sìneadh fradharc nan seann shùil o cheann shìos na h-Eaglais gu grèim a dhèanamh air a’ choigreach.
Chrìochnaich an t-seirbhis. Thaom an sluagh a-mach ach sheas Donnchadh is Màiri an dara taobh. Thàinig an coigreach dìreach far an robh iad. Sheas e gan amharc ’s iadsan ag amharc air, ’s an sin bha ghàirdeanan mun cuairt orra le chèile. “Athair.. .” ars esan. “A mhic.. .” arsa Donnchadh. Ach bha Màiri balbh, a ceann air uchd a mic ’s na deòir a’ ruith sìos air a gruaidhean. An sin bha làmhan a mhinisteir air an guaillean, aoibhneas na ghnùis ’s e tuigsinn gu robh am feitheamh seachad, gu robh am Mac Stròigheil air tilleadh. “Rachaibh dhachaigh le ur Tiodhlac Nollaig, agus beannachd an Tì a thug an Tiodhlac maille
Cha robh an t-slighe buan na doirbh leis an t-seann chàraid ’s iad an taic gàirdeanan calma am mic, a bh’air tilleadh gu bhith leotha na chòmhnadh nan seann aois. Bu bhinn an guth, ’s bu bhlàth taingeil an cridhe mar thog iad an salm aig adhradh an fheasgair:
“Is anns gach tìr san robh iad siud
Do chruinneachadh iad leis,
On àird an ear ’s on àird an iar
On ard a tuath is deas.”
Bha copan an sòlais làn, na Tiodhlac Nollaig thar luach.
Cailein T. MacConnich
title | 28. An Tiodhlac Nollaig |
writers | MacKenzie |
internal date | 1985.0 |
display date | 1985 |
publication date | 1985 |
level | |
reference template | MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p |
parent text | Eadar Peann is Pàipear |