[113]

29. AN COMHRADH

Tha mi toilichte gun tàinig thu. Chan e mo choir-sa nach robh thu seo roimhe, ach leis an fhìrinn innsese Tormod fhèin bu choireach. ..

Pian? Bha e cho geal air an deireadh. Sia bliadhna deug cuideachd. (Sin an aois a bha e. An e bliadhna thaigort fhèin?) Ach tha sinn ann an làimh Dhè. Nach eil cuimhnagam an latha a ghoid sibh an silidh air achaillich, ’s a ruith sibh? ’S an oidhchea chroch sibh an radan bhon ròpa am meadhon an taighe? Tha cuimhnagam air.

Cha robh Tormod airson a chluinntinn idir aig an deireadh. Ach bha am ministear a-staigh gun sgur. O cha robh e furasd. Bhiodh e na laighe an siud, cho geal, ’s am ministear afeuchainn ri innse dhà cho donas a bha e. Cha chreideadh e e an toiseach. Na cha do smaoinich e air. Ach dhinnis sinn dhà e. Dia! Dhfheumadh e smaoineachadh air. Dia is teine ifrinn.

Ministear math cuideachd, chan e ur ministearan maide. Cha robh càil air aire Thormoid an toiseach ach gàireachdainn. Cha robh e tuigsinn cho faisgs a bha e air abhàs. ’S dhinnseadh e gach a rinn e, ’s e na shuidhe anns an leabaidhan oidhche a bha sibh agnogadh air na dorsans an oidhche a leig sibh each Mhurchaidh saors e aruiths aruith: ’s mu dheidhinn na sgoile cuideachd. Am prìnes an luch! Bha e cur eagal orm, na nithean sin. Ach esan, cha robh ann ach fealla-dhà dhàsan.

Ach bha am ministear dìleas. Uaireannan chanadh e ruimsa: “Chan urrainn sinn càil a dhèanamh. Togaidh e am Bìoball ach leagaidh e e an ath-mhionaids e asealltainn rium. ’Sann a shaoileadh duine gur e nàmhaid thannnam dhà, an àite. .”

Achse ministear math a bhann. Latha an dèidh latha thigeadh e.

Tha cuimhnagama aon oidhche. Chuala mi Tormod asgriachails chaidh mi steach. Bha aodann na bu ghile na bàbhaist. Dhèigh e orms ruith e mi null far an robh e. Chuir e a cheann air mo bhroilleach, is fhlat fliuch le fallas. Bha am ministear na shuidhe air achathairs a bhata na làimh.

tha ceàrr?” thubhairt mi ri Tormod. “ tha ceàrr?”


[114]

Tha e ag ràdh,” chuala mi e arànail, “tha e ag ràdh gu bheil mi.. .”

Seadh, a ghràidh?”

Gu bheil mi.. .” Cha mhòr gu faigheadh e air bruidhinn.

Gu bheil mi.. .”

. . .dol a. ..

bhàsachadh!”

Tha sinn uile dol a bhàsachadh,” ars am ministear. Cha dubhairt mi smid. burrainn dhomh a ràdh, ’s mo làmh aruith tro fhalt. burrainn dhomh a ràdh? Nach en fhìrinn a bhaig amhinistear? Ach air mo shon-sa. ..

Bu chòir dhuinn ùrnaigh a dhèanamh,” ars am ministear, ’s lùb sinn ar glùinean.

Bhon oidhche sintaing do Dhiathòisich e aleughadh aBhìobaill mar gum biodh e air eagal a ghabhail. Ach aig amannan bhiodh e asealltainn riumsa mar nach robh e atuigsinn rudeigin. Dhèigheadh e orm ach aig acheart àm. ..

Agus, a thaobh amhinisteir, bhiodh Tormod ga iarraidh-san cuideachd na bu trice na bha e gam iarraidh fhìn mar gum biodh fhios aig amhinistear air rùn-dìomhair. .. Is sguir e dhinnse nan sgeulachdan ud. Cha robh e agàireachdainn a-nis idir. Bha e na bu shàmhaiche na chleachd e. O bha e an làimh Dhè, bha sin soilleir gu leòr. Chuir am ministear fhèin umhail air.

Tha e cho math,” bha eg ràdh, “cho ciùin, tha a bheatha afosglad dhà.” Airson uairean de thìde air cheann bhiodh e sealltainn suas ri mullach an taighe gun ghluasad.

An oidhche bhàsaich e bha e cho sàmhach. Cha mhòr gu robh e bruidhinn idir a-nis ach ga mo leantainn le a shùilean air feadh an taighe mar gum biodh eg iarraidh rudeigin. Dhfhaighnich sinn dhà aon latha an robh e airson gin de a chompanaich fhaicinn ach cha robh. Co-dhiù cha do fhreagair e sin. Aig amannan nuair a bhiodh aghrian ann chuireadh e a làmh air abhalla anns abhlàths.

Bha e aleughadh aBhìobaill dìreach mus do bhàsaich e. ’Se am Bìoball an aon leabhar a bha mi toirt dhà. Thuit am Bioball às a làmhan chun an làir. Chaidh mi null gu thogail asmaoineachadh gur ann air tuiteam na chadal a bha e ach cha bann, ’sann bha e marbh. Be


[115] latha teth a bhanns tharraing mi na cùirtearan.

Tha cuimhne agam gu robh an làr fon Bhìoball blàth leis aghrèin. Ach bha am Bìoball fhèin fuar nuair thog mi e, cho fuars gun chuir e gairisinn orm, mar gu suathadh duine ann an iarann a tha trom le deigh.

Iain Mac a’ Ghobhainn

title29. An Còmhradh
writersIan Crichton Smith
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page